Fàilte Dhuit Is Slàinte Leat
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fàilte dhuit is slàinte leat,
‘S i ‘n fhàilte chuirinn as do dhéidh,
Fàilte dhuit is slàinte leat.
‘Fhleasgaich òig a dh’fhàg an dùthaich,
‘S e mo dhùrachd dhuit gu dian
Turus taitneach ‘s ruigheachd sàbhailt’
Dh’ionnsuidh ‘n àit’ an d’rinn thu triall.
Bho’n a dh’fhàg thu càirdean gaolach,
Tha gach aon fo àmhghar geur;
Tha gach sean is òg fo mhì-ghean,
Is gach nìonag sileadh dheur.
‘S tric ‘sa mhaduinn leis a’ pheileir,
Leag thu ‘n eilid air an tom,
‘N coileach dubh air slios na mòintich
Agus ròn air bhàrr nan tonn.
‘S tu bha aoidheil ‘measg nan gaisgeach,
Oigear gasda nam fear fial;
Cridhe mór an com an uasail,
Ort bu shuarach a bhi crìon.
‘S iomadh té a tha glé mhòdhar
Is an t-òr aice ‘na mhill,
Leis am b’fheàrr aic’ thu r’a guallainn,
Na aon uachdran anns an tìr.
Aodann aoidheil làn de chàirdeas,
Beul a’ mhànrain gun bhi fiar;
Is làmh dheas air cùl a’ bhotuill
‘Lìonadh copas bras ‘na triall.
Nàile, ghuidhinn dhuit gun bhrosgul
Slàinte, sonas, agus miadh;
‘S cuibhl’ an fhortain ‘bhi dol timchioll
Ceart mar fhreagras i do d’mhiann.