Fàill-ill O Agus Hó Ró Eile

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Fàill-ill ó agus hó ró eile,
Fàill-ill ó agus hó ró eile,
Fàill-ill ó agus hó ró eile,
A fhleasgaich dhuinn, nach ann duinn a dh'éirich.


Saoil sibh fhéin nach mi 'bha truagh dheth,
Feasgar foghair air achadh bhuana;
A h-uile té 's a fear fhéin ri gualainn,
'S mo leannan donn-sa air bhàrr nan cuantan.

Shiùbhlainn, shiùbhlainn, shùibhlainn fhéin leat,
Shiùbhlainn fada troimh choill nan geug leat;
'S nuair bha mi òg 's air bheagan céille,
Gur e do ghaol-sa a rinn mo léireadh.

Gheall mo mhàthair fàinne òir dhomh,
Gheall m'athair buaile bhò dhomh;
'S ged gheibhinn siud 's an saoghal mór leis,
Gu mór gum b'annsa leam gaol an òigeir.

'Phiuthair ghaolaich, déan gu réidh rium,
Cum an crodh is na laoigh bho chéile,
'S ged ghabh mi 'n poca 's ged dh'iarr mi 'n déirce,
Na cumaibh uam-sa mo rogha céile.

Dé nam faicinn thu seach a' bhuaile,
Sgealb mi 'n cuman is thilg mi 'bhuarach;
Chuirinn fhéin mo dhà làmh mu'n cuairt dhuit,
"S cò, a ghaoil, sin a chuamadh uam thu?"

Cinnidh sòbhraichean anns an Earrach,
Cinnidh ùbhlan air bhàrr nan meangan,
Bheir sud 'am chuimhne-sa póg mo leannan
'S a h-uile té dhiubh mar bhlas na meala.