Gairm An Rìgh
[Fonn / Tune]
Thàinig gairm an Rìgh 'gad iarraidh
Nuair bu mhiann leis thu bhi 'n sìth,
Thug e leis thu, cha robh àicheadh
Ged, a ghràidh, bu chràidhteach mi.
Cha chluinn tuilleadh fuaim do mhànrain,
Cha tig fàilte dhomh a d'bheul;
Dealas ait do ghnùis ri càirdean
Thug thu leat do Phàras e.
Bha thu aoidheil ris an ànrach,
Bha thu bàigheil ris gach cré,
Cha robh cuspair gràidh nach b'fhiù leat,
Bha thu mùirneach, tlùsail réidh.
Thug sinn còrr is leth-cheud bliadhna
'N comunn riarachail gun ghò.
Chaochail siud mar aiteal gréine,
Cuime dh'eug thu is mi beò?
Cùin a nis a bhios mi triall leat?
Dhomh-s' tha iargain agus bròn,
Theich mo shùgradh 's mo cheòl-gàire,
Ciod am fàth bhi tàmh na's mò?
Soraidh leat do thìr mo bhruadair
Far am buan a bhios do thàmh,
Soraidh leat do chùirt an Àird Rìgh,
Far 'eil gàirdeachas gu bràth.