Craobh Nan Ubhal

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O chraobh nan ubhal, o,
Craobh nan ubhal, geug nan abhull,
O chraobh nan ubhal, o.


Tha craobh agam anns a' leas,

Tha i fàs gu dìreach bras;

Thig mo leannan 'ga toirt às,

'S aithnichidh e cò chraobh is leamsa:

Craobh is mìlse 's is fheàrr ùbhlan,

Craobh is duinne 's truime ùbhlan,

'S bheir e leis mi fhìn air leth,

'S e mi fhìn a bheir e leis.