Ruairidh Mac Mhuirich, An Clàrsair Dall









Oran "Mór" do Mhac Leòid Dhùn Bheagain


[Fonn / Tune]



Miad a' mhulaid tha am thadhal
Dh'fhàg treaghaid am chliabh cho goirt,
On a rinneas air m'adhart
Ad dheaghaidh an triall gun toirt;
Tha mis' ort an tòir,
Is mi mios gu robh còir agam ort,
A mhic athair mo ghràidh,
Is tu m'aighear, s tu m'àdh, 's tu m'olc.

Chaidh a' chuibhle mun cuairt,
Ghrad thionndaidh gu fuachd am blàths:
Gum faca mi uair
Dùn ratha nan cuach 'n seo thràigh,
Far 'm biodh tathaich nan duan,
Iomadh mathas gun chruas, gun chàs:
Dh'fhalbh an latha sin uainn,
'S tha na taighean gu fuarraidh fàs.

Chaidh Mac-alla as an Dùn
An am sgarachdainn dùinn ri'r triath;
'S ann a thachair e rium
Air seacharan bheann is shliabh;
Labhair esan air thùs:
"Réir mo bheachd-sa gur tu, mas fìor,
An seo chunnaigheas air mhuirn
Roimh 'n uiridh an Dùn nan cliar."

A Mhic-alla nan tùr,
'S e mo bharail gur tu 'n seo bhà
Ann an talla nam Fiann
Ri aithris air gnìomh mo làmh.
"Ta mi 'm barail gur mi,
'S gum bu deacair dhomh fhìn bhith 'm thàmh,
'G èisdeachd broslaim gach ceòil
Ann am fochar Mhic Leòid an àidh.

"An am èirigh gu moch
Ann an tèaghlach gun sproc, gun ghruaim,
Chluinnte glèadhraich nan dos,
Is an cèile air a cois on t-suain;
An tràth ghabhadh i làn,
Is i chuireadh os àird na fhuair
Le meòir chionalta ghnìomhach
Dhrithleannach dhìonach luath.

"Bhiodh an rianadair fèin
Cur a dh'fhiachaibh gur h-e bhiodh ann,
E 'g èirigh nam miosg,
'S an èighe gu tric na cheann;
Cha bu truagh leinn an glaodh
'N uair a thuairgneadh se ì gu teann,
Cur a thagradh an cruas
Le h-aideachadh luath is mall.

"An tràth chuirte na tàmh i
Le furtachd na fàrdaich fèin,
Dhomh-sa b'fhurasd a ràdh
Gum bu chuireideach gàir nan teud,
Le h-iomairt dhà làmh
Cur am binnis do chàch an cèill:
Rìgh, bu shiùbhlach ri m'chluais
An lùthadh le luasgan mheur.

"Anns an fheasgar nan dhèidh,
An am teasdadh don ghrèin tràth-non',
Fir ag cnapraich mun chlàr
Is cath air a ghnàth chur leò;
Dà chomhairleach gheàrr
Gun labhairt, ge b'àrd an glòir,
'S a Rìgh, bu tìtheach an guin
Do dhaoine gun fhuil, gun fheòil.

"Gheibhte fleasgaich gun ghràin
Cur ri macnas gun sgràth, gun fhuath,
Is mnài fhionna 'n fhuilt rèidh
Cur an grinnis an cèill le stuaim;
An dèidh ceilearadh beòil
Dannsa oileanach òrdail suas,
Le fear bogha nan còir
Chumail modha ri pòr an cluas.

"Bho linn nan linntean a bhà mi
Mar aonduine tàmh sa' chùirt,
'S theireadh iomadh Mac Leòid
Nach b'uireasbhaidh eòlais dùinn;
Ach na fhasadh gun fheum
Cha fhaca mi fèin bho thùs
Ri fad mo chuimhne-sa riamh
Gun taighteir, gun triath an Dùn."

Ach on ràinig thu aois,
Tha ri ràitinn gur baoth do ghlòir:
Chan e fasadh a th'ann,
Ged a tha e san am gun lòd;
Air taighteir 's beag fheum
Is òg-thighearna fèin na lorg,
'S e ri fhaotainn gun fheall
Cur ri baoith ann an ceann luchd chleòc.

Cha bhi 'm pèidse ann am meas
Mur bi eudach am fasan chàich;
Ged chosd e ginidh an t-slat --
Gheibhear siod air son mart sa' mhàl;
Urad eile ri chois,
Gun tèid siod ann an casag dhà,
'S briogais bheilibheid mhìn
Gu bhith gabhail mu ghaoith a mhàis.

Cha bhi 'm pèidse ann am prìs
E gun snàithe dh'a dhìth ach cleòc;
Giort a' chlaidheimh cha b'fhiach,
'S bu chùis athais ceann iarainn dò;
Crios dealbhach on bhùth;
Bogh' chinn airgid is biùgail òir --
'S fheudar faighinn sin dà;
'S thig air m'fhearann-sa màl nas mò.

Thèid Uilleam Màrtainn a mach
Glè stràiceil air each 's e triall --
Is co àrd e na bheachd
Ris an àrmann a chleachd bhith fial;
Cha ghlacar leis crann,
Cas-chaibe na làimh cha b'fhiach,
'S e cho spaideil ri diùc,
Ged bha athair ri bùrach riamh.

Thoir teachdaireachd uam
Le deatam gu Ruaidhri òg,
Agus innis da fèin
Cuid d'a chunnart giodh e Mac Leòid;
Biodh e 'g amharc na dhèidh
Air an Iain a dh'eug 's nach beò;
Gum bu shaidhbhir a chliù,
Is chan fhàgadh e 'n Dùn gun cheòl.

A Mhic-alla 'n seo bhà
Anns a' bhaile 'n robh gràdh nan cliar,
An triath tighearnail teann,
Is an cridhe gun fheall na chliabh --
Ghabh e tlachd dh'a thìr fèin,
'S cha do chleachd e Dùn-èideann riamh;
Dh'fhàg e 'm bannach gun bheàrn,
'S b'fheàrr gun aithriseadh càch a chiall.




Air Ais




Oran Do Iain Breac Mac Leòid


[Fonn / Tune]



Their mi hò ro gheala beag
'S na hò ro chalan hì,
Their mi hò ro gheala beag
'S na hò ro chalan hì;
Chalan hì ho hù ro bhò
'S na hò ro chalan hì --
Gur fada bho na tràthan sin
Nach robh mo ghràidh 'san tìr.

Tha móran, móran mulaid
An déidh tuineachadh a'm chom;
Gur bliadhna leam gach seachdain
O nach fhacas Iain donn;
Nan cluinninn, ged nach fhaicinn,
Fear do phearsa thigh'nn do'n fhonn,
Gu sgaoileadh mo bhròn 's m'airtneul
Mar shneachd òg ro aiteamh trom.

Beul macanta ciùin ràbhartach
Nuair thàrladh tu 's taigh-òsd',
A dh'fhàs gu seirceil, suairce,
Gaol nam ban 's nan gruagach òg;
'S iomadh maighdeann cheutach
A bha déidheil air do phòig,
Le'm b'ait bhith cunntadh spréidhe dhuit,
'S a deas-làmh féin le deòin.

'S e Tormod òg mo shubhachas
Air bhuidheachas Shìol Leòid:
Ma's mac an àit' an athar thu,
Thig fhathast gu bhith mór
Anns an Dùn gu flathail
'N robh do chinneadh roimhe beò,
Mac ratha dhùisgeas éibhneas dhomh --
Le aighear thréig mi bròn.





Air Ais