̉rain Dhonnachaidh Bhàin






[* = also available in MIDI Format]




Òran Dùthcha


[Seisd]:

Horinn ó ho irir ìo,
Horinn ó hiri ìo,
Horinn ó hiri ùo,
'S i mo dhùthaich a dh'fhàg mi.


Ged a tha sinn car tamaill
A' tàmh aig na Gallaibh,
Tha mo dhùthaich air m' aire,
'S cha mhath leam a h-àicheadh.

Ged as éigin dhuinn gabhail
Leis gach nì thig 'san rathad,
Gum b'fheàrr na na srathan
Bhith tathaich 'sa' Bhràighe.

Ged as còmhnard na sràidean,
'S mór a b'fheàrr bhith air àirigh,
Am frìth nam beann àrda
'S nam fàsaichean blàtha.

Beurla chruaidh gach aon latha
'Nar cluais o chionn grathainn,
'S e bu dual duinn o 'r n-athair
Bhith labhairt na Gàidhlig.

Ged as cliùteach a' Mhachair
Le cùnnradh 's le fasan,
B'e ar dùrachd dol dachaigh
'S bhith 'n taice r' ar càirdean;

Bhith 'n Clachan an Dìseirt
A' faicinn ar dìlsean:
Gum b'ait leinn an tìr sin,
On as ì rinn ar n-àrach.

Cha b'e fasan nan daoin' ud
Bhith 'n conas no 'n caonnaig.
Ach sonas an t-saoghail
'S bhith gaolach mar bhràithrean.

'N am suidhe 's taigh-òsda,
Gu luinneagach ceòlmhor,
Bu bhinn ar cuid òran
'S bhith 'g òl nan deoch-slòinte.

Luchd-dhìreadh nan stùcan
Le 'n gunnachan dùbhghorm,
A loisgeadh am fùdar
Ri ùdlaiche làndaimh.

'S e bu mhiann leis na macaibh
Bhith triall leis na slatan,
A chur srian ris a' bhradan,
Cha b'e fhasan am fàgail.

Gu fiadhach a' mhunaidh,
No dh'iasgach air buinne,
Anns gach gnìomh a nì duine
'S mór urram nan Gàidheal.




Air Ais




Òran Do'n Bhriogais


[Luinneag]

'S o tha a' bhriogais liath-ghlas
Am bliadhna cur mulaid oirnn!
'S è 'n rud nach fhacas riamh oirnn
'S nach miann leinn a chumail oirnn;
'S nam bitheamaid uile dìleas
Do'n Rìgh bha toirt cuiridh dhuinn,
Cha n-fhaicte sinn gu dìlinn
A' strìocadh do'n chulaidh so.

'S olc an seòl duinn am Prionns' òg
A bhith fo mhóran duilichinn,
Is Rìgh Deòrsa a bhith chòmhnaidh
Far 'm bu chòir dhà tuineachas;
Tha luchd-eòlais a' toirt sgeòil duinn
Nach robh còir air Lunnainn aige,
'S é Hanobhar an robh 'sheòrsa,
'S coigreach óirnn an duine sin;
'S e 'n Rìgh sin nach buineadh dhuinn,
Rinn dìmeas na dunach oirnn,
Mu'n ceannsaich e buileach sinn,
B'e 'n t-am dol a chumasg ris;
Na rinn e oirnn a dh' anntlachd,
A mhìothlachd, is a dh' aimhreit --
Ar n-eudach thoirt gun taing dhinn,
Le ainneart a chumail ruinn.

'S on a chuir sinn suas a' bhriogais
Gur neo-mhiosail leinn a' chulaidh ud,
'Gan teannadh mu na h-iosgannan,
Gur trioblaideach leinn umainn iad;
'S bha sinn roimhe misneachail,
'S na breacain fo na criosan oirnn,
Ged tha sinn am bitheantas
A nise cur nan sumag oirnn;
'S ar leam gur h-olc an duais
Do na daoine chaidh 'sa' chruadal,
An aodaichean thoirt uapa,
Ged a bhuannaich Diùc Uilleam leo.
Chan fhaod sinn bhith sulasach
On chaochail ar culaidh sinn,
Chan aithnich sinn a chéile
Là féille no cruinneachadh.

'S bha uaireigin de 'n t-saoghal
Nach saoilinn gun cuirinn orm
Briogais air son aodaich,
'S neo-aoibheil air duine ì;
'S ged thà mi deanamh ùis dith
Cha d'rinn mi bonn sùlais
Ris an deise nach robh dàimheil
Do'n phàirtidh dh' am buinninn-sa;
'S neo-sheannsar a' chulaidh i,
Gur grannda leinn umainn i,
Cho teann air a cumadh dhuinn
'S nach b'fheairrde leinn tuilleadh i;
Bidh putain anns na glùinean,
Is bucallan 'gan dùnadh,
'S a bhriogais air a dùbladh
Mu chùlaibh a h-uile fir.

Gheibh sinn adan cìordhubh
Chur dìon air ar mullaichean,
Us casagan cho slìogte
'S a mhìnicheadh muileann iad;
Ged chumadh sin am fuachd dhinn
Chan fhàg e sinn cho uallach,
'S gun toilich e ar n-uaislean,
Ar tuath no ar cumanta;
Cha taitinn e gu bràth ruinn
A choiseachd nan gleann fàsaich,
'N uair rachamaid a dh' àirigh,
No dh' àit' am biodh cruinneagan.
'S e Deòrsa rinn an eucoir,
'S ro dhiombach tha mi féin deth,
On thug e dhinn am féileadh,
'S gach eudach a bhuineadh dhuinn.

'S bha h-uile h-aon de'n Phàrlamaid
Fallsail le 'm fiosrachadh,
'N uair chuir iad air na Caimbeulaich
Teanndachd nam briogaisean;
'S gur h-iad a rinn am feum dhaibh
A' bhliadhna thàin' an streupag,
A h-uile h-aon diubh éirigh
Gu léir am "milìsi" dhaibh;
'S bu cheannsalach duineil iad
'San am an robh 'n cumasg ann,
Ach 's gann daibh gun cluinnear iad
A champachadh tuilleadh leis.
On thug e dhinn an t-aodach,
'S a dh'fhàg e sinn cho faondrach,
'S ann rinn e oirnn na dh'fhaodadh e,
Shaoileadh e chur mulaid oirnn.

'S ann a nis tha fios againn
An t-iochd a rinn Diùc Uilleam ruinn,
'N uair dh'fhàg e sinn mar phriosanaich
Gun bhiodagan, gun ghunnachan,
Gun chlaidheamh, gun chrios-tarsuinn oirnn,
Chan fhaigh sinn prìs nan dagachan;
Tha "command" aig Sasainn oirnn,
O smachdaich iad gu buileach sinn;
Tha "angar" agus duilichinn
'San am so air iomadh fear
Bha 'n campa Dhiùc Uilleam,
Us nach fheairrd' iad gun bhuidhinn e.
Nan tigeadh oirnne Teàrlach
'S gun éireamaid 'na champa,
Gheibhte breacain charnaid,
'S bhiodh aird air na gunnachan.




Air Ais




Òran do'n Ghunna dh'an Ainm Nic Cóiseim



[Fonn / Tune]



[Seisd:]
Hóro mo chuid chuideachd thu,
Gur muladach leam bhuam thu,
Hóro mo chuid chuideachd thu,
'S mi dìreadh bheann is uchdanan,
B'ait leam thu bhi cuide rium
'S do chudthrom air mo ghualainn.


'Nuair chaidh mi do Ghleann Lòchaidh
'S a cheannaich mi Nic Còiseim,
Is mise nach robh gòrach,
'Nuair chuir mi'n t-òr g'a fuasgladh.

Thug mi Choir' a' Cheathaich thu
'Nuair bha mi féin an thathaich ann;
'S tric a' chuir mi laighe leat
Na daimh 's na h-aighean ruadha.

Thug mi Bheinn a' Chaisteil thu,
'S do'n fhàsach a tha 'n taice rith',
Am Màm is Creag an Aparain
Air leaca Beinn nam Fuaran.

Thug mi thu Bheinn Dóbhrain
An cinneadh na daimh chròcach;
'Nuair theannadh iad ri crònan
Bu bhòidheach leam an nuallan.

Thug mi Choire Chruiteir thu,
O 's àite grianach tlusail e,
Gu biadhchar feurach luiseanach:
Bhiodh spurt ann aig daoin'-uaisle.

Ghiùlain mi Ghleann Eite thu,
Thog mi ris na Créisean thu;
'S e mheud 's a thug mi spéis dhut
A dh'fhàg mo cheum cho luaineach.

'S math am Meall a' Bhùiridh thu,
Cha mhiosa 'm Beinn a' Chrùlaist thu,
'S tric a loisg mi fùdar leat
An coire chùl na Cruaiche.

Thug mi Làirig Ghartain thu,
O 's àlainn an coir' altram i;
'S na féidh a' dèanamh leapaichean
Air creachainn ghlas a' Bhuachaill.

Thug mi thu do'n Fhàs Ghlaic,
'Sa' ghleann am bi na làndaimh:
'S tric a chaidh an àrach
Mu bhràighe Cloich an Tuairneir.

Chaidh mi do dh' Fhéith a' Chaorrainn
Le aithghearr Choire Chaolain,
Far an robh na daoine
A bha 'n gaol air a' ghreigh uallaich.

Thug mi Bheinne Chaorach thu,
Shireadh bhoc is mhaoiseach;
Cha b'eagal gun am faotainn,
'S iad daonnan 'san Tòrr Uaine.

'N uair théid mi ris a' mhunadh
'S tu mo roghainn de na gunnachan;
On fhuair thu féin an t-urram sin,
Có nis a chumas uait e?

Ged tha mi gann de stòras
Gu suidhe leis na pòitearan,
Ged théid mi do'n taigh-òsda,
Cha'n òl mi ann an cuaich thu.




Air Ais





Oran Luaidh


[Fonn / Tune]



[Seisd:]
Ho ró gu'n togainn air hùgan fhathast,
Ho ró ió mun téid mi laighe,
Ho ró gu'n togainn air hùgan fhathast.


Togamaid fonn air luath a chlòthlain,
Gabhaidh sinn ceòl is òrain mhatha.

B'fheàirrd' an clòth bhith chòir nan gruagach,
A dhèanadh an luathadh buan le'n lamhan.

'Nuair a thionndaidheas iad air cléith e,
Chluinnte fuaim gach té dhiubh labhairt.

Orain ghrinne bhinne mhìlse,
Aig na rìbhinnean 'gan gabhail.

Luinneag ac' air luadh an aodaich,
Sunndach saoithrachail ri mathas.

Thogamaid fonn gu ceòlmhor aotrom
Air a' chlòth bu daoire dathan.

An clòth brionnach ballach ciatach
Triuchanach stiallgach gathach.

An clòth taitneach basach boillsgeil
Laiste daoimeanach, 's e leathan.

Gum bu slàn a bhios na caoraich
Air an d'fhàs an t-aodach flathail,

Beannachd aig an làimh a shnìomh e:
'S i rinn gnìomh na deagh bhean-taighe.

'S ann as coslach ris an t-sìod' e,
Dh'fhàg i mìn e, 's rinn i math e.

Snàth cho righinn ris na teudan
'S e cho réidh 's a dh'fheudte shnaidheadh.

Cha robh pluc no meall no gaog ann,
No gìog chaol no sliasaid reamhar.

