Fallain Gun Dìth Thàinig Thu
[Fonn / Tune]
Thug iad mi gu Tigh an Rudha,
Hùg oireann, hùg oireann o,
Far an téid mo ghaol 'na uidheam,
Fallain gun dìth thàinig thu,
Fallain gun dìth hò ro i,
'S aighearach mi, thàinig thu.
Le leine chaol 's le bhrògan dubha;
Hùg oireann,[etc.]
Thug mi gaol do mhac a' phìobair',
Fallain gun dìth,[etc.]
Nach leig mi gu bràth air dìochuimhn'
Gus an càirich iad mi 'm shìneadh
An ciste chaoil 's mo cheann glé ìosal;
'S tric a shiubhail cuairt nam port mi
Feuch am faic mi fear do choltais;
Fhir a' chùil duinn 's a' chalpa shocair,
'S fada chluinnteadh fuaim do phìoba
Stigh Caol Muile o Chaol Ìle;
'S nam bu leamsa còir na rìoghachd,
Gun toil m'athar bhi 'ga sgrìobhadh,
Ghibhtinn sud agus mi fhìn ort;
'S nam bu leam bhi roinn an fhearainn,
Cha bhiodh do mhac oighre falamh;
Bu leis Eige, Rum is Canna,
Suaineart dhubhghorm a' bharraich,
Is Lios-mór a chumail riut arain,
Apuinn bhòidheach a' chruidh bhainne,
'S Meadar loch nan òighean maiseach.