Òrain Iain Luim

Iain Mac Dhòmhnaill, Bàrd Cheapaich









Oran Cumhaidh air Cor na Rìoghachd



Mi gabhail Sraith Dhruim Uachdair,
'S beag m'aighear anns an uair so:
Tha an latha air dol gu gruamachd
'S chan e tha buain mo sproc.

Ge duilich leam 's ge dìobhail
M'fhear cinnidh math bhith dhìth orm,
Chan usa leam an sgrìob-s'
Thàinig air an rìoghachd bhochd.

Tha Alba dol fo chìoschain
Aig farbhalaich gun fhìrinn
Bhàrr a' chalpa dhìrich --
'S e cuid de m'dhìobhail ghoirt.

Tha Sasannaich gar fairgneadh,
Gar creach, gar murt 's gar marbhadh;
Gun ghabh ar n-Athair fearg ruinn --
Gur dearmad dhuinn 's gur bochd.

Mar a bha Cloinn Israel
Fo bhruid aig rìgh na h-Eiphit,
Tha sinn air a' chor cheudna:
Cha èigh iad ruinn ach "Seoc".

Ar rìgh an dèidh's a chrùnadh
Mun gann a leum e ùrfhas,
Na thaisdealach bochd rùisgte
Gun ghèard gun chùirt gun choist;

Ga fharfhuadach as àite
Gun duine leis de chàirdean,
Mar luing air uachdar sàile,
Gun stiùir gun ràimh gun phort.

Cha tèid mi do Dhùn Eideann
O dhòirteadh fuil a' Ghreumaich,
An leòghann fearail treubhach
Ga cheusadh air a' chroich.

B'e sud am fìor dhuine uasal
Nach robh den linne shuarach,
Bu ro mhath rudhadh gruadhach
'N àm tarraing suas gu troid.

Deud chailc bu ro mhath dlùthadh
Fo mhala chaoil gun mhùgaich,
Ge tric do dhàil gam dhùsgadh
Cha rùisg mi chàch e nochd.

Mhic Nèill à Asaint chianail,
Nan glacainn an mo lìon thu
Bhiodh m'fhacal air do bhìnne
Is cha dìobrainn thu on chroich.

Thu fèin is t'athair cèile,
Fear taighe sin na Lèime,
Ged chrochta sibh le chèile
Cha b'èirig air mo lochd.

Craobh rùisgt' den abhall bhreugach
Gun mheas gun chliù gun cheutaidh
Bha riamh ri murt a chèile,
Nur fuidheall bheum is chorc.

Marbhaisg ort fèin, a dhimheis,
Mar olc a reic thu an fhìrinn
Air son na mine Lìtich
Is dà thrian dìth goirt.




Air Ais




Oran do Mhac Mhic Raghnaill na Ceapaich



Mi am shuidhe air bhruaich torrain
Mun cuairt do Choire na Clèibhe,

Gar nach eil mo chas crùbach
Tha lot nas mù orm fo m'lèinidh.

Gar nach eil mo bhian sracte
Tha fo m'aisne mo chreuchdan;

'S chan e cùram na h-imrich
Na iomgain na sprèidhe,

Na bhith gam chur do Cheann Tàile
'S gun fhios cia an t-àite d'an tèid mi,

Ach bhith nochd gun cheann cinnidh --
'S tric 's gur minig leam fhèin sud --

Ceann cinnidh nam Bràighdeach
Chuireadh sgàth air luchd Beurla.

Cha b'e fuaim do ghreigh lodain
Gheibhte sodraich gu fèilltean,

Na geum do bha tomain
Dhol an coinneadh a ceud-laoigh,

Na uisge nan sluasaid
Far druabras na fèithe.

'S beag an t-iongnadh leam t'uaisle
Thighinn an uachdar air t'fheudail,

'S a liuthad sruth uaibhreach
As 'n do bhuaineadh thu an ceud là.

Ceist nam fear thu on Fhearsaid
'S o Cheapach nam peuran,

'S o cheann Dail na Mine,
Gu Sròn na h-Iolaire Lèithe:

'S e bu mhiann le d'luchd taighe
Bhith gan tathaich le beusan,

Mu dhà thaobh Gharbh a' Chonnaidh
Far 'm biodh na sonnanaich glè mhór,

Le am morgha geur sgaiteach
Frith-bhacach garbh leumnach.

