Gradh Geal Mo Chridh'
[Fonn / Tune]
Bheir mi ò hu ò,
Bheir mi ò hu o hì,
Bheir mi ò hu o hò,
'S mi fo bhròn 's tu gam dhìth.
'S iomadh oidhche fliuch is fuar,
Ghabh mi cuairt is mi leam fhìn;
Gus an d' ràinig mi an t-àite
Far robh gràdh geal mo chridh'.
'N àm bhith cromadh ris a' ghleann,
Thàinig snaidhm air mo chridhe;
Bho nach tug thu dhomh do làmh,
'S mi 'n dùil nach fhàgadh tu mi.
Na mo chlàrsach cha robh ceòl,
Na mo mheòirean cha robh àgh,
Rinn do phòg-sa mo leòn,
Fhuair mi eòlas air dàn.
Fada siar air aghaidh cuain,
'S e mo dhuansa Cruit mo Chridhe;
Guth mo luaidh anns gach stuaidh,
Ga mo nuallan gu tìr.
Dhèanainn treabhadh dhut is buan,
Chumainn suas thu gun dìth;
Bheirinn às a' ghreabhal chruaidh
Do mo luaidh teachd-an-tìr.
Ged nach eil sinn fhathast pòst',
Tha mi an dòchas gum bi;
Fhad 's a mhaireas mo dhà dhòrn,
Cha bhi lòn oirnn a dhìth.
Dh'fhàg thu silteach mo shùil,
Dh'fhàg thu tùrsach mo chridhe;
Dh'fhàg thu tana-glas mo shnuadh,
'S thug thu ghruag bhàrr mo chinn.