Maighdeanan na h-Airigh

[Fonn / Tune]



Thug mi 'n oidhche raoir 's mi bruadar,
Mar ri nighneagan na buaile;
B'fh́nealt uasal ḿn na gruagaich
Seinn nan duanag anns an àirigh.


[Séisd:]
Thug mi 'n oidhche raoir 'san àirigh,
Thug mi 'n oidhche raoir 'san àirigh;
Chaith mi 'n oidhche chridheil choibhneil,
Mar ri maighdeanan na h-àirigh.


Thug mi 'n oidhche 'n raoir 'san àirigh,
'S crodh a' sileadh bainne tàlaidh,
'S dealt na h-oidhche sileadh chaoibhneis
Air na maighdeanan 'san àirigh.

'S cianail dùsgadh an fhir-fhuadain,
'S e śor-ionndrainn t́r a' bhruadair;
'S tiamhaidh buan da thar nan stuadhan
Cẹl nan gruagach anns an àirigh.