Tha mo choill air a maoladh,
Nì shaoil leam nach èireadh.

Tha mo chnothan air faoisgneadh
'S cha bu chaoch iad ri'm feuchainn,

'S nach eil agam dhiubh tuaileas --
Dh'fhuirich iad uam am bàrr gheugan.





Air Ais





Biodh an Uidheam seo Triall


[Fonn / Tune]



Biodh an uidheam seo triall
Gu ceann uidhe nan cliar
Far 'm bu chubhaidh 's bu mhiann le seòid;

Gu tùr meadhrach nach crìon
Nan ceann còmhraidh 's glan fiamh,
Cùirt ghreadhnach bhon rìoghail stoirm;

Gu àras mo rùin
'N cluinnte clàrsaichean ciùil,
Iomairt thàilisg air chrùntaibh òir.

Bhiodh mnài àille an fhuilt rèidh
Gabhail dàna le teud,
Sìor chur seachad na sèisteachd leò.

Bheir mi an ruathar seo nunn
Shealltainn oighre Dhùn Tuilm:
Gum meal thu an stoidhleadh bho thùs rid' bheò.

Iuchair ghliocais nach bàth
Cur a radhairc thar chàch:
'S tu gun taghainn den àl-s' tha beò.

Mach bho mhorair nan steud
Le an cluinnte orghan nan teud,
'S tu b'fhoirmeile beus tràth-nòin.

'S leat Sir Dòmhnall bhon Chaol,
'S leat Clann Dòmhnaill nan laoch,
Sud a' bhuidheann nach maom san tòir.

'S leat Mac Mhic Ailein bhon chuan
Le loingeas daraich lom luath:
Luchd nan leadan bho am buailte stròic.

'S leat Mac Mhic Alasdair fhèil
Bho Ghlinn Garadh nan geug,
Buidheann bharrail nach gèill fo ur sgòd.

'S leat fir Eireann a-rìst,
Chuir thu fhèin air do thì:
'S iad gun èireadh le strì mud' dhòrn.

Gur leat urram gach seilg
Led' cheòl druma ga sheinn
Roimh d' gheàrd Muileach nach meirbh san tòir.

Macail màidserail ùr
Faicheil eireachdail ciùin,
Marcaich greadhnach nan cruidh-each gorm.

Bhiodh eich sheanga nan leum
'S iad nan deannaibh cur rèis,
Fir a' sreamadh na srèin r' am beòil.




Air Ais



Fogradh Raghnaill Oig



Ghabh air fògradh do'n Spàint
Fear m'eòlais 's mo dhàimh;
Cha cheileadh tu pàirt dhe t'aigne orm.

Mhic 'ic Raghnaill nam pìos
Nam bratach 's nam pìob,
Chan fhaicte 'san strìth thu cailleachail.

'S e mo ghaol an ceann sluaigh
Nach bu tais am beairt chruaidh,
Chìteadh rudhadh 'nad ghruaidh 's cha b'fhaiteachas.

'S fad a dh'aithnichinn do cheum
Air toiseach nan ceud,
'S air nàile gum b'eutrom astarach.

'N am bhith siubhal nan stùc
Bhiodh leat gillean 's coin lùth
Agus gunna nach diùltadh lasadh dhuit.

Thig an t-Sruibhleach ghorm chaol
Dhuit an ciubhrich mu d' thaobh,
Gum bu chuimhneach m'fhear gaoil air tapachd leath';

Mar ri bogha 'n t-sàr chùil
Air a thaghadh o'n bhùth,
Is gun tolladh tu sùil na cartaich leis.

Fhir a thàinig an dé
Nall a Raithneach nan geug,
Is ann agad tha 'n sgeul chuir airtneal orm.

O cha bhrathainn 's mi 'm chéill
Thu do Dhuibhneach fo'n ghréin
Ged a dh'innseadh tu sgeul do leapach dhomh.

'S ann orm-s' rug a' mhì-bhuaidh
O mhoch madainn Di-luain
Nuair a ghabh mi 'n cead truagh 'sa' Chaiplich dhiot.

