Crodh Chailein


[Fonn / Tune]



Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil;
Gu'n tugadh crodh Chailein
Dhomh bainn' air an fhraoch.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil;
Crodh ciar-dubh breac-ballach
Air dhath na circ-fhraoich.

Gun tugadh Crodh Chailein
Dhomh bainne gu leòr,
Air mullach a' mhonaidh
Gun duine 'nar còir.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil;
Crodh lionadh nan gogan,
Crodh togail nan laogh.

Gun tugadh Crodh Chailein
Dhomh bainn' air an raon,
Gun chuman gun bhuarach,
Gun luaircean, gun laogh.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil;
Gu h-aotrom 'san eadradh
A' beadradh r'an laoigh.

Gu bheil sac air mo chridhe,
'S tric snidh air mo ghruaidh,
Agus smuairean air m'aigne,
Chum an cadal seo bhuam.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil;
Crodh ciar-dubh breac-ballach
Air dhath na circ-fhraoich.