Manitoba
[Fonn / Tune]
O 's bu ghrianach ar maduinn nuair bha sinn 'nar balaich,
Gun chùram, gun ghearain, gun teannachadh màil,
Ach sunndach, làn aigheir, cha laigheadh a' smalan
Air a' chomunn a bh'againn am Baile nam Bàrd.
[Séisd:]
'S nach muladach mise bhith seo gun duin' idir
A thogas, no thuigeas, no sheinneas leam dàn?
Le dùrachd mo chridhe soiridh slàn leis na gillean
A sheòl air an t-slighe gu Manitoba.
'S nuair a ràinig a' mhaduinn gun dol air an aineol
'S a thionail gach caraid a bh'aca 's an àit',
Chan urra mi aithris am bròn a bh'air m'aire
'S an cùl ris a' bhaile 's a' mhaduinn Di-màirt.
'S chan fhaic mi 's an àm seo ach caoirich air bheanntan:
Chan eil as a' ghleann ach fear Gallda no dhà:
Am beagan a dh'fhan dhiubh air rudhaichean mara
'Gan iomain gu cladach 's 'gam feannadh le màl.
Tha luchd-fhearainn shaoir as an àm seo ro ghaolach
Air stòras an t-saoghail a shlaodadh bho chàch;
G'eil innleachdan baoghail 's a' Ghàidhealtachd seo daonnan
Air fògair nan daoine 's chur chaorach 'nan àit'.
'S e faileas na daoine, 's nach sgarach an saoghal --
'S e 's fasan dha daonnan bhith caochladh gach là.
'Nar coigrich air 'uachdar, cha mhaireann 's cha bhuan sinn
Is mìltean de thruaghain 'gam fuadach thar sàil.
Luchd fhéilidh is osan, fo bhonaidean cocte,
Bha riamh air am moladh air thoiseach nam blàr,
Tha 'n diugh 'gan cur thairis gu dùthaich neo-fhallain
'S gun nì air an aire ach a' fearann chur fàs.
Cha labhair mi tuilleadh ma euchd nam fear duineil
Ach ruigidh mi Ruisia 's mullach Alma:
'S e daoiread an fhearainn chuir na Gàidheil an tainead:
'S gun chuimhn' air Sebastopol 's Balaclava.