Latha Bha 'N Ridire Ag Òl

[Fonn / Tune]



Latha bha 'n Ridire ag òl,
Hò rò, hùg a hùg o,
'San taigh-òsd', e fhéin 's a bhean,
Hùg a bhi a, seinn tug ho ro.

'San taigh-òsd', e fhéin 's a bhean,
Hò rò, [etc.]
Ridire gun gheàrr e mheur,
Hùg a bhi a, [etc.]

Gus na rànaig e 'n cnàimh glas;

Dh'fhalbh an fhuil 'na struth gu làr,

Dh'fhalbh an anail 'na ceò as:

Fios air a chàirdean gu léir!

Fios air a chinne gu luath!

Gus an corp a chur gu cill,

Gus a chur fo'n ùir gu grad.

Latha chaidh Fionn dha'n bheinn t-seilg,

Thachair ris colann gun cheann --

Dh'éirich Conan, dh'éirich Conn,

Dh'éirich friogh is fraoch air Bran,

Thug iad gu bodhradh mo chinn.

'S ann agam fhìn a bha 'n long,

B'fheàrr a chuireadh tonn 'na déidh,

'S ann agam fhìn a bha 'n cù

B'fheàrr a chuir a shùil ri seilg,

'S ann agam fhìn a bha 'n t-each

B'fheàrr a mharcraicheadh le sréin,

'S ann agam fhìn a bha bean

B'fheàrr a leanadh ri fear fhéin.