Gur h-e Mo Ghille Dùbh-Dhonn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Gur h-e mo ghille dùbhdhonn,
'S tu mo chuilein rùnach,
Gur h-e mo ghille dùbhdhonn.
'S ann a raoir nach d'fhuair mi 'n cadal,
Bha mi fad' 'nam dhùsgadh,
Smaointinn air an fhear a thréig mi,
Nach d'rinn feum dh'a chùmhntan.
'S e na dh'fhalbh air bàt' an t-sìl
A bha mi fhìn ag ionndrainn.
Dhòmhnaill dhuinn, ma rinn thu m'fhàgail,
Fios mo chràidh dha d'ionnsaigh.
'S mi gun aithneachadh fada bhuam-s' thu,
A luaidh, am measg nan diùca.
Dh'aithnichinn thusa tighinn o'n mhòintich
Le d'cheum còmhnard sunndach.
A h-uile h-aon a shuidheas 'n làimh rium,
"Gu dé fàth do thùchais?"
A h-uile h-aon a chuireas ceist,
"'S e Cheit, an dean thu sùgradh?"
Tha mise cumha 'n fhir a dh'fhàg mi,
Nach eil fàth dhomh chùmhnant?
Chuala mi gun d'rinn thu còrdadh,
A Dhòmhnaill, ann an Iùbhraidh.
B'fheàrr liom fhéin a bhith riut pòsda,
Na cuid òir a' phrionnsa.
Mo cheist fear an t-siubhail aotrom,
'S aotrom ceum an fhiùrain.
Och nan och, mar tha mi 'n nochd,
Trom-osnaich, 's mi 'gad ionndrainn.
Nuair a chìthinn air an t-sràid thu
B'àlainn thaobh do chùil thu.
Fhir a dhealaich riumsa, bhochdag,
Mi fo sprochd 's fo chùram.
Steach o bharraibh nan tonn uaine,
'S Dòmhnall Ruadh 'ga stiùradh.
Mo cheist leannan na cloinn-nighinn,
Thug mo chridhe rùn dhut.
Mo cheist sgoilear donn na Beurla,
'S aotrom ceum an fhiùrain.