Latha Dha'n Fhinn Am Beinn Ionghnaidh

[Fonn / Tune]



Latha dha'n Fhinn am Beinn Ionghnaidh,
An Fhinn uile 's na fir colgharr',

Chuir iad Caoilt' air luas a chas
Romhpa dhèanamh a' rothaid.

Chunnaig e teach fada bhuaithe
Mar sin 's a dhà dhorus fosgailt:

Bha ainnir ùr air a' chlàr,
Is teine mór a' cur a smàil,

'S oir liom fhìn gun tug i dhomh
Dà thrian dhe biadh is trian dhe h-aodach.

'S cò dhubhar orm-sa sa' rath-solus
Ach fuamhaire mór 'na gharbh dhorus.

"Seachain mi gu dìleas deas:
Cha b'ann ort ... a thàinig.

Leannan a bh'agam o thùs,
Nighean na mealadh 's na meall shùil,

Dàil sheachd bliadhna thug mi dhi,
'S an diugh a thàna' mi orth' aimeairt."

'S thug esan urchair le 'neimh
Dha'n t-sleigh mhóir a bha 'na dhorn;

'S thug mise urchair bhrodann bhras
Chuir mi na cóig cinn o bhràighe.

'S lig mi m'uileann air an tom
'S shil air mo chreuchdan gu trom.

Co lig an guth fathach ciùin
Air an tulaich as mo chionn?

'S gum b'e h-ainm dhomh tighinn go teach
Ailinn nighean Rìgh Dhunnchaidh,

"'S Ailinn dèan thusa rium bàigh,
'S cha chluinn thu e uile bhràch;

Imprig mo sgiath gu Dun Til:
Cha d'imprig té riamh i romhad."