'N uair a théid an clòth do'n mhargadh
'S è nì 'n t-airgead air an rathad.

Cha bhi slat a sìos o chrùn deth,
Miann gach sùl' e anns an fhaidhir.

Cha bhi suirghich anns an dùthaich
Nach bi 'n dùil ri pàirt deth fhaighinn.

'S ann a tha 'n toil-inntinn aodaich
Aig na daoin' a bhios 'ga chaitheamh.

Thogainn am fonn a dh'iarradh pòitear,
'S luaidhinn an clòth bu mhiann le mnathan.

'S olc an obair luadh no fùcadh
Ma bhios tùchadh oirnn le padhadh.

Chuireadh e sunnd air muinntir òga
Suidheadh mu bhòrd ag òl gu latha,

Puinnse le glaineachaibh làna,
Deochannan-slàinte 'gan gabhail.

Greis air fìon is greis air branndaidh,
Greis air dram de'n uisge-bheatha.

Greis air fìdhleireachd 's air dannsadh,
Greis air canntaireachd 's air aighear.

'N uair theid stàirn an àird an aodainn
'S ro-mhath 'n t-am do dhaoinibh laighe.




Air Ais




Oran Gaoil


[Fonn / Tune]



A Mhàiri bhàn gur barrail thu
'S gur barraicht' air gach seòl thu;
On thug mi gaol cho daingean duit
'S mi d'fharraid anns gach còmhdhail,
Is earbsach mi a d' cheanaltas,
'S na fhuair mi chean' ad' chòmhradh,
Nach urrainn càch do mhealladh uam
An déis do gheallaidh dhòmh-sa.

Is chuala mi mar sheanfhacal
Mu'n darach gur fiodh còrr e,
'S gur geinn dheth fhéin ga theannachadh,
A spealtadh e 'na òirdnibh;
'S mi'n dùil a réir na h-ealaidh sin,
Gur math leat mi bhith d' sheòrsa,
Nach tréig thu mi, 's gum faigh mi thu
Le bannaibh daingean pòsaidh.

'S e chum an raoir mi 'm fhaireachadh
An spéis a ghabh mi òg dhìot;
Bha smaointean tric air m'aire-sa
Mu'n ainnir as fheàrr fòghlam:
Chan 'eil cron r'a àireamh ort
O d' bhàrr gu sàil do bhròige,
Ach ciallach fialaidh fàbhrach,
Air fiamh do ghàire 'n còmhnaidh.

Do chùl daithte lànmhaiseach
Mun cuairt do bhràighe 'n òrdugh,
Air snìomh mar theuda clàrsaiche
'Na fhàinneachaibh glan nòsar:
Gu lìthdhonn pleatach sàrchleachdach,
Gu dosach fàsmhor dòmhail,
Gu lùbach dualach bachlach cuairsgeach
Snasmhor cuachach òrbhuidh.

Tha 'd aghaidh nàrach bhanail
Dà chaol mhalaigh mar it' eòin ort;
Rosga réidhe fallaine
'S dà shùil ghorm mheallach mhòdhar;
Do ghruaidh mar chaorrann meangain
A thug barrachd air na ròsan;
Do dheud geal dreachmhor meachair grinn,
'S do bheul o 'm binn thig òran.

Tha do phòg mar ùbhlan gàrraidh
'S tha do bhràigh' mar an neòinean;
Do chìochan lìontach mulanach,
'S an sìod' 'gan cumail còmhnard;
Corp seang geal gnèitheil furanach
Deagh-chumachdail neo-spòrsail;
Do chalpa cruinne lùthmhora,
'S an troigh nach lùb am feòirnean.

'S e 'm fàth mu 'm biodh tu talach orm
Gur ra-bheag leat mo stòras;
Bha dà rud dheug a' tarraing uam
Na theanail mi de phòrsan:
Bhiodh òl is féisd is banais ann,
Bha ceòl is beus is ceannaichean,
An fhéill 's na gibhte leannanachd,
An amaideachd 's an òige.

'S a nis nam faighinn mar rium thu,
Cha leanainn air an t-seòl sin,
Gun dèanainn àiteach fearainn
Is crodh-bainne chuir mo chrò dhuit;
Mharbhainn iasg na mara dhuit,
'S am fiadh 'sa' bheallach cheòthar
Le gunna caol nach mearachdaich
'S a mhealladh fear na cròice.

'S mór an gaol a ghabh mi ort,
Le ra-bheagan ad eòlas,
'S mi 'n dùil gur tù bu leannan domh,
'S nach mealladh tu mi 'm dhòchas;
Ged bhiodh am bàs an caraibh dhomh
Gun bharail ri tighinn beò uaith,
'S e dh'fhàgadh slàn mi 'n ribhinn mhàlda,
Màiri bhàn o Lòchlairig.




Air Ais





Oran d' a Cheile Nuadh-Phosda


[Fonn / Tune]



A Mhàiri bhàn òg 's tu 'n òigh th'air m'aire,
Ri m'bheò bhith far am bithinn fhéin,
On fhuair mi ort còir cho mór 's bu mhath leam
Le pòsadh ceangailt' o'n chléir,
Le cùmhnanta teann 's le banntaibh daingean,
'S le snaidhm a dh'fhanas, nach tréig:
S e t'fhaotainn air làimh le gràdh gach caraid
Rinn slàinte mhaireann am' chré.

'N uair bha mi gu tinn 's mi 'n cinnseal leannain,
Gun chinnt có theannadh rium fhéin,
'S ann a chunna' mi 'n òigh air bòrd taigh-leanna,
'S bu mhòdhar ceanalt' a beus;
Tharraing mi suas rithe 's fhuair mi gealladh
O 'n ghruagaich bhanail bhith 'm réir:
'S mise bha aobhach t' fhaotainn mar rium,
'S crodh-laoigh a' bharain ad dhéidh.

Madainn Di-luain ge buan an t-slighe,
'N uair ghluais mi riuthinn mar ghaoth,
A dh'fhaicinn mo luaidh, 's rud uainn 'nar dithist
Nach dual da rithist gun sgaoil;
Thug mi i 'n uaigneas uair a bhruidhinn,
'S ann fhuair an nighean mo ghaol;
Is chluinneadh mo chluas an fhuaim a bhitheadh
Aig luaths mo chridhe ri m' thaobh.

Sin 'n uair chuir Cupid an t-ultach am bhroilleach
Dh' a shaighdean corranach caol,
A dhrùidh air mo chuislean, chuir luchd air mo cholainn,
Leis an d'thuit mi, ge b'oil leam, 's gun d'aom;
Dh'innis mi sgeul do 'n té rinn m' acain,
Nach léigh a chaisgeadh mo ghaoid:
'S a leighis gach creuchd i fhéin le feartan
Theachd réidh am ghlacaibh, mar shaoil.

Bheirinn mo phòg do'n ògmhnaoi shomalt'
A dh'fhàs gu boinneanta caoin,
Gu mìleant' còmhnard seòcail foinneamh,
Do chòmhradh gheibh mi gu saor;
Tha mi air sheòl gu leòr ad chomain,
A mhòid 's a chuir thu gu faoin,
Do m'smaointean gòrach, pròis nam boireannach:
'S còir dhomh fuireach le h-aon.

Chaidh mi do'n choill an robh croinn is gallain
Bu bhoillsgeil sealladh mun cuairt;
'S bha miann mo shùl do dh'fhiùran barraicht'
An dlùths nam meangana suas:
Geug fo bhlàth o bàrr gu talamh,
A lùb mi farasda nuas;
Bu duilich do chàch gu bràth a gearradh,
'S e 'n dàn domh 'm faillean a bhuain.

Shuidhich mi lìon air fìoruisg tana,
'S mi strìth g' a tharraing air bruaich;
'S thug mi le sgrìob air tìr a' ghealag,
'S a lìth mar eal' air a' chuan:
'S toilicht' a dh'fhàg e 'n là sin m'aigneadh,
An roinn a bh'agam 'san uair:
B'i coimeas mo cheudmhnà reult na maidne,
Mo chéile cadail 's mi 'm shuain.

'S e b' fhasan leat riamh bhith ciallach banail,
Ri gnìomh 's ri ceanal mnà-uaisl';
Gu pàirteach bàidheil blàth, gun choire
Gun ghiamh gun ghainne gun chruas;
Gu déirceach daonntach faoilidh farasd'
Ri daoine fanna bochd truagh;
Is tha mi le d' sheòl an dòchas ra-mhath,
Gur lòn ad anam do dhuais.

Chuir mi air thùs ort iùl is aithne
Le sùgradh ceanalta suairc;
'N uair theannainn riut dlùth bu chùbhraidh' t'anail
Na ùbhlan meala 'gam buain;
Cha bhiodh sgeul-rùin a b'iùl domh aithlis,
A b'fhiù, nach mealladh i uam:
Nan cuireadh i cùl rium 's diùltadh baileach,
Bu chùis domh anart is uaigh.

Do bhrìodal blàth 's do mhànran milis,
Do nàdur grinneas gach uair;
Gu beulchair gàireach àlainn coinneil,
Gun chàs a thoilleadh dhuit fuath;
Chuir i guin bhàis fad ràith' am mhuineal
Dh'fhàg làn mi mhulad 's a ghruaim;
'N uair thuig i mar bhà, 's a thàr mi 'n ulaidh,
Ghrad spàrr i 'n cunnart ud uam.

'S ann thog e mi 'm prìs o'n tìm seo 'n uiridh,
An nì 's an urrainn a fhuair:
Sguab de'n ìre fhìorghlain chruithneachd,
An sìol as urramach buaidh;
Sin na chuir mi cho rìomhach umad,
Bha t'inntinn bunailteach buan;
Lìonadh do sgiamhachd miann gach duine,
An dreach, fiamh, an cumachd 's an snuadh.

Do chuachfhalt bàn air fàs cho barrail,
'S a bhàrr làn chamag is dhual;
T'aghaidh ghlan mhàlda nàrach bhanail,
Do dhà chaol mhalaigh gun ghruaim;
Sùil ghorm lìontach mhìonrosg mheallach,
Gun dìth cur fal' ann ad ghruaidh;
Deud geal ìobhraidh dìonach daingean,
Beul bith nach canadh ach stuaim.

Shiùbhladh tu fàsach àirigh glinne
'San àit an cinneadh an spréidh,
G 'am bleoghan mu chrò, 's bhith chòir na h-innis,
Laoigh òg a' mireadh 's a' leum;
Cha mhiosa do làmh 's tu làimh ri coinnil
No'n seòmar soilleir ri gréin,
A' fuaigheal 's a' faithmeadh bhann is phionar
An am chur grinnis air greus.

Do chneas mar an éiteag, gléghlan fallain,
Corp sèimh mar chanach an t-sléibh;
Do bhràigh' cho mìn 's do chìochan corrach,
'S iad lìontach solaist' le chéil';
Gaoirdeana tlàth, geal-làmh na h-ainnir,
Caol mheòir, glac thana, bas réidh;
Calpa deas ùr, troigh dhlùth 'm bròig chuimir,
As lùthmhor innealta ceum.

'S ann fhuair mi bhean chaoin aig taobh Mhàm Charraigh,
'S a gaol am mhealladh o m'chéill;
Bha cridhe dhomh saor 'n uair dh'fhaod mi tharraing,
Cha b'fhaoin domh bharail bhith 'd réir;
'S iomadh fuil uasal uaibhreach fharamach
Suas ri d'cheannaghaidh fhéin,
'Gad chumail am prìs an rìgh 's Mac Ceilein,
'S tu shìol nam fear a bha 'n Sléit'.

