Gur Gile Mo Leannan

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Air fàillirinn, ìllirinn, ùillirinn, o,
Air fàillirinn, ìllirinn, ùillirinn, o,
Air fàillirinn, ìllirinn, ùillirinn, o;
Gur bòidheach an comunn th’aig coinnimh ‘n t-Srath-mhóir.


Gur gile mo leannan na ‘n eal’ air an t-snàmh,
Na cobhar na tuinne, ‘s e tilleadh gu tràigh,
Na ‘m blàth-bhainne buaile, ‘s a’ chuach leis fo bhàrr,
No sneachd nan gleann dosrach ‘ga fhroiseadh mu’n bhlàr.

Mar na neòil bhuidhe ‘lùbas air stùcaibh nan sliabh,
Tha cas-fhalt mo rùin-sa gu siùbhlach a’ snìomh;
Tha ‘gruaidh mar an ròs nuair a’s bòidhche ‘bhios ‘fhiamh
Fo ùr-dhealt a’ Chéitein mu’n éirich a’ ghrian.

Mar Venus a’ boillsgeadh thar choilltean nan àrd,
Tha ‘mìog-shùil ‘gam bhuaireadh le suaicheantas gràidh.
Tha ‘bràighe nan seud ann an éideadh gach àigh,
Mar ghealach nan speur ‘s i ‘cur reultan fo phràmh.

Nuair thig samhradh nan neòinean a’ còmhdach nam bruach,
Bidh gach eòinean ‘s a’ chròc-choill’ a’ ceòl leis a’ chuaich;
‘S bidh mise gu h-éibhinn a’ leumnaich ‘s a’ ruaig
Fo dhlùth-gheugaibh sgàileach, a’ mànran ri m’luaidh.