Gur e mis' tha fo ghruaim,
'S mi 'nam ònrachdan truagh,
'S nach faic mi tighinn o'n chruaich na b'aite leam.





Air Ais




Tilleadh Raghnaill Oig



Mi'm shuidhe air an aisiridh,
Gun agam ach mi 'm ònar.

Gun robh mi 'n dé mu'n taice so
'Na chleachd mi bhith as m'òige,

Mar ri Màiri Chriathraraich,
Làmh fhial a dhìol an òir i;

Mar ri gruaidh an fhaiteachais,
'S bu taitneach leam a còmhradh.

A bhean-an-taighe freasdail dhuinn,
Is lìon an seipean beòrach.

An deoch so air do shlàinte,
Is gum b'fheàirrd' thu ré do bheò i.

Is ged bu mhisde mise i,
Chan fhàg mi driosg gun òl dith

Air ceist nam ban o'n Chananaich,
Gur h-aineolach mu'r dòigh thu.

Gun d'rinneadh iuchair Sheumais leat
A dh'éignich o luchd chleòc e.

Ach tamall beag an déidh sin
Gum b'fheudar dol air fògradh.

Gun tog thu an an rìoghachd ort
Gu crìochan 's nach robh t'eòlas.

Bhiodh gràbhailte mhath chinnteach ort
A dhìon do chinn an còmhraig;

Glac chrom air dheagh lughadh ort,
Sgian-dubh is taghadh smeòirne;

Is gunna caol nach diùltadh iad
Air ùdlaiche na cròice.

Tha comharra bhith dìleas ort --
Gun tug an Rìgh dhuit stòras.

Gun tug e o Chaol Muile dhuit
Gu cnoc na Coille Móire.

Thug is cruit fo theudan
Agus cead a seinn 'na sheòmar.

Gum bu chònspunn smachdail thu
Air Lachlann Mac an Tòisich.

'S a Raghnaill Oig na Ceapaiche,
Gur h-aite leinn maireann beò thu,

A cheannsachadh nan Duibhneacha,
Gur cuimhne leinn an dòibheairt.





Air Ais





Cumha Aonghais Mhic Raghnaill Oig Na Ceapaich

[Fonn / Tune]



Rìgh gur mór mo chuid mulaid,
Ged as fheudar dhomh fulang,
Ge bè dh'éisdeadh ri m'uireasbhuidh àireamh.

On a chaill mi na gadhair,
Is an t-eug 'gan sìor thadhal,
'S beag mo thoirt gar an tadhail mi 'm Bràighe.

Is eun bochd mi gun daoine
Air mo lot air gach taobh dhiom:
Is tric rosad an aoig air mo chàirdean.

Gur mi an gèadh air a spìonadh,
Gun iteach gun lìnnidh,
'S mi mar Oisean fo bhinn an taigh Phàdruig.

Gur mi a' chraobh air a rùsgadh,
Gun chnothan gun ùbhlan,
'S a snodhach 's a rùsg air a fàgail.

'N ruaig sin cheann Locha Tatha,
'S i chuir mis' ann am ghaibhtheach:
Dh'fhàg mi Aonghas 'na laighe 'san àraich.

Mun do dhìrich sibh 'm bruthach
'S ann 'nur deaghaidh bha 'n ulaidh:
Bha gìomanach gunn' air dhroch càramh.

Ged a dh'fhàg mi ann m'athair,
Chan ann air tha mi labhairt,
Ach an drùdhadh rinn an claidheamh mu t'àirnean.

Gur e dhrùidh air mo leacainn
'M buille mór a bha 'd leathtaobh
'S tu ad laighe 'n taigh beag Choire Charmaig.

B'i mo ghràdh do ghnùis aobhach
Dhèanadh dath le t'fhuil chraobhaich,
'S nach robh seachnach air aodann do nàmhaid.





Air Ais





Oran Do Dhòmhnaill Gorm Og

[Fonn / Tune]



A Dhòmhnaill an Dùin,
Mhic Ghill-easbuig nan tùr,
Chaidh t'eineach 's do chliù thar chàch.

Tha seirc ann ad ghruaidh,
Caol mhala gun ghruaim,
Beul meachar o'n suairce gràdh.

