Disathurna Ghabh Mi Mulad

[Fonn / Tune]



Di-Sathurna ghabh mi mulad:
Na haoiri hiù, a haoiri hiù a.
'S ann Di-Luain a rinn mi 'n tuaiream.
Na hao ri ibhó hoilibho
Hì o challa bhi riu bhi hiù a hua.

'S ann Di-Luain a rinn mi 'n tuaiream,
Na haoiri hiù, [srl.]
Dùnadh na sùl a bha lurach,
Na hao ri [srl.]

Càradh mu'n bheul a bha cuimir,

Càradh na siùil ris a' churraigh,

'Seòladh gu tìr a' mhurain,

Far an cluinnte fuaim na tuinneadh,

Fuaim na gaoithe ris an uinneig,

Fuaim an t-siabain ris a' mhuran,

Fuaim na calltainn ris a' chuilionn.

Chuir Seumas duine 'gam ghlacadh;

Ma chuir bu bheag a ruigeadh e leas sin.

B'ionraic a' mheairle fhuaras agam --

Gruagach òg an cirb mo bhreacain,

Iseabail dhonn a' chùil chleachdaich:

'S guirme sùil na driùchd na maidne,

'S deirge gruaidh na cuach air chrannaibh,

'S gile taobh na faoileann mhara.

Ach na faighinn siud air m'fhacal:

Dà fheur dheug do ghillean tapaidh,

Ceathrair air chuairt agus caiptein,

Bhithinn-s' an Dùn Tuilm mun caidlinn,

'S dh'fhàgainn Seumas donn gun astar,

'S a mhuime gun chéile dalta.

'S a mhnaoi òg gun stéidh gun tacsa.

Ochòin a chall, mo thriall dhachaidh

Gu baile bòidheach a' chlachain,

Far an d'fhuair mi òg m'altrum

Air bainne fial 's air fìon frasach.