'Illean Bithibh Sunndach

[Fonn / Tune]



[Sèisd:]
'Illean bithibh sunndach
A-null air a' bhoidse,
Fàgail ar dùthcha
Gun dùil ri thigh'nn beò ann
O 'illean bithibh sunndach
A-null air a' bhoidse.


'Illean cridheil gaolach,
Togaibh rithe h-aodach;
Tha buidheann mo ghaoil-sa
Di-Ardaoin 'dol a sheòladh.

Gur mise tha gu cianail
A' fàgail a' Chrianain,
A' dol do'n dùthaich fhiadhaich
A dh'iarraidh ar lòin as.

Gur mise tha fo ghruaimean
A' dol a shiubhal chuantan;
Tha 'n t-soitheach dubh a' gluasad
Gu muladach a sheòladh.

Tha sinn a' dol dh'Amaireaga
Far nach bi cùram eil' oirnn,
Cho fad 's a mhaireas coille dhuinn
An Eilean Nobha Scotia.

Tha sinn a' dol 'Cheap Breatainn
Ri thaobh na caolainn Mhira,
Far am bi na smeòraich
A' seinn dhuinn fad an t-samhraidh.