'Ille Dhuinn O Gù
[Séisd:]
'Ille dhuinn o gù,
Hì ri ri 's na ho rò,
'Ille dhuinn o gù.
'Ille dhuinn a' chùil duinn,
Tha mi 'tighinn air do thòir.
'Ille dhuinn a' chùil ruaidh,
'S e do luaidh fhuair mi òg.
'Ille dhuinn a' chùil bhàin,
'S e do ghràdh rinn mo leòn.
Gura mis' a tha fo ghruaim
Air taobh-tuath Rubh' an Stòrr.
'S truagh nach robh mis' 's tu fhéin
Ann an àrd-bheinn a' cheò.
Ann an coille dhlùth nan geug,
Far an éibh damh nan cròic.
Bhithinn sìnte riut oidhche
Dh'aindeoin eildear tha beò.
Bhiodh mo làmh fo do cheann
Ged a ghearrt' dhìom an dorn.
'S ann a-raoir a dh'fhalbh am bàt',
Dh'fhalbh am bàt' as a' chobh.
Ach nuair a thilleas mis' a rùin
Gheobh thu crùn 'na do dhòrn.
Gheobh thu sin 's rud na's fheàrr:
Maraiche math, làidir, òg.