Féin-Labhairt An t-Seann Duine
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Air faillirinn, illirinn, uilirinn, o ho ro hi,
Tha mo chridhe neo-shunndach,
‘S gur a mór tha mi ‘g ionndrainn gach nì.
Nuair a bha mi ‘nam òige,
Chan e mìghean no bròn bhiodh am cheann,
‘S ann a bhithinn gu sunndach,
Dìreadh bhealach nan stùcan ‘nam dheann;
Gun robh m’inntinn ‘s an uair sin
Mar an duilleag as uaine th’air crann,
Ach rinn reodhadh na truaighe
Mise leagail a nuas gu bhith fann.
B’e sin làithean mo sholais
Nuair a bha mi air còmhnard nam beann;
‘N àm an fheasgair gu’m b’àill leam
Dhol a choimhead air Màiri do’n Ghleann;
‘S tric a ràinig mi ‘n cailin
‘N déidh obair an lath’ thoirt gu ceann;
‘S dh’fhògradh sealladh de’n rìbhinn
Uam gach airtneal, gach sgios agus greann.
Gun robh m’inntinn glé aotrom
Ged bha beairteas an t-saoghail orm gann;
Bhiodh mo chridhe làn eibhneis
Nuair a choinnichinn an té ud ‘s a’ Ghleann;
Gruagach òg an fhuilt àluinn,
Bhachlaich, dhualaich an càradh mu ceann;
Aig ‘n robh nàdur gun mhì-rùn,
‘S meòir bu ghrinne rinn sgrìobhadh le peann.
Bhiodh i ‘m smaointinn an còmhnuidh,
‘S gur e h-ainm bheireadh solas do m’chridh’;
Nuair a chruinnicheadh an òigridh
Cha bhiodh aighear ‘s a’ chòmhlan gun i;
Bha snuadh fìor ghlan na h-òig’ oirr’
‘S a dà ghruaidh mar na ròsan, a Rìgh!
Latha fhuair mi air làimh i,
Cha robh buaidh bh’air Diana ‘ga dìth.
Gun robh mise ‘s an uair sin
Glé fhoghainteach, fuasgailte, treun;
Leagainn coille lath’ fuaraidh,
‘S gum biodh gillean air ghluasad fo m’reim;
Dheanainn treabhadh is bualadh,
‘S cha bhiodh maille an gluasad mo cheum;
‘S chuireadh Màiri dhonn, dhualach
H-uile nì ‘s am biodh buannachd gu feum.
Gum bu mhath thu air fuaigheal,
‘S air gach nì air an gluaiseadh tu làmh,
Bhiodh do rùm gu glan, sguaibte,
Cha do chleachd thusa, luaidh, a bhi d’thàmh;
Bha thu sìobhalt’, glan, uasal,
Mar an eal’ thig an uachdar o’n t-snàmh;
‘S e thu, nise, dhol bhuaithe
Dh’fhàg mise ‘s an uair so fo phràmh.
Ann an àirde mo làithean
Air gach banais, gach bàl agus féill,
Gheibhinn caoimhneas nan càirdean,
‘S chuirte furan is fàilte orm fhéin;
‘S e bhith cridheil bu ghnàth leinn,
‘G òl ghlaineachan làn air a chéil’,
Danns’ gu sunndach air mhìre
Nuair a chluichte dhuinn fiodhull nan teud.
Ach o’n thromaich an aois orm,
Dh’fhàs mo chridhe ‘s mo smaointinnean fann,
Cha téid mi do chuideachd,
Cha chuirear do’n chuideachd mi ann.
‘S an tha fiabhrus is loinidh
‘N déidh teannachadh comhla ‘nam chom;
Tha mo chuimhn’ air fàs tuathal,
‘S chan eil ceum ann am ghluasadh ach trom.
Dh’fhalbh spionnadh mo làithean,
Dh’fhalbh mo shùgradh, mo mhànran ‘s mo cheòl,
Theirig conaltradh chàirdean,
‘S thàinig trioblaidean cràiteach ‘nam fheòil;
Chan eil speirid am Màiri,
Dh’fhalbh a h-eibhneas, a h-àilleachd ‘s a treòir,
Thàinig stoirm air mo ghàrradh
A thug dhomhsa ceann-fàth airson deòir.
Thàinig maill’ air mo léirsinn;
Chan fhaicear ‘s cha leughar leam nì,
Cha tog pìob nam port siùbhlach,
Cha tog fiodhull mór shunnd air mo chridh’;
Ged a dh’éirinn ‘s a’ mhaduinn
Cha bhi sùgradh air m’aige; ‘s cha bhi
Móran treòir ann am fhonn-sa,
‘S bidh mi deònach air bobhla de’n tì.
Dh’fhalbh samhradh mo làithean
Bha gu gorm-lusach àileanach, uain’;
Thàinig geamhradh ‘na àite,
‘S shearg gach duilleach a b’àill’ gu robh snuadh;
Chruinnich neòil air na speuran,
Chuir a’ ghealach ‘s na reultan fo ghruaim;
Chaidh mo ghrian gheal a mhùchadh,
Mar gu’m bait’ i air chùlaibh a’ chuain.
Ach ged tha mi fìor dhubhach
O’n a chaidh mi o shiùbhal ‘s o luaths,
Tha mi ‘n dòchas mu’n triall mi
Gu’n coisinn mi ‘n rìoghachd tha shuas.
‘S mairg nì móran mu’n t-saoghal
Chumas neach ann am baoghal gun bhuaidh,
‘S nach eil solas ri fhaotainn
A mhaireas an taobh seo de’n uaigh.
[Calum Mac Gill’ Iosa]