Crò Chinn t-Sàile
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Théid mi dhachaidh
Dhùthaich m'athar;
Théid mi dhachaidh
Chrò Chinn t-Sàile.
Théid mi dhachaidh
Dhùthaich m'athar;
Théid mi dhachaidh
Chrò Chinn t-Sàile.
Théid mi-fhéin
Leam fhéin, leam fhéin;
O théid mi fhéin
Leam fhéin a Gheàrrloch;
Théid mi-fhéin
Leam fhéin, leam fhéin;
O théid mi dhachaidh
Chrò Chinn t-Sàile.