Nam faighinn an dràsd' do chàradh daingean
An àite falaich o'n eug;
Ged thigeadh e 'd dhàil is m' fhàgail falamh,
Cha b' àill leam bean eil' ad dhéidh:
Cha toir mi gu bràth dhuit dranndan teallaich,
Mun àrdaich aileag do chléibh,
Ach rogha gach mànrain, gràdh is furan,
Cho blàth 's a b' urrainn mo bheul.

Dhèannainn duit ceann is crann is arachd,
An am chur ghearran an éill,
Is dhèannainn mar chàch air tràigh na mara
Chur àird air mealladh an éisg;
Mharbhainn duit geòidh is ròin is eala,
'S na h-eòin air bharraibh nan geug;
'S cha bhi thu ri d' bheò gun seòl air aran,
'S mi chòmhnaidh far am bi féidh.



Air Ais



Oran do'n Mhusg


'S iomadh car a dh'fhaodas tighinn air na fearaibh,
'S theag' gun gabh iad gaol air an té nach fhaigh iad:
Thug mi fichead bliadhna do'n chiad té ghabh mi,
'S chuir i rithist cùl rium is bha mi falamh.

Is thàinig mi Dhùn Eideann a dh'iarraidh leannain,
Is thuirt an Caiptean Caimbeul 's e 'n geàrd a' bhaile,
Gum b'aithne dha bantrach an àite falaich,
'S gun dèanadh e àird air a cur am charaibh.

Rinn e mar a b'àbhaist cho math 's a ghealladh,
Thug e dhomh air làimh i 's am pàigheadh mar rith';
'S ge bè bhios a' feòraich a h-ainm no sloinneadh,
Their iad rithe Seònaid, 's b'e Deòrs' a seanair.

Tha i soitheamh suairce, gun ghruaim gun smalan,
'S i cho àrd an uaisle ri mnaoi 'san fhearann;
'S culaidh am chumail suas i, on tha i mar rium,
'S mór an t-adhbhar smuairein do'n fhear nach fhaigh i.

Leig mi dhìom Nic Còiseim ged tha i maireann,
Is leig mi na daimh chròcach an taobh bha'n aire;
Is thaobh mi ris an ògmhnaoi, 's ann leam nach aithreach,
Chan 'eil mi gun stòras on phòs mi 'n ainnir.

Bheir mi fhéin mo bhriathar gu bheil i ra-mhath,
'S nach d'aithnich mi riamh oirre cron am falach,
Ach gu foinneamh fìnealta dìreach fallain,
'S i gun ghaoid gun ghiamh, gun char fiar, gun chamadh.

Bidh i air mo ghiùlan 's gur math an airidh,
Nì mi fhéin a sgùradh gu math 's a glanadh,
Chuirinn rithe an t-ùilleadh g' a cumail ceanalt',
Is cuiridh mi ri m'shùil i, 's cha diùlt i aingeal.

'N uair bhios cion an stòrais air daoinibh ganna,
Cha leigeadh nighean Deòrsa mo phòca falamh;
Cumaidh i rium òl anns na taighibh-leanna,
'S pàighidh i gach stòpan a nì mi cheannach.

Nì i mar bu mhiann leam a h-uile car dhomh,
Chan innis i breug dhomh no sgeul am mearachd;
Cumaidh i mo theaghlach cho math 's bu mhath leam,
Ge nach dèan mi saothair no obair shalach.

Sgìthich mi ri gnìomh ge nach d'rinn mi earras,
Thug mi bòid nach b'fhiach leam bhith ann am sgalaig;
Sguiridh mi dh'am phianadh on thug mi'n aire
Gur h-e 'n duine dìomhain as fhaide mhaireas.

'S i mo bheanag ghaolach nach dèan mo mhealladh,
'S fóghnaidh i dhomh daonnan a dhèanamh arain;
Cha bhi fàilinn aodaich orm no anairt,
'S chaidh cùram an t-saoghail a nis as m'aire.




Air Ais




Oran do Reisimeid Earra-Ghaidheal


[Fonn / Tune]



A rìgh, gur mi tha aighearach
Mu'n naidheachd seo tha ùr ann;
Tha m'inntinn air a h-àrdachadh
O'n thàinig fir mo dhùthcha.
Guidheam-sa buaidh-làrach leibh
'S gach àit' an loisg sibh fùdar;
Toil-inntinn aig 'ur càirdean
'S 'ur nàimhdean a bhith tùirseach.

'N uair thàinig Mormhair Fréderic
Thug Dùn Eideann cliù dha;
Gur cònspull air cheann sluaigh e
'N uair ghluaiseas iad r'a chùlaibh:
Sàr cheann-feadhna treubhach
'S e léirsinneach 'gan stiùradh,
Ag imeachd leis an réisimeid,
'S e féin a' dèanamh iùil daibh.

Tha oifhichearan gasda
Cho math 's a tha fo'n chrùn ann;
'S math a thig an airm-ghaisge dhaibh,
'S iad fasanda 'gan giùlan;
'S toil-inntinne r'am faicinn
Na lasgairean glan' ùra,
'N uair thog iad pìob is brataichean
Air machraichean nan Dùbhghall.

Is innsidh mi le barantas,
On a b'aithne dhomh o thùs sibh,
Air chruas an àit an tachair sibh
Cha cheum air ais 'ur dùthchas:
Sliochd nan curaidh calma
Bh'anns na h-armailtean bha cliùiteach,
Ri 'n goireadh càch na h-Earra-Ghaidh'laich,
'S am fearg cha bu chùis shùgraidh.

Tha buaidh air feachd Earra-Ghàidheal,
Cha ghabh iad sgàth no cùram:
'S iad neartmhor beachdail àrdanach,
Gu reachdmhor làidir lùthmhor;
'S daoin'-uaisle ceart tha fàs ann,
Nach 'eil fàilinneach no lùbach;
'S neo-sheachantach na h-àrmainn sin,
Ag iomain chàich gu 'n dùbhlan.

'S math thig dol 'nan éideadh dhaibh,
'S tha reusan air a' chùis ud;
Tha gunnachan deagh-ghleusd' aca,
'S chan eil té dhiubh dhiùltas;
An crios-gualainn féin orra,
'S an claidheamh glé-gheur cùil ann;
Bu mhath an am an fheuma iad
'N uair a leumadh sibh g'an rùsgadh.

Tha iad leathan mu na broillichean,
Fir chothromach 's iad dùmhail,
Le'n calpanna deas dìreach,
'S iad lìontach fo na glùinean;
Osain ghoirid bhreaca
Le dreach air an cur ùmpa,
'S math thig gartain chàrnaid daibh,
As fheàrr a th'anns na bùithean.

Is lìonmhor baintighearn' innealta,
Nach sireadh i le dùrachd,
Ach cead bhith anns na bileidean
'S na gillean seo bhith dlùth dhaibh,
A bheireadh pòg le sireadh dhaibh
Cho milis ris an t-siùcar;
'S a bheireadh mìltean dolar dhaibh,
'S na sporanan 'g an giùlan.

Tha suaicheantas na h-Alb' agaibh,
Is dh'fhalbh sibh leis gu sùnndach,
Am fothannan cruaidh calgarra,
'S neo-chearbach cur a' chrùin air:
An luibh as gairge riasgaiche
A bha riamh a measg nam flùran;
Is ceann na muice fiadhaiche
A leag Diarmaid 'sa' choill ùdlaidh.

'S e thubhairt na bha 'g amharc oirbh
An latha bha 'n rebhiù ann,
Gum bu fhreagarrach 'ur làmhach
'N uair a thàirngeadh sibh na rùdain;
B'fharamach 'ur gluasad
A' tarraing suas gu siùbhlach;
'S am breacan cruinn an fhéile
Air sléisdean geal nam fiùran.

Is flathail na daoin' uaisl' a th'ann,
'S neul cruadail air gach aoinfhear,
Na saighdearan deas cumachdail,
'S gach duine dhiubh cho ionnsaicht';
Nam bitheadh càs no cunnart ann,
Có b' urrainn g' a thoirt dhiùbh-san?
'S i 'n réiseameid is urramaich'
A chunnaic mi le m' shùilean.




Air Ais




Oran Do Bhlar Na h-Eaglaise Brice


Latha dhuinn air Machair Alba
Na bha dh'armailt aig a' Chuigse,
Thachair iad oirnne na reubail,
'S bu neo-éibhinn leinn a' chuideachd,
'N uair a chuir iad an "ratreud" oirnn,
'S iad 'nar déidh a los ar murtadh,
Mur dèanamaid feum le'r casan:
Cha tug sinne srad le'r musgan.

A' dol an coinneamh a' Phrionnsa
Gum bu shunndach a bha sinne;
Shaoil sinn gum faigheamaid cùis deth,
'S nach robh dhùinn ach dol g'a sireadh;
'N uair a bhuail iad air a chéile
'S àrd a leumamaid a' tilleadh,
'S ghabh sinn a mach air an abhainn,
A' dol g'ar n-amhaich anns an linne.

'N am do dhaoinibh dol 'nan éideadh
Los na reubalaich a thilleadh,
Cha do shaoil sinn gus 'n a ghéill sinn,
Gur sinn fhéin a bhite 'g iomain;
Mar gun rachadh cù ri caoraibh,
'S iad 'nan ruith air aodainn glinne,
'S ann mar sin a ghabh iad sgaoileadh
Air an taobh air an robh sinne.

Sin an uair thàinig càch 's a dhearbh iad
Gum bu shearbh dhuinn dol 'nan cuideachd,
'S e 'n trùp Gallda 'g an robh chall sin,
Bha colainn gun cheann air cuid diubh;
'N uair a thachair riù Clann Dòmhnaill
Chum iad còmhdhail air an uchdan;
Dh'fhàg iad creuchdan air an reubadh,
'S cha leighiseadh léigh an cuislean.

Bha na h-eich gu crùidheach, srianach.
Girtach, iallach fiamhach trupach;
'S bha na fir gu h-armach fòghlaimt',
Air an sònrachadh gu murtadh;
'N uair a dh'aom sinn bhàrr an t-sléibhe
'S móran feum againn air furtachd,
Na bha beò bha cuid dhiubh leòinte,
'S bha sinn brònach mu na thuit ann.

Dh'éirich fuathas anns an ruaig dhuinn
'N uair a ghluais an sluagh le leathad;
Bha Prionns' Tearlach le 'chuid Frangach
'S iad an geall air teachd 'nar rathad;
Cha d'fhuair sinn focal comannd
A dh'iarraidh ar naimhdean a sgathadh,
Ach comas sgaoilidh feadh an t-saoghail,
'S cuid againn gun fhaotainn fhathast.

Sin 'n uair thàinig mise dhachaigh
Dh'ionnsaigh Ghill-easbuig o'n Chrannaich,
'S ann a bha e 'n sin cho fiadhta
Ri broc liath a bhiodh an garaidh;
Bha e duilich anns an am sin
Nach robh ball aige r'a tharraing,
'S mór an dìobhail na bha dhìth air,
Claidheamh sinnsireachd a sheanar.

Móran iarainn air bheag faobhair,
Gum b'e sud aogas a' chlaidhimh,
'S e gu lùbach leumnach bearnach,
'S bha car cam ann anns an amhaich;
Dh'fhàg e mo chruachan-sa brùite
Bhith 'ga ghiùlan feadh an rathaid,
'S e cho trom ri cabar feàrna,
'S mairg a dh'fhàirdeadh an robh rath air.

