M'Eudail Air Do Shùilean Donna
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
M'eudail air do shùilean donna,
Air do shùilean 's air do bhodhaig,
M'eudail air do shùilean donna
'S air do bhodhaig bhòidhich.
B'fheàrr leam fhìn gu robh thu agam,
B'fheàrr leam fhìn na 'n t-òr e,
B'fheàrr leam fhìn gu robh thu agam,
'S e do mhais' a leòn mi.
B'fheàrr leam fhìn na mìle not',
B'fheàrr leam fhìn na 'n daoimean;
B'fheàrr leam fhìn na mìle nota
Gur e nochd an oidhche.
Gar am faighinn idir thu,
Gar am faighinn fhìn thu,
Gar am faighinn idir thu
Na 'n deànadh tu do dhìcheall.