Creach Na Samhna
Oidhche Shamhna rinn iad sprùilleadh,
Gàrraidhean càil air an spùilleadh;
Nam biodh agam beagan ùine
Rachadh na bh'ann a chùnntadh;
Lachainn Bàn is Iain MacUisdein,
'S Alasdair Mac Néill Mhic Dhùghaill.
[Séisd:]
'S i 'n Dubh Ghleannach a bh'ann,
Hò rò ghealladh, na có chuireadh i,
Trom oirre seinn.
B'e siud an càl a fhuair a riasladh
A bha fàs an gàrradh Iagain.
Cah robh gillean òg' a riamh ann
Ach bodaich 's an cinn air liathadh.
Chaidh chuid mhór dh'an Rubh' an Iar dheth;
Thug Mac Gille Bhràth ma chiad leis.
Cha chualas a leithid de stàplaich
O'n gheamhradh a phòs Mac Phàidein;
Cha robh duine beò 's an àite
Nach do thruis a ghoid a' chàil e.
Thàinig Mór 's Aonghus Mac Aoidh
'S Uilleam Dòmhnallach gu làidir.
Tha na daoin' air fàs cho dàna,
Thàinig iad o thaobh an t-sàile.
Bha Eòghann Mac Gille Bhràth ann,
Alasdair Eòghainn 's a bhràthair;
Bha fear eile 's fiasag bhàn air
Coltach ri Eòghann an Tàilleir.
Bha iad ann ás gach àite,
'S fear a' Chùil a Tuath gu h-àraidh;
Daoine móra, luatha, làidir,
Peadair Iain Mhuileir 's a bhràthair.
Bha Steaphan mac Aonghuis bhàin ann,
'S Alasdair bràthair a mhàthair.
Nuair chaidh Iagan chur 'n a fhàireachadh
Fiach an dèanadh e'n aithneachadh,
Chunnaic e le soillseadh na gealaich'
Boillsgeadh de Sheumas mac Ailein ann.
Shìn e air cho luath ri dealanach,
'S chuir e ruaig gu Allt na Maiseadh air.
Thuirt Iain Mac Uisdein ri Alasdair,
"O'n tha oidhche bhrèagha ghealaich ann,
Bheir mi-fhéin 's tu-fhéin leinn eallaich às,
'S tiotaidh sinn a-null am "barren" leis;
Ach faigh an dùdach 's cuir a falach i
Air eagal gun dùisg iad "Penny" leis."
Mas a th'ann fìor a tha m'amharas
Gu robh feadhainn ann á Mira;
Bha Ruairidh Eòin air an ceann ann,
'S e 'g iarraidh càil gu feòil a' Gheamhraidh;
Calum Mac Carmaig 's e cho sanntach,
'S thug e còrr is lethchiad plannd leis.
Chualas staraban 's 'a ghàrradh
Có bha siud ach Maighstir Archaidh,
Lachaidh Iain air a shàiltean,
'S mocaisean air mar a b'àbhaist;
Leum e deich troighean a dh'àirde,
'S thug e leis na cliathan slàn ás.
Nuair thruis iad ann ás gach àite
Cha toilleadh trian dhiubh 's a' ghàrradh;
Sgianan ac' cho geur ri ràsoran
'S iad fiachann có bu mhotha thàireadh.
Aonghus Mór mac Ailein Ghràiseir,
Spìonadh e na craobhan slàn leis.
Bha Mac Iosaig an taobh eile dheth,
Bha esan 'g a roinn gun deireas air,
Fad na h-oidhche 's féileadh goirid air,
'S e cho luath, 's e 'n luathmharc bheireadh air.
Dòmhnall Bàn a bha 's an eilean,
Gun sguab e leis na dhà mu dheireadh dhiubh.
Beagan roimh éirigh na gréine
Chunnacas dithis ás an léintean
'Nan ruith as déidh a chéile,
'S iad feuchainn an tàireadh iad fhéin dad.
An tàilleir a Beinn a' Bhaoghla,
'S Uisdean mac Aonghais mhic Raghnaill.