'N uair a chruinnich iad 'nan ciadan
'N latha sin air Sliabh na h-Eaglais',
Bha "ratreud" air luchd na Beurla,
'S ann daibh féin a b'éigin teicheadh;
Ged a chaill mi anns an am sin
Claidheamh ceannard Chloinn' an Fhleisdeir,
Claidheamh beàrnach a' mhì-fhortain,
'S ann bu choslach e ri greidlein.

Am ball-teirmisg a bha meirgeach
Nach d'rinn seirbhis a bha dleasnach,
'S beag an diùbhail leam r'a chunntadh,
Ged a dh'ionndraich mi mu fheasgar
'N claidheamh dubh nach d'fhuair a sgùradh,
'S neul an t-sùithe air a lethtaobh,
'S beag a b'fhiù e, 's e air lùbadh,
Gum b'e diùgha de bhuill-deis' e.

'N claidheamh braoisgeach bh' aig na daoine
Nach d'rinn caonnag 's nach tug buillean;
Cha robh aogas air an t-saoghal,
'S mairg a shaothraich leis an cumasg;
'N claidheamh dubh air an robh an t-aimhleas,
Gun chrios gun chrambaid gun duille,
Gun rinn gun fhaobhar gun cheannbheart --
Is mairg a tharladh leis an cunnart.

Thug mi leam an claidheamh beàrnach,
'S b'olc an àsainn e 'sa' chabhaig,
Bhith 'ga ghiùlan air mo shliasaid --
'S mairg mi riamh a thug on bhail' e;
Cha toir e stobadh no sàthadh,
'S cha robh e làidir gu gearradh;
Gum b'e diùgha de bhuill-airm e,
'S e air meirgeadh air an fharadh.

Chruinnich uaislean Earra-Ghàidheal
Armailt làidir de mhilisi,
'S chaidh iad mu choinneamh Phrionns' Tearlach,
'S dùil aca r'a champ a bhristeadh;
'S iomadh fear a bh' anns an àit' ud
Nach robh sàbhailt mar bha mise,
A mheud 's a dh'fhàg sinn anns an àraich
Latha Blar na h-Eaglais' Brice.




Air Ais





Rainn Gearradh-Arm


Chunnaic mi an diugh a' chlach bhuadhach
Is an leug àlainn,
Ceanglaichean de'n òr mun cuairt dhith
'Na chruinn mhàille;
Bannan tha daingean air suaicheantas
Mo chàirdean,
A lean greamail r'an seann dualchas
Mar a b'àbhaist.

Inneal gu imeachd troimh chruadal
Le sluagh làidir,
Fir nach gabh giorag no fuathas
Le fuaim làmhaich;
Fine as minig a ghluais ann
An ruaig nàmhaid,
Nach sireadh tilleadh gun bhuannachd
No buaidh làrach.

Bha sibh uair gu grinn a' seòladh
Air tuinn sàile,
Chaidh tarrang a aon de bhòrdaibh
Druim a' bhàta;
Leis a' chabhaig sparr e an òrdag
Sìos 'na h-àite,
Is bhuail e gu teann leis an òrd i,
Is ceann di fhàgail.

An onoir a fhuair an saor Sléiteach
Leis gach treuntas a dh'fhàs ann,
Ghléidheadh fathast d'a shliochd féin i
Dh'aindeoin eucorach gach nàmhaid;
Na h-airm ghaisge ghasda ghleusda
Dh'òrduich an rìgh gu feum dhàsan,
Cho math 's a th'aig duine de'n dream threun sin,
De shliochd Cholla Cheud-chathaich Spàintich.

Dòrn an claidheamh 's làmh duine-uasail
Le crois-tàraidh,
Iolairean le 'n sgiathaibh luatha,
Gu cruas gàbhaidh,
Long ag imeachd air druim chuantan
Le siuil àrda,
Gearradh-arm Mhic-Shaoir o Chruachan,
Aonach uachdarach Earra-Ghàidheal.

Tha do dhaoine tric air fairge,
Sgiobairean calma neo-sgàthach;
Tha an aogas cumachdail dealbhach,
Is iomadh armailt a bheil pàirt dhiubh:
Thug iad gaol do shiubhal garbhlaich
Moch is anmoch a' sealg fàsaich;
Cuid eile dhiubh 'nan daoine-uaisle,
Is tha cuid dhiubh 'nan tuath ri àiteach.

Is rìoghail an eachdraidh na chualas
Riamh mu d' phàirtidh,
Is lìonmhor an taic, na tha suas diubh,
Nam biodh càs ort:
Tha gach buaidh eile d'a réir sin
An Gleann Nodha féin an tàmhachd,
Pìob is bratach is neart aig Seumas,
An ceann-cinnidh nach tréig gu bràth sinn.




Air Ais




Oran Choire a' Cheathaich


'S e Coir' a' Cheathaich nan aighean siùbhlach
An coire rùnach as ùrar fonn;
Gu lurach miadarach mìn geal sùghmhor
Gach luisean flùar bu chùbhraidh leam; Gu mollach dùbhghorm torrach lùisreagach
Corrach plùranach dlùthghlan grinn
Caoin ballach dìtheanach cannach mìsleanach
Gleann a' mhìltich as lìonmhor mang.

Tha fallaing dhùinte gu daingean dùbailt'
A mhaireas ùine, mun rùisg i lom,
De 'n fheur as cùlfhinne dh'fhàs na h-ùrach,
'S a bhàrr air lùbadh le drùchda trom,
Mu choire guanach nan torran uaine,
A bheil luibh is luachair a suas g' a cheann;
'S am fàsach guamach an càs a bhuanadh,
Nam b'àite cruaidh e, 'm biodh tuath le 'n suim.

Tha trusgan faoilidh air cruit an aonaich
Chuir sult is aoibh air gach taobh a d'chom;
Mìnfheur chaorach is barra bhraonan
'S gach lus a dh'fhaodadh bhith 'n aodann thom,
Mu'n choir' as aoigheil' a tha r'a fhaotainn,
A chunna' daoine an taobh seo 'n Fhraing;
Mur dèan e caochladh, b'e 'n t-aighear saoghalt'
Do ghillean aotrom bhith daonnan ann.

'S ann mu 'n Ruadh Aisridh dh'fhàs na cuairteagan,
Cluthmhor cuaicheanach cuannar ard;
A h-uile cluaineag 's am bàrr air luasgadh,
'S a' ghaoth 'gan sguabadh a nunn 's a nall;
Bun na cìoba is bàrr a' mhìltich,
A' chuiseag dhìreach 's an fhìteag-cham;
Muran brìoghmhor 's an gruannag lìonmhor,
Mu'n chuilidh dhìomhair am bì na suinn.

Tha sliabh na làirig an robh Mac Bhàididh
'Na mhòthar fàsaich 's 'na stràca trom;
Slios na Bàn Leacainn, chan i as tàire,
'S gur tric a dh'àraich i 'n làndamh donn;
'S na h-aighean dàra nach téid do'n bhàthaich
A bhios le'n àlach gu h-àrd 'nan grunn;
'S na laoigh gu h-ùiseil a là 's a dh'oidhche,
'S na h-uiread cruinn diubh air Druim Clach Fionn.

Do leaca choibhneil gu dearcach braoileagach
Breac le foighreagan 's cruinn-dearg ceann;
An creamh 'na chaithrichibh 'm bac nan staidhrichean,
Stacan fraoidhneasach nach bu ghann;
Am beàrnan-brìde 's a' pheighinn-rìoghail
'S an canach mìn geal, 's am mìslean ann --
'S a h-uile mìr dheth o'n bhun as ìsle
Gu h-ionad cìrean na crìch' as aird'.

Is rìomhach còta na Craige Móire
'S chan 'eil am fòlach ad chòir 'san am,
Ach meanan-còinnich, o's è bu nòsaire,
Air a chòtachadh bhos is thall;
Na lagain chòmhnard am bun nan sròineag
Am bi na sóbhraichean 's neònain fann
Gu bileach feòirneanach milis ròinneagach
Mollach ròmach, gach seòrs' a th'ann.

Tha mala ghruamach de'n bhiolair uaine
Mu'n h-uile fuaran a th'anns an fhonn,
Is doire shealbhag aig bun nan garbhchlach,
'S an grinneal gainmhich gu meanbhgheal pronn;
'Na ghlugan plumbach air ghoil gun aon teas,
Ach coilich bùirn tighinn a grunnd eas lom,
Gach sruthan uasal 'na chuailean cùlghorm
A' ruith 'na spùta 's 'na lùba steoll.

Tha bradan tarrgheal 'sa' choire gharbhlaich
Tha tighinn o'n fhairge bu ghailbheach tonn,
Le luinneis mheamnach a' ceapadh mheanbhcuileag
Gu neo-chearbach le chamghob crom,
Air bhuinne borb is e leum gu foirmeil
'Na éideadh colgail bu ghormghlas druim,
Le shoillsean airgid gu h-iteach meanbhbhreac
Gu lannach deargbhallach earrgheal slìom.

'S e Coir' a' Cheathaich an t-aithir prìseil
'S an t-àite rìoghail mu'm bìt' a' sealg;
'S bidh féidh air ghiùlan le làmhach fùdair
Gu fuileach feumanach treubhach garg,
A' ruith gu siùbhlach 's a' gearradh shùrdag
'S a' dol g' a dhùbhlan ri cùrsan dearg.

Gheibhte daonnan mu d'ghlacaibh faoine
Na h-aighean maola, na laoigh 's na maing;
Siud bu mhiann leinn am madainn ghrianaich,
Bhith dol g' an iarraidh 's a' fiadhach bheann;
Ged thigeadh siantan oirnn, uisg' is dìle,
Bha seòl g' ar dìdneadh mu'n chrìch 'san am,
An creagan ìosal am bun na frìthe,
'San leabaidh-dhìona 's mi'm shìneadh ann.

'Sa mhadainn chiùinghil an am dhomh dùsgadh
Aig bun na stùice b'e 'n sùgradh leam,
A' chearc le sgiùcan a' gabhail tùchain
'S an coileach cùirteil a' dùrdail crom;
An dreathan sùrdail 's a ribheid chiùil aig',
A' cur nan smùid deth gu lùthmhor binn;
An druid 's am brùdhearg le móran ùinich
Ri ceileir sunndach bu shiùbhlach rann.

Bha eòin an t-sléibhe 'nan ealtainn ghléghlain
A' ghabhail bheusan air ghéig 'sa' choill;
An uiseag cheutach 's a luinneag féin aice,
Feadan spéiseil gu réidh a' seinn;
A' chuthag 's smeòrach am bàrr an ògain
A' gabhail òrain gu ceòlmhor binn;
'N uair ghoir an cuanal gu loinneil guanach
'S e 's gloin' a chualas am fuaim 'sa' ghleann.

'N uair thig iad còmhla, na bheil ad chòir-sa
De 'n h-uile seòrsa bu chòir bhith ann --
Damh na cròice air srath na mòintich
'S e gabhail crònain le dreòcam àrd,
A' dol 'san fhéithidh gu bras le h-éibhneas
A' mire-leumnaich ri éildeig dhuinn;
B'i sin an ribhinn a dh'fhàs gu mìleanta
Foinneamh fìleanta dìreach seang.

