Cruachan-Beann

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Cruachan-beann, Cruachan-beann,
Cruachan-beann ‘s mór mo thlachd dhiot.
Cruachan-beann thar gach meall,
‘S a chuid allt ‘ruith tromh ghlacaibh.


Cruachan-beann ‘s e cho mór,
Tha e sònraicht’ r’a fhaicinn --
Chan eil a leithid ‘san Roinn-Eòrp,
‘S geal a chòta ‘n àm sneachda.

Cloinn-an-t-Saoir d’am bu dual
‘Bhi ‘nad chluanagan fasgach;
An diugh chan fhaic mi aon de’n àl
‘Gabhail tàmh ann ad thaice.

‘S iomadh linn bho’n fhuair iad còir
Air a’ bheinn a’s bòidhch’ r’a faicinn;
Is fhad ‘s a ruitheas uillt gu cuan,
Bidh an dualchas ud aca.

Aite ‘s maisiche fo’n ghréin --
Chaoidh cha leur dhomh r’a fhaicinn;
‘S bho ‘n a chuir iad thu fo fhéidh,
‘S goirt mo dheur ‘gabhail beachd ort.

Fichead mìle tha mu’n cuairt
Anns a’ chruaich ud tha maiseach;
Agus trì dhiubh air àird --
‘S iomadh bàrd a ghabh beachd ort.

Soraidh nis le Cruachan-beann,
Leis gach coire, gleann is glacan;
‘S e mo dhùrachd Cloinn-an-t-Saoir
A bhi chòmhnuidh ‘na thaice.