Air Fal-Al-Al O
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,
Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,
Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,
Fal ì fal ó horó air fal-al-al é.
A Mhàiri bhàn òg gur òg bha mis' agus thu
An coille nan cnò, 's gu'm pògainn fhéin thu gu dlùth;
Do ghruaidh mar na ròsan, 's bòidheach leam sealladh do ghnùis,
'S chan fhad bhios mi beò ma phòsas fear eil' is thu.
Nuair rachainn air sràid, a ghràidh, bhiodh gini a'm phòc,
'S gu'n òlainn do shlàint 's gach àit an suidhinn mu'n bhòrd,
An cridhe geal fialaidh, aotrom, aighearach òg,
Bu mhilis leam fhéin am beul o'n tigeadh an ceòl.
Nan robh mis' is thu am beinn no 'm monadh no'n sliabh,
No air an tràigh bhàin an àit' nach robh duine riamh,
Seachd oidhche, seachd là, gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh,
Ach thus' a bhi 'ghràidh 's do làmh gheal tharam gu fial.
A ribhinn ghrinn uasail fhuair mi buille mo chràidh
Nuair chualas Di-luain gu'n d'fhuaraich buileach do ghràidh;
'S tha m'aigne fo ghruaim 'gam bhuaireadh a dh'oidhche 's a là,
'S mo dhùil ris an uaigh 's an t-suain a mhaireas gu bràth.