An t-Eilean Muileach
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
An t-Eilean Muileach, an t-eilean àghmhor,
An t-eilean grianach mu'n iath an sàile,
Eilean buadhmhor nam fuarbheann àrda,
Nan coilltean uain 's nan cluaintean fàsail.
Ged tha mi m'fhògarrach cian air m'aineol
'Sa Chaisteal-Nuadh 'san taobh tuath dh Shasunn,
Bidh tìr mo dhùthchais a tigh'nn fa'near dhomh:
An t-Eilean Muileach bu lurach beannaibh.
B'fhallan, cùbhraidh, 's bu réidh an t-eilean,
Le blàth an maoth-bhog bu chaoine fàileadh;
Bu ghlan na bruachan mu'n d'fhuair mi m'àrach,
An Doire chuilinn aig bun Beinn-bhàirneach.
B'e 'n sòlas inntinn leam a bhith 'g éisdeachd
Ri coisir bhinn-ghuthaich, ghrinn a' chéitein
A' seinn gu sunndach an dlùths nan geugan,
A' choill fo liath-dhealt, 's a' ghrian ag éirigh.
Chlaon gach sòlas dhiubh sud mar bhruadar,
'S mar bhriseadh builgein air bhàrr nan stuadh-thonn;
Ach soiridh slàn leis gach loinn is buaidh
A bh'air eilean àghmhor nan àrd-bheann fuara.