Gura Mis' Tha Fo Éislein
[Fonn / Tune]
O ho ró 's na hó gù
Na hì hiùraibh ó eile,
O ho ró 's na hó gù.
Gura mis' tha fo éislein,
[Séisd:]
O ró 's na hó gù.
Anns a' mhaduinn 's mi 'g éirigh.
Chì mi eilid 's a céilidh
Iad a' mire ri chéile.
Rìgh, gur buidhe dhaibh-fhéin e.
'S ionnan siod 's mar a dh'éirich
'S ann dhomhsa 's dha' m' cheud-ghaol
Ann an gleannan nan geugan.
'S truagh nach robh mi fad' seachdain
An riochd a' gheòidh neo na lacha.
Shnàmhainn eutrom a Ghlascho,
Ruiginn dorust do chaisteil
Tha fo chìs 's fo ghlais ac'.
O ho ró 's na hó gù
Na hì hiùraibh ó eile,
O ho ró 's na hó gù.