A Chuachag Nam Beann
[Fonn / Tune]
'S a chuachag nam beann,
O hao ri hiù,
Nach truagh leat mo chlann,
O hao ri ó ho ró, hao ri hiù.
Nach truagh leat mo chlann,
O hao ri hiù,
Té eile 'nan ceann,
O hao ri ó ho ró, hao ri hiù.
Té eile 'nan ceann, [srl.]
Bidh buillean mu'n ceann,
Buille eile mu'n làimh,
'S an cridheachan fann;
Cha dug mi sin riamh,
Do dhuin' airson Dia,
Ach buiseagan dha'n t-sìol,
Ceann carrach an lìn,
Chuid bu taine dha'n mhiad;
Nan diginn-sa beò,
Gun riaghlainn gu leòr
Do dh'airgiod 's do dh'or,
Do bhainne nam bò.