Tha mhaoisleach chùlbhuidh air feadh na dùslainn
Aig bun nam fiùran 'gan rùsgadh lom;
'S am boc gu h-ùdlaidh ri leabaidh chùirteil
'S e 'ga bùrach le rùdan crom;
'S am minnean riabhach bu luime cliathach,
Le chuinnean fiadhta, as fiadhaich ceann,
'Na chadal guamach an lagan uaigneach,
Fo bhàrr na luachrach, 'na chuairteig chruinn.

Is lìonmhor cnuasachd a bha mun cuairt duit,
Ri am am buanadh bu luaineach clann
Ri teanal guamach gu fearail suairce,
'S a' roinn gu h-uasal na fhuair iad ann:
Céir-bheach 'na cnuacaibh 's an nead 'na chuairteig,
'S a' mhil 'ga buanachd air cruaidh an tuim
Aig seilein riabhacha breaca srianach
Le'n crònan cianail as fiadhta srann.

Bha cus r'a fhaotainn de chnothan caoine
'S cha b'iad na caochagan aotrom gann,
Ach bagailt mhaola bu taine plaoisg
A' toirt brìgh a laodhan nam maothshlat fann;
Srath nan caochan 'na dhosaibh caorrainn,
'S 'na phreasaibh caola, làn chraobh is mheang;
Na gallain ùra, 's an faillein dhlùtha,
'S am barrach dùinte mu chùl nan crann.

Gach àite timcheall 'nam fàsach iomlan,
Am Màm is Fionn Ghleann 's an Tuilm 'ga chòir;
Meall Tionail làimh ris gu mollach tlàthail,
B'e chulaidh dh'àrach an àlaich òig;
Na daimh 's na h-éildean am madainn Chéitein
Gu moch ag éirigh air réidhlean feòir,
Greighean dhearg dhiubh air taobh gach leargain,
Mu'n chore gharbhlaich dh'an ainm an Ceò.




Air Ais





Cumha Choire A' Cheathaich


Is duilich leam an càradh
Th'air coire gorm an fhàsaich,
An robh mi greis am àrach
'S a' Bhràighe so thall;
Is iomadh fear a bharr orm
A thaitneadh e r'a nàdur,
Nam biodh e mar a bha e
An uair dh'fhàg mi e nall.

Gunnaireachd is làmhach
Spurt is aobhar gàire,
Chleachd bhith aig na h-àrmuinn
A b'àbhaist bhith 's a' ghleann.
Rinn na fir ud fhàgail,
Is Mac Eoghainn t'ann an dràsda,
Mar chlach an ionad càbaig
An àite na bh'ann.

Tha an coire air dol am fàillinn,
Ged ithear thun a' bhlàir e,
Gun duine aig a bheil càs deth
Mu'n àite anns an am,
Na féidh a bh'ann air fhàgail,
Cha d'fhuirich gin air àruinn,
Is chan 'eil an àite tàmha
Mar bha e 's a' ghleann.

Tha am baran air a shàrach',
Is dh'fhairtlich air an tàladh,
Gun sgil aig air an nàdur
Ged thàinig e ann:
B'fheàrr dha bhith mar b'àbhaist,
Os cionn an t-soithich chàtha,
Is a làmhan a bhith làn dith,
'Ga fàsgadh gu teann.


Is e mùthadh air an t-saoghal
An coire laghach gaolach
A dhol a nis air faondradh,
Is am maor a theachd ann:
Is gur h-e bu chleachdainn riamh dha
Bhith trusadh nan cearc biata;
Gur tric a rinn iad sianail
Le pianadh do làmh;

Is iad 'nam baidnibh riabhach
Mu t'amhaich 's ann ad sgiathan:
Bhiodh itealaich is sgiabail
Mu t'fhiaclan 's an am.
Bu ghiobach thu ri riaghailt
Mu chidsin tigh an Iarla,
Gar nach b'e do mhiann
Bhith cur bhian air an staing.

Ged tha thu nis 's a' Bhràighe
Cha chompanach le càch thu,
Is tha h-uile duine tàir ort
O'n thàinig thu ann.

Is éiginn duit am fàgail
Na's miosa na mar thàinig;
Cha taitinn thu r'an nàdur
Le cnàmhan 's le cainnt.

Ged fhaiceadh tu ghreigh uallach,
An uair rachadh tu mun cuairt daibh,
Cha dèan thu ach am fuadach'
Suas feadh nam beann,
Leis a' ghunna nach robh buadhmhor
Is a' mheirg air a toll-cluaise:
Cha eirmis i na cruachan,
An cuaille dubh cam.

Is e an coire chaidh an déislaimh
O'n tha e nis gun fhéidh ann,
Gun duine aig a bheil spéis diubh
Nì feum air an cùl.
O'n tha iad gun fhear-gléidhte
Chan fhuirich iad r'a chéile,
Is ann ghabh iad an ratreuta
Seach réidhlean nan Lùb.

Chan 'eil prìs an ruadh-bhuic
An coille no air fuaran,
Nach b'éiginn da bhith gluasad
Le ruaig feadh na dùthch';
Is chan 'eil a nis mun cuairt da
Aon spurt a dhèanadh suairceas,
No thaitneadh ri duine uasal
Ged fhuasgladh e chù.

Tha chiolle bh'anns an fhrìth ud
'Na cuislean fada dìreach,
Air tuiteam is air crìonadh
Sìos as an rùsg.
Na prisein a bha brìoghmhor
'Nan dosaibh tiugha lìonmhor,
Air seacadh mar gun spìont' iad
A nìos as an ùir.

Na failleanan bu bhòidhche,
Na slatan is na h-ògain,
Is an t-àit am biodh na smeòrach
Gu mòdhar a' seinn ciuil,
Tha iad uile air caochladh,
Cha d'fhuirich fiodh no fraoch ann;
Tha am mullach bharr gach craoibhe
Is am maor 'ga thoirt diùbh.

Tha uisge Srath na Dìge
'Na shruthladh dubh gun sìoladh,
Le barraig uaine lìghlais
Gu mì-bhlasda grannd.
Feurlochain is tàchair
An cinn an duilleag-bhàite,
Chan 'eil gnè tuille fàs anns
An àit ud 'san ám.

Glumagan a' chàthair
'Na ghlugaibh domhain sàmhach,
Cho tiugh ri sùghan càtha
'Na làthaich 's 'na phlam.
Sean bhurn salach ruadhain
Cha ghlaine ghrunnd na uachdar;
Gur coslach ri muir ruaidh e,
'Na ruaimle feadh stang.

Tha 'n t-àit an robh na fuarain
Air fàs 'na chroitean cruaidhe,
Gun sobhrach, gun dail-chuaich,
Gun lus uasal air carn.
An sliabh an robh na h-eildean,
An àite laighe is éirigh
Cho lom ri cabhsair féille,
Is am feur, chinn e gann.

Chuir Alasdair le ghéisgeil
A' ghreigh us as a chéile;
Is ar leam gur mór an eucoir
An eudail a chall.
Cha lugha an t-aobhar mìothlachd,
Am fear a cleachd bhith tìorail,
A' tèarnadh is a' dìreadh
Bi frìth nan damh seang.

Ach ma's duine de shliochd Phàruig
A théid a nis do'n àite,
Is gun cuir e as a làraich
An tàcharan a th'ann,
Bidh 'n coire mar a bha e,
Bidh laoigh is aighean dàra ann,
Bidh daimh a' dol 's an dàmhair
Air fàsach nam beann.

Bidh buich 's na badan blàtha,
Na bric 'san abhainn làimh riu,
Is na féidh air Srath na Làirce
Ag àrach nam mang.
Thig gach uile nì g'a àbhaist
Le aighear is le àbhachd,
An uair gheibh am baran bàirlinn
Sud fhàgail gun taing.




Air Ais




Moladh Beinn Dobhrain


Air fonn Pìobaireachd

URLAR

An t-urram thar gach beinn
Aig Beinn Dóbhrain;
De na chunnaic mi fo'n ghréin,
'S i bu bhòidhche leam:
Munadh fada réidh,
Cuilidh 'm faighte féidh,
Soilleireachd an t-sléibh
Bha mi sònrachadh;
Doireachan nan geug,
Coill' anns am bi feur,
'S foinneasach an spréidh
Bhios a chòmhnaidh ann;
Greadhain bu gheal céir,
Faghaid air an déidh,
'S laghach leam an sreud
A bha sròineiseach.
'S aigeannach fear eutrom
Gun mhórchuis,
Theid fasanda 'na éideadh
Neo-spòrsail:
Tha mhanntal uime féin,
Caithtiche nach tréig,
Bratach dhearg mar chéir
Bhios mar chòmhdach air.
'S culaidh g' a chur eug --
Duine dhèanadh teuchd,
Gunna bu mhath gleus
An glaic òganaich;
Spor anns am biodh bearn,
Tarrann air a ceann,
Snap a bhuaileadh teann
Ris na h-òrdaibh i;
Ochdshlisneach gun fheall,
Stoc de'n fhiodh gun mheang,
Lotadh an damh seang
Is a leònadh e;
'S fear a bhiodh mar cheàird
Riutha sònraichte,
Dh'fhóghnadh dhaibh gun taing
Le chuid seòlainean;
Gheibhte siud ri am,
Pàdraig anns a' ghleann,
Gillean is coin sheang,
'S e toirt òrdugh dhaibh;
Peileirean 'nan deann,
Teine 'gan cur ann;
Eilid nam beann ard'
Théid a leònadh leo.


SIUBHAL

'S i 'n eilid bheag bhinneach
Bu ghuiniche sraonadh,
Le cuinnean geur biorach
A' sireadh na gaoithe:
Gasganach speireach,
Feadh chreachainn na beinne,
Le eagal roimh theine
Cha teirinn i h-aonach;
Ged théid i 'na cabhaig,
Cha ghearain i maothan:
Bha sìnnsireachd fallain;
'N uair shìneadh i h-anail,
'S toil-inntinn leam tannasg
Dh' a langan a chluinntinn,
'S i 'g iarraidh a leannain
'N am daraidh le coibhneas.
'S e damh a' chinn allaidh
Bu ghealcheireach feaman,
Gu cabarach ceannard,
A b'fharamach raoiceadh;
'S e chòmhnaidh 'm Beinn Dóbhrain,
'S e eòlach m'a fraoinibh.
'S ann am Beinn Dóbhrain,
Bu mhór dhomh r'a ìnnseadh
A liuthad damh ceannard
Tha fantainn 'san fhrith ud;
Eilid chaol-eangach,
'S a laoighean 'ga leantainn,
Le'n gasgana geala,
Ri bealach a' dìreadh,
Ri fraigh Choire Chruiteir,
A' chuideachda phìceach.
'N uair a shìneas i h-eangan
'S a théid i 'na deannaibh,
Cha saltradh air thalamh
Ach barra nan ìngnean:
Có b'urrainn g'a leantainn
a dh'fhearaibh na rìoghachd?
'S arraideach faramach
Carach air grìne,
A' chòisridh nach fhanadh
Gnà smal air an inntinn;
Ach caochlaideach curaideach
Caolchasach ullamh,
An aois cha chuir truim' orra,
Mulad no mìghean.
'S e shlànaich an culaidh,
Feòil mhàis agus mhuineil,
Bhith tàmhachd am bunailt
An cuilidh na frìthe;
Le àilgheas a' fuireach
Air fàsach 'nan grunnaibh;
'S i 'n àsainn a' mhuime
Tha cumail nan cìche
Ris na laoigh bhreaca bhallach
Nach meathlaich na sianta,
Le'n cridheacha meara
Le bainne na cìoba;
Gnoiseanach eangach,
Le'n girteaga geala,
Le'n corpanna glana
Le fallaineachd fìoruisg;
Le faram gun ghearan
Feadh ghleannan na mìltich.
Ged thigeadh an sneachda
Chan iarradh iad aitreabh,
'S e lag a' Choir' Altram
Bhios aca g' an dìdean;
Feadh stacan is bhacan
Is ghlacaga dìomhair,
Le'n leapaichean fasgach
An taic Ais an t-Sìthein.


