Frìth Nan Dàmh Ruadha

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Air mo hiùraibh a gheallaidh,
Tha mi'n dùil ri 'dhol thairis,
Gu tìr a chruidh-bhainne 'san fheòir;
Gu frìth nan damh ruadha,
'S nan aighean gun bhuachaill;
Far an tric 'thug mi ruaig air an tòir.


Cha b'e iasgach na h-aibhne,
Air iosal nan srathan,
An nì sin a chleachd mi 's mi òg;
Ach 'bhi direach nan stùc'
Le mo ghunna nach diùltadh
Far an goir an t-eun-fionn anns a' cheò.

'S e blàr dubh Achaghlùineachan
A mheudaich mo thùrsa-sa,
Aite gun sùgradh, gun cheòl,
Gun mhireadh, gun mhànran,
Gun toil-inntinn, gun ghàire,
Gun luinneag no dàn, 'san taigh-òsd'.

'S a Mhórag nigh'n Fhionnlaidh,
'S beag an t-iongnadh dhomh t'ionndrainn,
'S tric a dh'fhalbh mi leat sunndach gu leòir;
'S a rinn thu dhomh an t-eallach
Gu moch-thrath 's a' mhaduinn;
'S b'e an t-am dhomh 'bhi cadal -- trath-nòin.

'S ged bu tric mi'n an car leat
Feadh ghleann, agus ghlacaibh,
Cha d'fhuair mi bonn-maslaidh dhe'n t-seòrs';
'S cha dh'islich iad m'aigne
Le tùchadh, no casadaich;
'S cha mhò chaidh mo ghlasadh aig mòd.

Ged 'thigeadh an gaillionn,
Le sion agus frasan,
Gheibhinn dion agus fasgadh gu leòr;
Ann an uaigheagan loinneil,
Ann am fàsach is doire;
Far an tric 'chuir mi ruaig air fear-cròic.