Fàill-ill O Agus Hó Ró Eile (II)
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Faill ill o, agus ho ro eile,
Faill ill o, agus ho ro eile;
Faill ill o, agus ho ro eile,
A fhleasgaich dhuinn nach ann duinn a dh'éirich.
O, nan tachradh tu 's an fhraoch orm,
A fhleasgaich dhuinn an leadain chraobhaich,
Laidhinn fhìn leat air bheagan aodaich,
Ged 'bhiodh an sneachda g'a chur 's an aonach.
'S thug mi gaol dhuit 's chan fhaod mi àicheadh,
Nach tug piuthar riamh d'a bràthair,
'S nach tug bean d'a leanabh ràidhe,
'S nach tug bó riamh d'a laogh air àiridh.
'S thug mi gaol dhuit, 's cha tug mi fuath dhuit,
'S tha mo chàirdean uile 'n gruaim rium,
'S mairg a dh'iarr e riamh nach d'fhuair e --
Uisge blàth 'thoirt bho leachdan fuara.
'S trom an cudtrom air built mo bhrògan
'Dol do'n chlachan air Di-dòmhnaich,
Dh'fheuch am faic mi ann an t-òigear,
An giullan donn sin a gheall mo phósadh.
Thuirt mo mhàthair gu càirdeil, ciùin rium,
A chaileig nàrach na cuir diù ann,
'S ciamar 's urrainn mi ri ghiùlan,
'S gu'm bheil do phóg leam air bhlàs nan ùbhlan?
Thairg m'athair mìle 'n ór dhomh,
'S gheall mo mhàthair buaile bhò dhomh,
'S ged gheibhinn sin 's an saoghal còmhl' ris
Gu mór gu'm b'annsa leam fhéin an t-òigear.
'S a phiuthar ghaolach, dèan gu réidh rium,
Na cum an crodh a's na laoigh bho chéile,
'S ged a bhithinn-sa air an déirce,
Na cumaibh uam-sa rùn mo chéile.