URLAR
B'ionmhainn leam, ag éirigh
'San ògmhadainn,
Timcheall air na sléibhtean
'M bu chòir dhaibh bhith,
Cupall chunntas cheud
Luchd nan ceann gun chéill,
Mosgladh gu neo-bheudar
Mór-shòlasach.
Is osgarra o'm beul
Torman socair réidh,
'S glan an corp 's an cré
Seinn an dreòcaim ud,
Broc liath-chorrach éild'
An lod g' a loireadh théid,
Cuid dh' a h-arraid fhéin
'N uair bu deònach leath'.
'S annsa leam 'n uair théid
Iad air chrònanaich,
Na na th'ann an Eirinn
De cheòlmhoireachd:
'S binne na gach beus
Anail mhic an fhéidh
A' langanaich air eudann
Beinn Dóbhrain;
An damh le bhùireadh féin
Tighinn a grunnd a chléibh
'S fada chluinnt' a bheuc
An am tòiseachadh;
An t-agh as binne geum,
'S an laogh beag 'na déidh,
Freagraidh iad a chéile
Gu deòthasach.
Pìosg-shùil mheallach gheur
Gun bhonn glòinin innt',
Rosg fo mhala léith
Cumail seòil oirre:
Coisiche math treun
Bu bheothaile a théid
Air thoiseach an treud
A bha dòchasach.
Cha robh coir' ad cheum,
Cha robh moill' ad leum,
Cha robh deireadh réis
Air an t-seòrsa sin;
'N uair bheireadh tu steud
'S nach sealladh tu 'd dhéidh,
Cha b'aithne dhomh féin
Có bhiodh còmhla riut.
Tha 'n eilid anns an fhrìth
Mar bu chòir dhi bhith,
Far am faigh i mìlteach
Glan-feòirneanach;
Bruchorachd is cìob,
Lusan am bi brìgh,
Chuireadh sult is ìth
Air a lòineanaibh;
Fuaran anns am bì
Biolaire gun dìth
'S mìlse leath' na 'm fìon,
'S e gun òladh i.
Cuiseagan is riasg,
Chinneas air an t-sliabh,
B'annsa leath' mar bhiadh
Na na fòlaichean.
'S ann de'n teachd-an-tìr
A bha sòghar leath'
Sóbhrach 's eala-bhì
'S barra neònagan;
Dóbhrach bhallach mhìn
Ghóbhlach bharrach shlìom,
Lòintean far an cinn
I 'na mòthraichean.
Siud am pòrsan bidh
Mheudaicheadh an clì,
Bheireadh iad a nìos
Ri am dòilichean;
Chuireadh air an druim
Brata saille cruinn,
Air an carcais luim
Nach bu lòdail.
B'e sin an caidreabh grinn
Mu thràth nòine,
'N uair a thionaladh iad cruinn
Anns a' ghlòmainn:
Air fhad 's gum biodh an oidhch',
Dad cha tigeadh ribh,
Fasgadh bhun an tuim
B'àite còmhnaidh dhuibh.
Leapaichean nam fiadh,
Far an robh iad riamh,
An aonach farsaing fial
'S ann am mórmhonadh.
'S iad bu taitneach fiamh
'N uair bu daitht' am bian;
'S cha b'i 'n airc am miann
Ach Beinn Dóbhrain.


SIUBHAL

A' bheinn luiseanach fhailleanach
Mheallanach lìontach,
Gun choimeas dh' a fallaing
Air thalamh na Crìosdachd;
'S ro-neònach tha mise,
Le bòidhchead a sliosa,
Nach 'eil còir aic' an ciste
Air tiotal na rìoghachd;
'S i air dùbladh le gibhtibh,
'S air lùisreadh le miosaibh
Nach 'eil bitheant' a' bristeadh
Air phriseanaibh tìre.
Làn-trusgan gun deireas,
Le usgraichean coille,
Bàrr-guc air gach doire,
Gun choir' ort r'a ìnnseadh;
Far an uchdardach coileach,
Le shriutaichibh loinneil,
'S eòin bhuchallach bheag' eile
Le'n ceileiribh lìonmhor.
'S am buicean beag sgiolta
Bu sgriobalt' air grìne,
Gun sgiorradh gun tubaist
Gun tuisleadh gun dìobradh;
Crodhanach biorach,
Feadh coire 'ga shìreadh,
Feadh fraoich agus firich,
Air mhireadh 'ga dhìreadh;
Feadh rainich is barraich
Gum b'arraideach inntinn;
Ann an ìosal gach feadain,
'S air àirde gach creagain,
Gu mireanach beiceasach
Easgannach sìnteach.
'N uair a théid e 'na bhoile
Le clisge 'sa' choille,
'S e ruith feadh gach doire,
Air dheireadh cha bhì e;
Leis an eangaig bu chaoile
'S e b'aotruime sìnteag,
Mu chnocanaibh donna,
Le ruith dara-tomain,
'S e togairt an coinneamh
Bean-chomuinn os n-ìosal.
Tha mhaoisleach bheag bhrangach
'Sa' ghleannan a chòmhnaidh
'S i fuireach 'san fhireach
Le minneanan òga:
Cluas bhiorach gu claisteachd,
Sùil chorrach gu faicinn,
'S i earbsach 'na casaibh
Chur seachad na mòintich.
Ged thig Caoilte 's Cù Chulainn,
'S gach duine de 'n t-seòrs' ud,
Na tha dhaoine 's a dh'eachaibh
Air fasdadh Rìgh Deòrsa,
Nan tèarnadh a craiceann
O luaidhe 's o lasair
Cha chual' is chan fhac' i
Na ghlacadh r'a beò i;
'S i gradcharach fadchasach
Aigeannach neònach
Gealcheireach gasganach,
Gealtach roimh mhadadh,
Air chaisead na leacainn
Cha saltradh i còmhnard;
'S i noigeanach gnoigeasach
Gogcheannach sòrnach,
Biorshuileach sgurshuileach
Frionasach furachair,
A' fuireach 'sa' mhunadh
An do thuinich a seòrsa.


URLAR

B'i sin a' mhaoisleach luaineach
Feadh òganan;
Bilichean nam bruach
'S àite còmhnaidh dhi;
Duilleagan nan craobh,
Bileagan an fhraoich,
Criomagan a gaoil,
Cha b'e 'm fòtras.
A h-aigneadh aotrom suairc
Aobhach ait, gun ghruaim,
Ceann bu bhraise ghuanaiche
Ghòraiche;
A' chré bu cheanalt' stuaim,
Chalaich i gu buan
An gleann a' bharraich uaine
Bu nòsaire.
'S tric a ghabh i cluain
'Sa' Chreig Mhóir
On as miosail leath' bhith Luan
Is a Dhòmhnach ann;
Pris an dèan i suain
Bitheanta mun cuairt,
A bhristeas a' ghaoth tuath,
'S nach leigh deò oirre;
Am fasgadh Doire Chrò,
An taice ris an t-Sròin,
A measg nam faillean òg'
Is nan còsagan.
Masgadh 'n Fhuarain Mhóir,
'S e pailte gu leòr,
'S blasda leath' na bheòir,
Gu bhith pòit oirre.
Deoch de'n t-sruthan uasal
R'a òl aice,
Dh'fhàgas fallain fuasgailteach
Ogail i;
Gradcharach ri uair,
'S ealamh bheir i cuairt
'N uair thachaireadh i 'n ruaig
'S a bhiodh tòir oirre.
'S maothbhuidh' daitht' a snuadh,
Dearg a dreach 's a tuar,
'S gura h-iomadh buaidh
Tha mar chòmhla oirr';
Fulangach air fuachd,
'S i gun chum' air luaths,
Urram claisteachd cluas
Na Roinn Eòrpa dhi.


SIUBHAL

Bu ghrinn leam am pannal
A' tarraing an òrdugh,
A' dìreadh le faram
Ri carraig na Sròine;
Eadar sliabh Craobh na h-Ainnis
Is beul Choire Dhaingein,
Bu bhiadhchar greigh cheannard
Nach ceannaich am pòrsan;
Dà thaobh Choire Rainich,
Mu sgéith sin a' Bhealaich,
Coire Réidh Beinn Ach-Chaladair,
'S thairis mu 'n Chònnlon,
Air Lurgainn na Laoidhre
Bu ghreadhnach a' chòisridh;
Mu Làrach na Féinne,
'Sa' Chraig Sheilich 'na dhéidh sin,
Far an cruinnich na h-éildean
Bu neo-spéiseil mu'n fhòlach.
'S gum b'e 'n aighear 's an éibhneas
Bhith faicheachd air réidhlean
A' comh-mhacnas ri chéile
'S a' leumnaich feadh mòintich;
Ann am pollaichaibh daimseir,
Le sodradh gu meamnadh,
Gu togarrach mearcasach
Aintheasach gòrach.
Cha bhiodh ìot' air an teangaidh
Taobh shìos a' Mhill Teanail,
Le fìon Uillt na h-Annaid,
Blas meala r'a òl air;
Sruth brìoghmhor geal tana,
'S e sìothladh troimh 'n ghaineamh
'S e 's mìlse na 'n caineal,
Cha b'aineolach òirnn e.
Siud an ìocshlainte mhaireann
Thig a ìochdar an talaimh
Gheibhte lìonmhorachd mhaith dhith
Gun a cheannach le stòras,
Air fàrainn na beinne
As dàicheile sealladh
A dh'fhàs anns a' cheithreamh
A bheil mi 'n Roinn Eòrpa:
Le glainead a h-uisge,
Gu maothbhlasda brisggheal,
Caoin caomhail glan miosail,
Neo-mhisgeach ri pòit air:
Le fuaranaibh grinne
Am bun gruamach na biolair,
Còinneach uaine mu'n imeall
As iomadach seòrsa.
Bu ghlan uachdar na linne,
Gu neo-bhuaireasach milis,
Tighinn 'na chuairteig o'n ghrinneal
Air slinnean Beinn Dóbhrain.
Tha lethtaobh na Leacainn
Le mais' air a còmhdach,
'S am Frith-Choirean creagach
'Na sheasamh 'ga chòir sin:
Gu stobanach stacanach
Slocanach laganach
Cnocanach cnapanach
Caiteanach ròmach,
Pasganach badanach
Bachlagach bòidheach;
A h-aisridhean corrach
'Nam fasraichibh mollach,
'S i b' fhasa dhomh mholadh,
Bha sonas gu leòr oirr';
Cluigeanach gucagach
Uchdanach còmhnard;
Le dìthean glan ruiteach,
Breach mìsleanach sultmhor,
Tha 'n fhrìth air a busgadh
'San trusgan bu chòir dhi.