Bidh sud ort a' triall:
Claidheamh sgaiteach gorm siar,
Air t'uilinn bidh sgiath gun sgàth;

Is a' ghràbhailt mhath ùr,
Air a taghadh o'n bhùth,
B'i do roghainn an tùs a' bhlàir.

A churaidh gun ghiamh,
Tràth ghabhadh tu fiamh,
Is e thogadh tu sgian mar arm;

Is an gunna nach diùlt:
An tràth chaogadh tu 'n t-sùil,
Gum bitheadh a shùgradh searbh;

Is bogha 'n t-sàr chùil,
Donn meallanach ùr
Caoin fallain de'n fhiùrain dearg;

Is taifeid nan dual
Air a tarraing fo d' chluais;
'S mairg neach air am buailt' a meall;

Is ite 's eòin léith
Air a sparradh le céir:
Bhiodh briogadh an déidh a h-eàrr;

Air an leacainn mun iadh
Cinn ghlasa nan sgiath
Cha bu ghaiseadh bu mhiann le d' chrann.

O's imeachd do'n Fhéinn
'S cinn-fhine sibh féin
Air fineachan féil gu dearbh.

Iarla Aondruim nan sluagh
'S Clann Ghill' Eathain nam buadh,
Bidh sud leat is Ruairidh Garbh;

Mac Mhic Ailein nan ceud
Is Mac Mhic Alasdair fhéil,
Is Mac Fhionghuin gu treun 'nan ceann.

Creach 'ga stròiceadh,
Feachd 'na tòrachd,
'S fir fo leòn nan arm.

Long 'ga seòladh,
Crith air sgòdaibh,
Stiùirbheirt sheòlta theann.

Beucaich mara
Leum r'a darach,
Sùigh 'gan sgaradh teann.

Cha b'i 'n fhàsag
Ri sruth tràghaidh,
'S muir 'na ghàir fo ceann.

Thig loingeas le gaoith
Gu baile nan laoch,
Ged bhitheadh na caoiltean garbh;

Gu talla nam pìos
Far am faramaich' fìon,
Far am falaichear mìle crann.

Bidh cruit is clàrsaich
'S mnà uchd-àillidh
'N tùr nan tàileasg geàrr;

Foirm nam pìoban
'S orghain Lìteach,
'S cùirn 'gan lìonadh àrd;

Céir 'na drillsean
Ré fad oidhche,
'G éisdeachd strìth nam bàrd;

Ruaig air dhìsnean,
Fòirn' air thìthibh,
'S òr a sìos mar gheall;

Aig ogh' Iarl Il'
Agus Chinn-tìre,
Rois is Innse Gall.

Clann Dòmhnaill nach crìon
Mu'n òr is mu nì,
Sud a' bhuidheann as prìseil geàrd;

O Theamhair gu h-I,
Gus a' Chananaich shìos,
Luchd-ealaidh bho'n chrìch 'nur dàil.





Air Ais





Là Inbhir Lòchaidh

[Fonn / Tune]



Hì rim hó ro, hó ro leatha,
Hì rim hó ro, hó ro leatha,
Hì rim hó ro, hó ro leatha,
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill.


'N cuala sibhse 'n tionndadh duineil
Thug an camp bha 'n Cille Chuimein?
'S fada chaidh ainm air an iomairt,
Thug iad as an naimhdean iomain.

Dhìrich mi moch maduinn Dòmhnaich
Gu bràigh caisteil Inbhir Lòchaidh;
Chunnaic mi 'n t-arm dol an òrdugh,
'S bha buaidh a' bhlàir le Clann Dòmhnaill.

Dìreadh a mach glùn Chùil Eachaidh,
Dh'aithnich mi oirbh sùrd bhur tapaidh;
Ged bha mo dhùthaich 'na lasair,
'S éirig air a' chùis mar thachair.

Ged bhitheadh iarlachd a' Bhràghad
An seachd bliadhna so mar tha e,
Gun chur gun chliathadh gun àiteach,
'S math an riadh o bheil sinn pàighte.

Air do làimh-sa, Thighearna Labhair,
Ge mór do bhòsd as do chlaidheamh,
'S iomadh òglach chinne t'athar
Tha 'n Inbhir Lòchaidh 'na laighe.

