'S Ioma Rud a Dhìth Orm
[Fonn / Tune]
'S ioma rud a dhìth orm
A dh'fheumainn fhìn mu'n dèanainn banais.
'S ioma rud a dhìth orm
A dh'fheumainn fhìn mu'm pòsainn.
Fàineachan is grìogagan
Bheirinn fhìn do Mhór-a'-Cheannaich
Fàineachan is grìogagan
Bheirinn fhìn do Mhòraig.
Dòmhnull dubh an Dòmhnullaich
A nochd an tòir air Mòr-a'-Cheannaich
Dòmhnull dubh an Dòmhnullaich
A nochd an tòir air Mòraig.
Aonghas Mac-a'-Phìobaire
'S e fhéin a' strì ri Mòr-a'-Cheannaich
Aonghas Mac-a'-Phìobaire
'S e fhéin a' strì ri Mòraig.
Dh'òladh sinn is dhannsadh sinn
Air oidhche banais Mòr-a'-Cheannaich
Dh'òladh sinn is dhannsadh sinn
Air oidhche banais Mòraig.
Dh'aindeoin 's dé na chuala mi
Cha toir mi fuath do Mhòr-a'-Cheannaich
Dh'aindeoin 's dé na chuala mi
Cha toir mi fuath do Mhòraig.