URLAR

Am monadh farsaing faoin
Glacach srònagach
Lag a' Choire Fhraoich
Cuid bu bhòidhche dheth.
Sin am fearann caoin
Air an d'fhàs an aoibh
Far am bi na laoigh
'S na daimh chròcach;
'S e deisearach ri gréin,
Seasgaireachd dh' a réir,
'S neo-bheag air an éildeig
Bhith chòmhnaidh ann;
Leannan an fhir léith
As faramaiche ceum,
Nach iarradh a' chléir
A thoirt pòsaidh dhaibh;
'S glan fallan a cré,
Is banail i 'na beus,
Cha robh h-anail breun
Ge bà phògadh i.
'S e 'n coire choisinn gaol
A h-uil' òganaich,
A chunna' riamh a thaobh
'S a ghlac eòlas air:
'S lìonmhor feadan caol
Air an éirich gaoth,
Far am bi na laoich
Cumail còmhdhalach;
Bruthaichean nan learg
Far am biodh greigh dhearg,
Ceann-uidhe gach sealg'
Fad am beòshlainte;
'S e làn de'n h-uile maoin
A thig a mach le braon,
Fàileadh nan sùbh-chraobh
Is nan ròsan ann.
Gheibhte tacar éisg
Air a còrsa,
'S bhith 'gan ruith le leus
Anns na mór-shruthan:
Morgha cumhann geur,
Le chrann giuthais fhéin,
Aig fir shubhach threubhach
'Nan dòrnaibh.
Bu shòlasach a' leum
Bric air buinne réidh,
A' ceapadh chuileag eutrom
'Nan dòrlaichean.
Chan 'eil muir no tìr
A bheil tuilleadh brìgh
'S a tha feadh do chrìch
Air a h-òrdachadh.


AN CRUNLUDH

Tha 'n eilid anns a' ghleannan seo,
'S chan amadan gun eòlas
A leanadh i mur b'aithne dha
Tighinn farasda 'na còmhdhail:
Gu faiteach bhith 'na h-earalas,
Tighinn am faigse dhi mun caraich i,
Gu faicilleach, glé earraigeach,
Mum fairich i 'ga còir e;
Feadh shloc is ghlac is chamhanan,
Is chlach a dhèanadh falach air,
Bhith beachail air an talamh
'S air a' char a thig na neòil air;
'S an t-astar bhith 'ga tharraing air
Cho macanta 's a b'aithne dha,
Gun glacadh e dh'a h-aindeoin i
Le h-anabharra seòltachd;
Le tùr, gun ghainne baralach,
An t-sùil a chur gu danarra,
A' stiùradh na dubh-bannaiche,
'S a h-aire ri fear cròice.
Bhiodh rùdan air an tarraing
Leis an lùbt' an t-iarann-earra,
Bheireadh ionnsaigh nach biodh mearachdach
Do'n fhear a bhiodh 'ga seòladh;
Spor ùr an déis a teannachadh,
Buill' ùird a' sgailceadh daingean ris,
Cha diùlt an t-srad 'n uair bheanas i
Do'n deannaig a bha neònach.
'S e 'm fùdar tioram teannabaich
Air chùl an asgairt ghreannaich,
Chuireadh smùid ri acainn mheallanaich
A baraille Nic Cóiseim.
'S i 'n teachdaire bha dealasach,
Nach mealladh e 'na dhòchas,
'N uair lasadh e mar dhealanach
Gu feareigin a leònadh;
Gu silteach leis na peileirean
Bhiodh luchd nan luirgnean speireacha,
'S nam bus bu tirme bheileanaich,
Gun mheilliche, gun tòicean.
'S e camp na Craige Seiliche
Bha ceannsalach 'nan ceithreamhnaibh;
Le aingealtas cha teirinn iad
Gu eirthir as an eòlas,
Mur ceannsaichear iad deireasach
Ri am an crìche deireannaich,
An tabhannaich le deifir
A bhith deileann air an tòrach;
Gun channtaireachd, gun cheilearachd,
Ach dranndail chon a' deileis rith',
A ceann a chur gu peirealais,
Aig eilid Beinne Dóbhrain.
'S O! b'ionmhainn le fir cheanalta
Nach b'aineolach mu spòrsa,
Bhith timcheall air na bealaichibh
Le fearalachd na h-òige;
Far am bi na féidh gu faramach,
'S na fir 'nan déidh gu caithriseach,
Le gunna bu mhath barantas
Thoirt aingil 'n uair bu chòir dhi;
Le cuilean foirmeil togarrach,
'G am biodh a stiùir air bhogadan,
'S e miolairtich gu sodanach,
'S nach ob e dol 'nan còmhdhail.
'Na fhuirbidh làidir cosgarrach,
Ro-inntinneach neo-fhoisinneach,
Gu guineach sgiamhach gobeasgaidh
'San obair bh'aig a sheòrsa;
'S a fhrioghan cuilg a' togail air,
Gu mailgheach gruamach doicheallach,
'S a gheanachan cnuasaicht' fosgailte
Comh-bhogartaich r'an sgòrnan.
Gum b'arraideach a' charachd ud
'S bu chabhagach i 'n còmhnaidh,
'N uair shìneadh iad na h-eanganan
Le h-athghoirid na mòintich;
Na beanntaichean 's na bealaichean,
Gum freagradh iad mac-talla dhuit,
Le fuaim na gairme galanaich
Aig faram a' choin ròmaich,
'Gan tèarnadh as na mullaichibh
Gu linnichean nach grunnaich iad,
'S ann bhitheas iad feadh na tuinne
Anns an luinneinich 's iad leòinte;
'S na cuileanan gu fulasgach
'Gan cumail air na muinealaibh,
'S nach urrainn iad dol tuilleadh as,
Ach fuireach 's bhith gun deò annt'.
Is ged a thuirt mi beagan riu,
Mun ìnnsinn uil' an dleasdnas orr',
Chuireadh iad am bhreislich mi
Le deisimireachd chòmhraidh.




Air Ais




Rainn I Chaluim Chille


Beannachaidh I Chaluim Chille --
Innis tha beannaichte cheana,
Eilean a tha 'n ìochdar Mhuile
'S e uile fo chìs Mhic Cailein;
Ionad naomha a fhuair urram
Os cionn iomad tìr is fearann,
Ghabhas dìleas ris gach duine
Thig o 'n uile rìoghachd aineoil.

'S iomad rìgh a th'anns an tulaich
'S daoin'-uaisle rìomhach a bharrachd,
'S an cuirp phrìseil bu mhath cumachd
Air an leagail sìos fo'n talamh;
O 's e deireadh crìch gach duine
Tuiteam 'nan ùir 's 'nam mìn ghaineamh;
Mo dhòchas an Crìosd a dh'fhuiling,
Gun d'ullaich e sìth d'an anam.

Mìle is dà chiad d' a thuilleadh
De bhliadhnachan air dol thairis,
On a shuidhich a' cheud duine
Deagh chlach-bhunaidh stéidh a' bhalla;
'S iomad dealbh a th'ann a' fuireach,
'S leacannan-mharbh air dheagh ghearradh,
Clach shnaidhte o 'n bhlàr gu mhullach,
'S rinn iad uil' e làidir fallain.

Fhuair sinn searmoin shoilleir ullamh
O 'n fhear a bha 'n dé 'sa' chrannaig;
'S chuala mi 'n luchd-éisdeachd uile
Toirt urram do'n bheul a chan i.
Nis on a dh'eug Calum Cille
'S nach bu dù dha féin bhith maireann,
Tha aoibhneas air dùthaich Mhuile
Dùghall a bhith 'n àite Chaluim.




Air Ais




Oran a' Bhotail


'N uair a shuidheas sinn socair
'S a dh'òlas sinn botal,
Chan aithnich ar stoc uainn
Na chuireas sinn ann;
Thig onoir is fortan
Le sonas a' chopain,
C'ar son nach bi deoch oirnn
Mun tog sinn ar ceann?
Bheir an stuth grinn oirnn
Seinn gu fileanta,
Chuir a thoil-inntinn
Binneas 'nar cainnt;
Chaisg i ar n-ìota
'N fhìor dheoch mhilis,
Bu mhuladach sinne
Nam biodh i air chall.

Deoch-slàinte nan gaisgeach,
Nan Gàidhealaibh gasda,
Dh'am b'àbhaist mar fhasan
Bhith pòit ar an dram;
Luchd-gaoil an stuth bhlasda,
'S air dhaoiread an lacha,
Nach caomhnadh am beartas
A sgapadh 'san am.
Fear 'g a bheil nì
Gheibh e na shireas e,
Fear a tha crìonda
Fanadh e thall;
Fear a tha mìodhoir
Chan fhuiling sinn' e,
'S am fear a bheil grinneas
Théid iomain a nall.

'S ro-rìoghail an obair
Sruth brìoghmhor na togalach,
Iocshlaint a bhogaicheas
Cridhe tha gann;
'S e chuireadh an sodan
Air fear a bhiodh togarrach,
'S chuireadh e 'm bodach
A fear a bhiodh teann.
Chan 'eil 'san tìr
Uasal no cumanta
Nach 'eil air thì
Gach urram a th'ann;
Ged a bhiodh strìth
Mu thogail na muirichinn,
Cia mar as urrainn sinn
Fuireach o'n dram?

Tha e fionnar do'n chreubhaig
A h-uile là gréine
Thig teas o na speura
Thar sléibhte nam beann;
'S e math ri là reòdhta
Chur blàths ann am pòra
An fhir théid dh'a dheòin
an taigh-òsda 'na dheann.
Cuiridh e sùnnd
Air muinntir eirachdail,
Timcheall a' bhùird,
'S cuid eile dhiubh danns';
Thogamaid fonn neo-throm
Is ceileirean,
'S freagarrach sheinneas sinn
Deireadh gach rann.

On shuidh sinn cho fada,
'S a dh'òl sinn na bh'againn,
'S i chòir dol a chadal
On thàinig an t-am;
Chan fhóghnadh ach pailteas
Thoirt sòlas dh'ar n-aigneadh,
Deoch mhór anns a' mhadainn
Gu leigheas ar ceann.
Am fear tha gun chlì
Cuiridh e spiorad ann,
Togaidh e crìdh'
Gach fir a tha fann;
Théid am fear tinn
Gu grinn air mhire:
'S e leigheas gach tinnis
Deoch mhilis an dram.




Air Ais




Oran do'n Eideadh Ghaidhealach


Fhuair mi naidheachd as ùr
Tha taitneadh ri rùn mo chridh',
Gum faigheamaid fasan na dùthch'
A chleachd sinn an tùs ar tìm;
On tha sinn le glaineachan làn
A' bruidhinn air mànran binn,
Seo i deoch-slàinte Mhontròis
A sheasamh a' chòir seo dhuinn.

Chunnaic mi 'n diugh an Dùn Eideann
Comunn na féile cruinn,
Litir an fhortain thug sgeul
Air toiseach an éibhnis dhuinn;
Pìob gun loinneil an gleus
Air soilleireachd réidh an tuim;
Thug sinn am follais ar n-éideadh,
Is có a their reubail ruinn?

Deich bliadhna fichead is còrr
Bha casag de'n chlòth m'ar druim;
Fhuair sinn ad agus cleòc
'S cha bhuineadh an seòrs' ud dhuinn;
Bucaill a' dùnadh ar bròg,
'S e 'm barriall bu bhòidhche leinn;
Rinn an droch fhasan a bh'òirnn
Na bodaich d'ar n-òigridh ghrinn.

Mhill e pàirt d'ar cumachd
O'n bhlàr gu mullach ar cinn;
Bha sinn cho làn de mhulad
'S gun d'fhàs gach duine gu tinn;
'S ann a bha 'n càs cho duilich
'S a thàinig uile ri m'linn,
'N uair a rinn pàirtidh Lunnainn
Gach àit is urram thoirt dhinn.