'S iomadh fear gòrsaid is pillein
Cho math 's a bha beò de d' chinneach
Nach d'fhaod a bhòtainn thoirt tioram,
Ach fòghlaim snàmh air Bun Nibheis.

'S iomadh fear aid agus pìce
Agus cuilbheire chaoil dhìrich
Bha 'n Inbhir Lòchaidh 'na shìneadh,
'S bha luaidh nam ban a Cinn-tìr' ann.

Sgeul a b'aite 'n uair a thigeadh
Air Caimbeulaich nam beul sligneach:
H-uile dream dhiubh mar a thigeadh
Le bualadh lann 'n ceann 'gam bristeadh.

'N là a shaoil iad a dhol leotha
'S ann bha laoich 'gan ruith air reodhadh:
'S iomadh slaodanach mór odhar
A bh'air aodann Ach' an Todhair.

Ge bè dhìreadh Tom na h-Aire,
'S iomadh spòg ùr bh' air dhroch shailleadh,
Neul marbh air an sùil gun anam,
An déidh an sgiùrsadh le lannan.

Thug sibh toiteal teth mu Lòchaidh,
Bhith 'gam bualadh mu na srònaibh:
'S lìonmhor claidheamh claisghorm còmhnard
Bha bualadh 'n lamhan Chlann Dòmhnaill.

'Nuair chruinnich mór dhragh na falachd,
'N am rùsgadh nan greidlean tana,
Bha iongnan Dhuibhneach ri talamh
An déidh an lùithean a ghearradh.

'S lìonmhor corp nochdte gun aodach
'Nan sìneadh air Chnoc an Fhraoiche,
O'n bhlàr an greasta na saoidhean
Gu ceann Leitir Blàr a' Chaorainn.

Dh'innsinn sgeul eile le fìrinn,
Cho math 's nì cléireach a sgrìobhadh,
Chaidh na laoich ud gu'n dìcheall,
'S chuir iad maoim air luchd am mìoruin.

Iain Mhùideartaich nan seòl soilleir,
Sheòladh an cuan ri là doilleir,
Ort cha d'fhuaradh bristeadh coinne:
'S ait leam Barra-breac fo d' chomas.

Cha b'e sud an siubhal cearbach
A thug Alasdair do Albainn,
Creachadh losgadh agus marbhadh,
'S leagadh leis Coileach Shrath Bhalgaidh.

An t-eun dona chaill a cheutaidh
An Sasann 'n Albainn 's an Eirinn,
Ite e a cùrr na sgéithe:
Gur misde leam on a ghéill e.

Alasdair nan geurlann sgaiteach,
Gheall thu 'n dé a bhith cur as dhaibh;
Chuir thu 'n ratreut seach an caisteal,
Seòladh glé mhath air an leantainn.

Alasdair nan geurlann guineach,
Nam biodh agad àrmainn Mhuile,
Thug thu air na dh'fhalbh dhiubh fuireach,
'S ratreut air pràbar an duilisg.

Alasdair mhic Cholla ghasda,
Làmh dheas a sgoltadh nan caisteal,
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa,
'S ma dh'òl iad càl chuir thu asd' e.

'M b'aithne dhuibh-se 'n Goirtean Odhar?
'S math a bha e air a thodhar;
Chan innear chaorach no ghobhar,
Ach fuil Dhuibhneach an déidh reodhadh.

Sgrios oirbh mas truagh leam bhur càramh,
'G éisdeachd anshocair bhur pàisdean,
Caoidh a' phannail bh' anns an àraich,
Donnalaich bhan Earra-Ghàidheal.





Air Ais





Oran Do Alasdair Mac Cholla

An déidh Là Allt Eireann


Guma slàn 's guma h-éibhinn
Do'n Alasdair euchdach
Choisinn latha Allt Eireann le mhórshluagh;

Le shaighdearan laghach,
An am gabhail an rathaid
Leis 'm bu mhiannach bhith gabhail a chrònain.

Cha bu phrabaire tlàth thu
Dhol an caigneachadh chlàidhean
An uair bha thu 'sa' ghàrradh ad ònar;

Bha luchd chlogaid is phìcean
A' cur ort mar an dìcheall,
Gus an d'fhuair thu relìobh o Mhontròsa.

