Dh'Éirich Mise Moch Ro Latha
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hò oro hù ill ò,
Hìllean beag hù ill ò,
Hò oro hù ill ò.
Dh'éirich mise moch ro latha:
Ghabh mi mach ri srath na h-abhainn,
Thàinig mi steach gleann nan aighean,
Chunnaic mi greigh mhór do dhamhain,
Fear air an cùl is triùir 'gan caitheamh
Leis a' bhogha 's leis an t-saighead,
Le gunna caol a' bheòil laghaich.
'S thug mise mo cheann le leathad
Gus 'n a bhuail mi ceann an rathaid.
Chualas bualadh a's an t-sabhal
Mar gum biodh cleith luaidh fo mhnathan
Na fir òga 'g iomradh ramhaibh.
Bhuail mi gu h-eòlach an dorus:
"Thig a-steach, is e do bheatha!"
Dh'ullaich a' bhean òg dhomh cathair
Far an do leig mi sgìos an latha.
"Gheibh thu biadh ma nì thu 'ghabhail:
Gheibh thu deoch, ma tha ort pathadh,
Bùrn na dh'fhìon na dh'uisge-beatha."
Thug mi sùil do chùil an taighe:
Bha mo rùn am measg nan aighear.
Ged a ghabh mi beannachd leatha,
'S ann an dùil ri 'faicinn fhathast;
Mura faic 's e deireadh là e.