Tha Dùrachd Mo Chridhe Dhuit

[Fonn / Tune]



Tha dùrachd mo chridhe dhuit
Seach nighean tha fo’n ghréin’,
Ciod e ‘m bàl’ ‘s am bitheadh tu
Nach bithinn ort an déidh?
Gur binne leam do chòmhradh
Nan smeòrach air ghéig,
Gu’m b’aite leam bhith d’phògadh
An seòmar leinn fhéin.

Théid mi dh’Inbhir-Nis bho
Seachdain bho’m màireach,
Théid mi gun amharus
Gu faidhir na Féill-Aindreas,
Bhiodh leann air na tulachan
Is tunnachan glé làn dheth.
‘S gu dearbh ged chosd e ‘n t-òr dhomh,
Gu’n òl mi do dheoch-shlàinte.

‘S moch a ghabh mi eòlas
Air ainnir òg na féile,
Ann am bailtibh móra,
‘S i foghlum na Beurla,
Mu’n d’fhaod mi bhith làn eòlach
Air bòidhchead a h-aodainn,
Gun léir i mo chridh’ uam,
‘S a ris chan fhaigh mi fhéin e.

Tha corp is gil’ nan eala ort
A’ snàmh air bharraibh thonn.
‘S cùbhraidh leam blas t-analach
Na ‘n canal is e donn;
A ghaoil na bi ‘gam mhealladh,
O tha m’anam ort an geall;
Gu’m b’annsa pòg do d’lìopaibh
Na Inbhir-Nis an geall.

Is ann am Baile-chaolais
A tha mo ghaol-s’ a’ còmhnuidh;
Innis dhi nach fhaod mi
Bhith daonnan am ònar,
Le mheud ‘s a thug mi gaol dhuit
‘S nach fhaod mi do phòsadh,
Mur furtaich thu le d’ghaol orm
‘S e ‘n t-aog m’àite-còmhnuidh.