'S iomadh òganach sùlghorm
Bha fo lot nan arm rùisgte
Aig geata Chinn-iùdaidh gun chòmhradh;

Agus òganach loinneil
Thuit an adhbhar do loinne,
Bha 'na shìneadh am polla ud Lòchaidh.

'S cha robh Domhach no Geinneach
An talamh Mhic Coinnich
Nach d'fhàg an airm thein' air a' mhòintich;

Cha robh Tomai no Simidh
An talamh Mhic Shimidh
Nach do thàr anns gach ionad am frògaibh.

Chuir sibh pàirt diubh air theicheadh
Gus 'n do ràinig iad Muireabh,
'S chuir sibh lasraichean teine 'sa' Mhormhaich.





Air Ais





Soraidh Do'n Ghràmach


Soraidh do'n Ghràmach
Tha air mhàrsal air fògradh,
Ge tamall o làimh e,
Ta dhàil ri theachd oirnne;
Ge bè ionad do'n champa,
Anns an Spàin no 'san Olaind,
Aon neach leis am b'àill i,
Deoch-slàinte Mhontròsa.

Nan tigeadh Montròs'
Ann ar còmhdhail a dh'Eirinn,
Le trì fichead long sgòdach
'S buill chòrcaich mar shréin orr',
Le'm brataichibh sròil
Agus òrdugh Rìgh Seurlas,
Thug an fhàistinn ud beò sinn
Mar dh'òrdaich Tom Reumhair.

Nuair thig Alasdair tharainn
Le carraid mu earball,
Naoi mìle fear fallain
'Gan tarraing air fairge,
Uibhir eile bhith mar ris
Nach mealladh 'na earbs' e,
De luchd nan cùl geala
'S nan tarrainnean dearga.

Ta seirce 'nad ghruaidhean,
Ta uaisle, ta féile,
Ta maise mhic Rìgh annt';
Dà nì cha tug géill diot,
Bha tapadh is strìth annt' --
Na dhìobradh each sréin thu;
Dh'fhàg thu falt is fuil bhrùite
Mu shùilibh luchd Beurla.

'S lìonmhor mac chinneadh t'athar
Sheasadh faidhir gun ghealtachd,
'S a rùisgeadh a chlaidheamh
Mum faigheadh tu masladh;
Nuair a bheireadh tu cunnta
Bu dùbailt do phacaid;
Bu leat Mac Gill' Eathain,
Fir Atholl, Clann Chatain.

Gun éireadh sud leatsa,
Ge bè leis am b'olc e,
Clann Laghmain, Clann Lachlainn,
'S gach neach thig 'nan compairt;
Sìol Ilpin, Sìol Ailpin,
An comunn nach trocadh,
Eòin Stiùbhart o'n Apainn,
Mac an Ab' a Gleann Dochart.

Clann Dòmhnaill nan sgapall,
Nam bratach, nam pìcean,
Nan lùireach, nan clogad,
Nan ceannbhearta rìoghail,
Nan geurlanna glasa
Leis an caisgte na strìthean,
Gum b'e adhbhar ur gearain
Gun do reic iad an Rìgh uaibh.

Clann Dòmhnaill nam bàtan
'S nan àrdlonga luatha,
Ged a tha sibh mar tha sibh
An tràth-s' air an uair-sa,
Tha 'n fhuil ri bhith pàighte.
Cha sàl a thug uainn i.
Dia dùileach tha làidir:
Tha dàil ri bhith 'n uachdar.

Is oil leam a' chinnte
Bh'aig Iarla na fàidheachd
Gun chaill sibh an fhiacail
A b'fheàrr grìd bha 'san àlach:
Sàr mharcaich eich-strìthe
Nach dìobradh an àithne,
Làmh threun bha gun tuisleadh
A thuit am Blàr Aford.

Gur mór mo chuid éislein
O'n sgeul-s' tha mi clàistinn,
Sibh bhith togail ur léigeard
'N ratreut chum na fàsaich;
Thig marcaich a Eirinn
An éirig na dh'fhàg iad,
'S bidh luchd nan each ceumnach
Ag éigheach a' phàrlaidh.





