Is Trom Leam An Airigh
[Fonn / Tune]
Is trom leam an airigh, 's a' ghair' seo a th'innt',
Gun a phàirtidh a dh'fhàg mi an dràsd' air mo chinn,
Ann chaol-mhalach chìoch-chorrach, sliobh cheannach chruinn,
O Iseabal a bheòil mhilis mhanranaich bhinn,
Heich mar a bha, air mo chinn,
A dh'fhàg mi cho cràiteach 's nach fhaod mi 'bhith inns'.
Shiubhail mis' a bhuaile 's a suas feadh nan craobh,
Gach àit' anns a b'àbhaist bhi pògadh mo ghaoil,
Nuair chunnaic mi 'm fear bàn ud 's e mànran r'a mhnaoi,
B'fheàrr leam nach tiginn idir làmh riu no 'nan gaoith.
'S e mar a bha air mo chinn
A dh'fhag mi cho cràiteach 's nach fhaod mi 'bhith inns'.
Ach labhair i gu faiteagach, ailghiosach rium,
"Chan fhàir thu bhith làmh rium do chàramh mo chinn,
Tha siathnar 'gam iarraidh bho bhliadhna de thìom,
'S cha b'araidh le càch thu 'thoirt bàrr os an cinn.
He, ho ro ho, an d'fhàs thu tinn?
'N e 'n gaol-s' a bheir bàs ort? Gum pàidh thu d'a chinn."
Ach cionnas bheir mi fuath dhuit, ged dh'fhuaraich thu rium,
Nuair 's feargaich' mo sheanchas mu t'ainm air do chùl;
Thig t'ìomhaigh le h-annsachd na shamhradh 'nam ùidh,
Saoilidh mi an sin gun dèan an gaol sin an turn;
'S théid air a rath gun d'fhàs e as ùr
Is fàsaidh e 'n tràth sin cho àrda ri tùr.