Fail O Ro Mar Dh'Fhàg Sinn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn,
'Cur cùl ri ar càirdean,
Tha gillean gasda na dùthcha
Cur shiùil ri croinn àrda:
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.
Nuair dh'fhàg sinn a mach Cluaidh,
Gum bu luath i air sàile;
Gun tug iad fior-dhroch-chliù dhith
An criù a rinn a fàgail.
Nuair sheòl sinn mach à Grianaig,
Gur cianail a bha sinn,
A' cuimhneachadh na h-ighneagan
A dhèanadh fiamh a' ghàire.
Di-Ciadain rinn sinn seòladh,
'S bu bhòidheach a bha i:
Trì fichead seòl 's a trì ris
An ribhinn a b'àille.
Nuair dh'fhàg i fearann Eirinn
Gun shéid i gu làidir;
Dà "reef" againn 'na "foresail"
'S na "royals" a b'àirde.
Nuair dh'fhàg i 'n t-Eilein Ruadh
Chuir sinn suas ar cuid chàbaill;
Sin dhiùlt i dhol mun cuairt,
'S chaidh an Suaineach a bhàthadh.
'S gur mise a ghabh an t-uamhas
Nuair a chuala mi 'chànail,
'S gun duirt am "mate" 'sa Bheurla:
"Sin fhéin àit a's fheàrr dhà."
Bha sgiobair air a' "chuatar-dec"
'S e 'g éigheach cruaidh gu h-àrd ruinn,
'S cha b'iongnadh liom ged liathadh e,
Nan dèanadh sìoban sàil e.