Air Ais





Cumha Alasdair Mhic Cholla


Air mo dhruim 'san tom fhalaich,
'S beag mo shunnd ris a' bhannal
A chunntadh an t-aran mar lòn.

Fhir nan gearrghruaige duibhe,
Tha mi deurach 'gad chumha
O'n là reub thu cuan sruthach nan ròd.

Gum bu gheur 's gum bu dubhach
Do'n cheud bheul a thubhairt
Gun robh thu air Rubha nan Tòrr.

Cha robh, ghràidh, 's cha bu chubhaidh,
Thu buain bhàirneach air rubha,
'S ann a bhà thu 's do bhuidheann ag òl.

An t-òg aigeannach rìoghail
Chuireadh sgairt fo na mìltean
Nuair a thogte leis pìob is bréid sròil.

Gun éireadh sud leis-san
Fir ùr' agus fleasgaich
O na badain bheag phreas am bi 'n ceò.

Leat bu mhiann a bhith agad
Claidheamh cùil a' chinn aisnich
Le fhaobhar cruaidh sgaiteach geur gorm.

Cha bu tais 's cha bu tlàth thu
Marcachd suas roimh 'n bhragàda
Air each aigeannach àrd nan ceithir bròg.

Cha bu chladhaire truid thu
Dol an aghaidh an trupa;
Ceum air th'adhart 'nan uchd b'e do nòs.

Cha robh cron air mo ghràdh-sa,
Ged a sgrìobhte air clàr e,
Ach a mhiad 's a bha 'n àrdan 'na shròin.

'S tric mi smaointinn roimh latha
Nach do dhìoghail thu t'athair;
Sud a mhiadaich droch dhath air mo neòil.

Am fear liath bha 'sa' Charraig,
Dul iarainn mu bhallaibh,
Faicidh Dia gum b'e 'm baranta slòigh.

Gum b'e biathadh na muice
Rinn sliochd Dhiarmaid an Tuirc ort,
Thuit am fiadh leò 'n Gleann Luis ud an fheòir.

Ach tha mo mhuinghinn an Crìosda
Gum bi latha g'a dhìol sud
Mun teirig do mhìorbhuilean mór.

Fhuair mi sgeul o Dhùn Chanain
A bhrist leus air mo shealladh,
Mo chreach léir nach robh Alasdair beò;

Agus fìrinn o'n chlàrsair
Tighinn air tìr am Port Phàdruig,
Cha d'rinn m'inntinn fhéin fàilte r'a cheòl.

'S oil leam sgapadh fir Ile
Agus uaislean Chinn-tìre,
Is cha b'fhasa leam dìth Raghnaill Oig.

Gun còmhnadh Dia na cinn-fheadhna
Dh'fhalbh am freasdal na gaoithe
Air fleasgairt beag caol nan trì seòl.

'S ann diubh 'n t-Aonghas òg Glinneach
A ghabh fògradh thar linnidh,
'S truagh gun ròiseal d'a chinneadh 'ga chòir.

Agus mis' o chùl gàrraidh
'G amharc trupa Shir Dàidh:
Cha b'iad comunn mo ghràidh-sa na sgreòid.

Rìgh gur h-iomadh sonn àlainn,
Bha gu companta bràithreil,
Thuit mu sgonnsa Dhùn Abhairt gun deò:

Luchd chathadh nan cuaintean
Ri latha dh'a fhuairead,
Ged a dh'éireadh muir suas ri slait-bheòil;

Luchd bhualadh nam buillean
Nuair bu chruaidh air càch fuireach,
Nam biodh uachdarain bhunailteach oirbh.





Air Ais





Iorram do Mhac Gille Eathain Dhubhaird



Cuid de adhbhar mo ghearain
An tì tha 'n làimh anns a' Charraig,
Gus an trialladh luchd ealain o'n fhéill.

B'e sin grianan nan Gàidheal
Agus uaisle fir Alba --
Mac Gill' Eathain nan arm gasd' cruaidh geur.

Ann an toiseach mo ranntan
Thig Mac Leòid o Chaol Acain
Is Sìol Tormoid 's neo-sgàthach 'nan gleus.

Gun tig sìolachadh Uisdein
O Dhùn Sgàthaich an t-siùil sin,
'Gam bi 'n t-iubhar 'ga rùsgadh ri feum,

Air am biodh na cinn ghlasa,
An déidh an eagadh gu dreachmhor,
A' dol an creubhaig le tartraich nam meur.

