Eilean Mo Ghaoil

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
O eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh;
An Eilean an Fhraoich bidh daoine fuireach gu bràth,
An Eilean mo ghaoil; is caomh leam Eilean mo ghràidh.


Is toigh leam gach beinn, gach gleann, gach tulach is òs,
Gach sruthan is allt gu mall, tha siubhal gu lòn,
Is toigh leam am feur 's gach geug a chinneas air blàr,
An Eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an sprèidh tha streup ri mullach nam beann,
An canach 's am feur 's gach geug a thogas a ceann,
O 's toigh leam gach cùil, gach lùb, gach coir' agus càrn,
Tha 'n eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an cuan tha cuartach' eilean mo ghràidh,
'S na tonnan a ghluaiseas uallach ullamh gu tràigh,
Is toigh leam na h-éisg, 's gach creutair beag a ni tàmh,
An eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an òigridh, cheolmhor, cheanalta, ghrinn,
A sheinneas na h-òrain, còmhnard, aighearach, binn.
Is toigh leam gach gruagach shuairc' tha 'g imeachd air sràid,
An eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam gach eun th'air sgéith an eilean mo ghràidh,
Bidh uiseag na speur ag éigheach maduinn gach là,
Bidh smeòrach nan geug 's i fhéin a' seinn air a gràdh,
Do eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh.

Bidh coirc agus eòrn' gu leòr an eilean mo ghràidh,
Bidh biadh air a' bhòrd is còrr mu choinneamh gach tràth.
Bidh aois agus òg gach là ri faighinn an sàth,
An eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh.

Tha uisgeachan mìn ri cìreadh fuiltein nan gleann,
Fo bhilich an fhraoich tha gaoir is farum nan allt.
Tha osag na gaoith gu coibhneil thairis gach là,
An eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh.

Tha ghealach 's a' ghrian ag iathadh eilean mo ghràidh,
'Toirt fairis am miann gu sìol a thabhairt gu fàs,
Tha Ughdar nan reult E fhéin ag amharc gach tràth,
Air eilean mo ghaoil; is caomh leam eilean mo ghràidh.