Marbhrann do Mhac Leòid
[Fonn / Tune]
'S ann mu'n taca so 'n dé, bu trom airneulach m'fheum,
'S mi ri smaointinn air beus do bheòil;
'S ann mu'n taca so 'n dé, bu trom airneulach m'fheum,
'S mi ri smaointinn air beus do bheòil.
Càit an robh e fo'n ghréin, aon mhac gòbha b'fheàrr beus,
Na mo bhràthair deas, treubach, òg?
Càit an robh e, [etc.]
Tighinn o cheardaich a' ghuail, bu ghlan rudhadh do ghruaidh,
Mar an ubhall air uachdar mheòir.
Dh'fhalbh an urchair, mo chreach, as a' chuilbhear chaol, ghlas,
'S bha mo sgaradh gun sgath ri d'fheòil.
'S e mac Cholla nan euchd rinn do bhualadh, mo bheud.
Dh'fhàg sud mise ri m' ré fo leòn.
Nuair a chunnaic mi-fhéin, fuil do chridhe 's do chléibh,
Chuir e 'm pudhar air ghleus 'nam fheòil.
'S i do làmh a bha cruaidh, 's i do chas a bhiodh luath,
Nuair a thachradh tu ruaig no'n tòir.
Bha thu càirdeach dà uair do Shìol Torcaill mu thuath;
Sud na fearaibh a fhuair a leòn.
Cha robh filidheachd cainnt, cha robh lùthchleas, no danns',
Nach do dh'ionnsaich thu 'n "camp" Mhontròis.
'S e bhi dùnadh do shùl' fo d' chaol mhala gun smùr,
'S e do chuir anns an ùir, mo leòn.
O'n a thachair dhomh fhéin, bhi gun bhràthair 'nad dhéidh,
B'fheàrr gun greasadh Mac Dhé mi d' lorg.