Thig Clann Dòmhnaill Ghlinn Garaidh
Agus uaislean Loch Arcaig
'Gam bi 'n t-iubhar mìn fada caol réidh.

Gum bi spalpadh air pìoban
'S sluagh ri faicheachd gu lìonmhor,
Luchd nam breacan as rìomhaiche ceum.

'S lìonmhor clogadh is lùireach,
Sgiath cheàrr air làimh diùnlaoich,
Is sàr ghunna nach diùltadh ri feum.

Gum bi'm feachd so dol thairis
Gu dùthaich Mhic Cailein,
'S gum bi smùdan is deannal 'nan déidh.

Gum bi 'n t-sreath so dol seachad
Air na gràineagan glasa,
'S fiamh fionn an òir laiste 'nan déidh.

Is lìonmhor cleasaich' is clàrsair
Triall gu cathair nan Gàidheal,
O 's ceann-uidhe dhaibh Aros nan ceud.

Bidh luchd giodail a' falbh uainn
O nach cubhaidh leinn ann iad,
'S gum bi biodagan dearga 'nan cré;

Gu bioradh sliochd Dhiarmaid,
Prasgan salach an iasgaich,
O nach bi sinn am bliadhna d'an réir.





Air Ais





Cumha Mhontròis


Mi gabhail Srath Dhruim-uachdair,
'S beag m'aighear anns an uair seo,
Tha 'n lath' air dol gu gruamachd,
'S chan e tha buain mo sproc.

Ge duilich leam 's ge dìobhail
M'fhear-cinnidh math bhith dhìth orm,
Chan fhasa leam an sgrìob-s'
Thàinig air an rìoghachd bhochd.

Tha Alba dol fo chìoschain
Air farbhalaich gun fhìrinn,
Bhàrr a chalpa dhìrich --
'S e cuid de m'dhìobhail ghoirt.

Tha Sasannaich 'gar faireigneadh,
'Gar creach 'gar murt 's 'gar marbhadh,
Gun ghabh ar n-Athair fearg ruinn,
Gur dearmad dhuinn 's gur bochd.

Mar bha Cloinn Israéil
Fo bhruid aig Rìgh na h-Eiphit,
Tha sinn' air a' chor cheudna,
Chan éigh iad ruinn ach "Seoc".

Ar Rìgh an déis a chrùnadh,
Mun gann a leum e ùrfhas
'Na thaisdealach bochd rùisgte,
Gun gheàrd gun chùirt gun choisd.

'Ga fharfhuadach as àite
Gun duine leis de chàirdean,
Mar luing air uachdar sàile
Gun stiùir gun ràmh gun phort.

Cha téid mi do Dhùn Eideann
O dhòirteadh fuil a' Ghreumaich,
An leómhann fearail treubhach
'Ga cheusadh air a' chroich.

B'e sud am fìor dhuin' uasal
Nach robh de'n lìnne shuaraich,
Bu ro mhath rudhadh gruaidhe
'N am tarrainn suas gu trod;

Deud chailc bu ro mhath dlùthadh
Fo mhala chaoil gun mhùgaich,
Ge tric do dhàil 'gam dhùsgadh,
Cha rùisg mi chàch e nochd.

Mhic Nèill a Asaint chianail,
Nan glacainn ann mo lìon thu,
Bhiodh m'fhacal air do bhìnne,
'S cha dìobrainn thu o'n chroich.

Nach tachrainn is tu féin
Ann am boglachan Beinn Eite,
Bhiodh uisge dubh na féithe
Dol troimh a chéile 's ploc.

Thu féin is t'athair-céile,
Fear-taighe sin na Léime,
Ged chrochta sibh le chéile
Cha b'éirig air mo lochd.

Craobh ruisgt' de'n abhall bhreugach,
Gun mheas gun chliù gun cheutaidh,
Bha riamh ri murt a chéile,
'Nur fuidheall bheum is chorc.

Marbhphaisg ort féin, a dhìmheis,
Mar olc a reic thu 'n fhìrinn
Air son na mine Lìtich
Agus dà thrian dith goirt.





Air Ais