Far Am Bi Mi Fhìn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Far am bi mi fhìn, is ann a bhios mo dhòchas,
Far am bi mi fhìn, is ann a bhios mo dhòchas;
Far am bi mi fhìn, is ann a bhios mo dhòchas,
Far am bi mi fhìn, bidh mo dhòchas ann.


Siubhal air na cladaichean 's a' coiseachd air a' ghainmhich, [x 3]
Far am bi mi fhìn, bidh mo dhòchas ann.

Théid mi fhìn is Sìne null gu taigh a' phìobair', [x 3]
'S nì sinn brod an ruidhle leinn fhìn air an làr.

Fhuair mi fios bho Shìne gu robh tromb is cìr aic', [x 3]
Ged a bhiodh gach pìobair' is fìdhlear nan tàmh.