'S fhada bha 'n onoir air chall
Is fasan nan Gall oirnn dlùth,
Còta ruigeadh an t-sàil,
Cha tigeadh e dàicheil dhuinn;
B'éigin do'n bhriogais bhith ann,
'N uair chaidh ar comannd cho ciùin
'S gun d'rinneadh gach fine 'nan tràill,
'S gach fireannach fhàgail rùisgt'.

Tha sinn a nis mar as math leinn,
'S gur àrd ar caraid 'sa' chùirt,
A chuir air na daoin' am fasan
Rinn pàrlamaid Shasann thoirt diùbh;
Beannachd gu bràth do'n Mharcus
A thagair an dràsd ar cùis;
Fhuair e gach dlighe air ais dhuinn
Le ceartas an rìgh 's a' chrùin.

Fhuair e dhuinn comas nan arm
A dhèanamh dhuinn sealg nan stùc,
'S a ghleidheadh ar daoine 'sa' champ
Le fàgail an naimhdean brùit';
Thogadh e misneach nan clann
Gu iomairt nan lann le sùnnd,
Pìob is bratach ri crann
'S i caisimeachd ard mo rùin.

Fhuair sinn cothrom an dràsd
A thoilicheas gràdh gach dùthch',
Comas ar culaidh chur òirnn
Gun fharraid de phòr nan lùb;
Tha sinn a nis mar as còir
Is taitnidh an seòl r'ar sùil;
Chuir sinn a' bhriogais air làr,
'S cha tig i gu bràth a cùil.

Chuir sinn a suas an deise
Bhios uallach freagarrach dhùinn;
Breacan an fhéile preasach
Is peiteag de'n eudach ùr;
Còt' a chadadh nam ball
Am bitheadh a' charnaid dlùth;
Osan nach ceangail ar ceum,
'S nach ruigeadh mar réis an glùn.

Togaidh na Gàidheil an ceann,
Cha bhi iad am fang na's mù;
Dh'fhalbh na speirichean teann
Thug orra bhith mall gun lùth;
Siùbhlaidh iad fireach nam beann
A dh'iarraidh dhamh seang le'n cù;
'S eutrom théid iad a dhannsadh,
Freagraidh iad srann gach ciùil.

Tha sinn an comain an uasail
A choisinn le chruadal cliù;
Chuir e le teòmachd làidir
Faoineachd chàich air cùl:
Oighre cinn-feadhna nan Gràmach,
'S iomadh fuil àrd 'na ghnùis,
'S ann tha Marcus an àidh
Am mac thig an àit an Diùc.




Air Ais




Rainn a Ghabhas Maighdean dh'a Leannan


Chan eòlas gràidh dhuit
Uisge shràbh no shop,
Ach gràdh an fhir thig riut
Le blàths a tharraing ort.

Eirich moch Di-dòmhnaich
Gu lic chòmhnaird phlataich,
'S thoir leat puball-beannach
Agus currac-sagairt;
Tog siud air a ghualainn
Ann an sluasaid mhaide.

Faigh naoi gasan rainich
Air an gearradh le tuaigh,
Is trì chnàimhean seann duine
Air an tarraing a uaigh;
Loisg air teine crìonach e,
'S dèan siud gu léir 'na luath.

Suath sin r'a ghealbhroilleach
An aghaidh na gaoith tuath,
'S théid mise 'n ràth 's am barantas
Nach falbh am fear ud uait.




Air Ais




Oran nam Balgairean


[Seisd]:
Ho hù o hó na balgairean,
O 's ainmig iad r'am faotainn!
Ho hù o hó na balgairean.


Mo bheannachd aig na balgairean,
A chionn bhith sealg nan caorach.

An iad na caoraich cheannriabhach
Rinn aimhreit feadh an t-saoghail;

Am fearann a chur fàs oirnn,
'S am màl a chur an daoiread?

Chan 'eil àit aig tuathanach,
Tha bhuannachd-san air claonadh;

Is éigin dhà bhith fàgail
An àit anns an robh dhaoine.

Na bailtean is na h-àirighean
Am faighte blàths is faoileachd,

Gun taighean ach na làraichean,
Gun àiteach air na raointean.

Tha h-uile seòl a b'àbhaist
Anns a' Ghàidhealtachd air caochladh,

Air cinntinn cho mì-nàdurra
'Sna h-àitean a bha aoigheil.

Chan 'eil loth no làir
Bhiodh searrach làimh r'a taobh ann.

Chan 'eil aighean dàra
Bhios ag àrach an cuid laogh ann.

Chan 'eil feum air gruagaichean,
Tha h-uile buail' air sgaoileadh.

Chan fhaigh gille tuarasdal
Ach buachaille nan caorach.

Dh'fhalbh na gobhair phrìseil;
Bu rìgh a dh'òrdaich saor iad.

Earba bheag na dùslainn,
Cha dùisgear i le blaodhan.

Chan 'eil fiadh air fuaran
On chaill na h-uaislean gaol daibh.

Tha gach frìthfhear fuasgailte,
Gun duais a chionn a shaoithreach.

Is diombach air an duine mi
A nì na sionnaich aoireadh;

A chuireas cù g' an ruagadh
No thilgeas luaidhe chaol orr'.

Guma slàn na cuileanan
Tha fuireach ann an saobhaidh.

Nam faigheadh iad mo dhùrachd,
Cha chùram dhaibh cion saoghail.

Bhiodh piseach air an òigridh,
Is bhiodh beò gus am marbh' aois iad.




Air Ais




Nighean Dubh Raineach


Chuir nighean dubh Raineach
Orm farran is mìothlachd,
Nach cuir mi dhìom
Le cabhaig an dràsd':
Ghoid i mo sporan
'S na dolair gu lìonmhor,
Bh'agam os n-ìosal
Feitheamh ri m'làimh.

Nam bitheadh a' chail' ud
Gu daingean am prìosan,
Rachainn g'a dìteadh
Dh'ionnsaigh a' bhàis,
Chionn gun do ghoid i
'N rud beag bha 'sa' chlùdan,
Bh'agam 'sa' chùil
Nach d'innis mi chàch.

'S muladach mise
Gun fhios ciod a nì mi
On a tha mi
Gun searrach gun làir,
Gun chaora gun othaisg
Gun ghobhar gun mhiseach,
Gun am mart mìn
A chreimas am blàr.

Cha robh mi gun airgead
Gus an d'fhalbh e gu mìomhail,
Leis an té chrìon
Nach do sheall air mo chàs;
Rinn i mo chreachadh,
'S bu pheacach an nì dhi
Mise chur sìos
Gun i féin chur an àird.

Cia mar a cheannaicheas mi
Camraig no sìoda,
No 'n leig mi dhìom e
Tuilleadh gu bràth?
Ged thig am marsant'
Le phaca do'n tìr,
Chan fhaigh sinn aon sìon
Bhios aige, air dàil.

Bha mo chuid stòrais
Am phòca cho uallach
'S ged a bhiodh buaile
Mhart air mo sgàth;
'S i rinn an eucoir
A' bhéist a thug uam e,
'S tha mi fo ghruaim
O mhadainn Di-màirt.

A rìgh, nach robh mèirlich
Na cèarna seo 'n rìoghachd
Anns a' mhuir ìosail
Fada bho thràigh;
Is caile dhubh Raineach
'San fheamainn an ìochdar,
Chuideachadh bìdh
Do phartan nan spàg.




Air Ais




Cead Deireannach nam Beann


Bha mi 'n dé 'm Beinn Dóbhrain
'S 'na còir cha robh mi aineolach;
Chunna' mi na gleanntan
'S na beanntaichean a b'aithne dhomh:
B'e sin an sealladh éibhinn
Bhith 'g imeachd air na sléibhtean,
'N uair bhiodh a' ghrian ag éirigh,
'S a bhiodh na féidh a' langanaich.

'S aobhach a' ghreigh uallach,
'N uair ghluaiseadh iad gu faramach;
'S na h-éildean air an fhuaran,
Bu chuannar na laoigh bhallach ann;
Na maoislichean 's na ruadhbhuic,
Na coilich dhubha 's ruadha --
'S e 'n ceòl bu bhinne chualas
'N uair chluinnt' am fuaim 'sa' chamhanaich.

'S togarrach a dh'fhalbhainn
Gu sealgaireachd nam bealaichean,
Dol mach a dhìreadh garbhlaich
'S gum b'anmoch tighinn gu baile mi;
An t-uisge glan 's am fàile
Th'air mullach nam beann àrda,
Chuidich e gu fàs mi,
'S e rinn domh slàint' is fallaineachd.

Fhuair mi greis am àrach
Air àirighnean a b'aithne dhomh,
Ri cluiche 's mire 's mànran
'S bhith 'n coibhneas blàth nan caileagan;
Bu chùis an aghaidh nàduir
Gum maireadh sin an dràsd ann,
'S e b'éigin bhith 'gam fàgail
'N uair thàinig tràth dhuinn dealachadh.

Nis on bhuail an aois mi
Fhuair mi gaoid a mhaireas domh,
Rinn milleadh air mo dheudach,
'S mo léirsinn air a dalladh orm;
Chan urrainn mi bhith treubhach
Ged a chuirinn feum air,
'S ged bhiodh an ruaig am dhéidh-sa
Cha dèan mi ceum ro-chabhagach.

Ged tha mo cheann air liathadh
'S mo chiabhagan air tanachadh,
'S tric a leig mi mialchù
Ri fear fiadhaich ceannardach;
Ged bu toigh leam riamh iad,
'S ged fhaicinn air an t-sliabh iad,
Cha téid mi nis g'an iarraidh
On chaill mi trian na h-analach.

Ri am dol anns a' bhùireadh
Bu dùrachdach a leanainn iad,
'S bhiodh uair aig sluagh na dùthcha,
Toirt òrain ùra 's rannachd dhaibh;
Greis eile mar ri cairdean
'N uair bha sinn anns na campan,
Bu chridheil anns an am sinn,
'S cha bhiodh an dram oirnn annasach.

'N uair bha mi 'n toiseach m'òige
'S i ghòraich a chum falamh mi;
'S e Fortan tha cur òirnne
Gach aon ni còir a ghealladh dhuinn;
Ged tha mi gann a a stòras,
Tha m'inntinn làn de shòlas,
On tha mi ann an dòchas
Gun d'rinn nighean Deòrs' an t-aran domh.

Bha mi 'n dé 'san aonach
'S bha smaointean mór air m'aire-sa,
Nach robh 'n luchd-gaoil a b'àbhaist
Bhith siubhal fàsaich mar rium ann;
'S a' bheinn as beag a shaoil mi
Gun dèanadh ise caochladh,
On tha i nis fo chaoraibh
'S ann thug an saoghal car asam.

'N uair sheall mi air gach taobh dhìom
Chan fhaodainn gun bhith smalanach,
On theirig coill is fraoch ann,
'S na daoine bh'ann, cha mhaireann iad;
Chan 'eil fiadh r'a shealg ann,
Chan 'eil eun no earb ann,
Am beagan nach eil marbh dhiubh,
'S e rinn iad falbh gu baileach as.

Mo shoraidh leis na frìthean,
O 's mìorbhailteach na beannan iad,
Le biolair uaine 's fìoruisg,
Deoch uasal rìomhach cheanalta;
Na blàran a tha prìseil,
'S na fàsaichean tha lìonmhor,
O 's àit a leig mi dhìom iad,
Gu bràth mo mhìle beannachd leò.



Air Ais




...