Màiri Mhìn Mheall-Shuileach

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
'Mhàiri mhìn, mheall-shuileach,
'S toigh leam fhìn cruinneag a' chruidh;
Nighean donn nam meall-shuilean
'S air m'fhalluinn, thug mi spéis dhuit.


'S mise tha gu brònach
Nach d'fhaod mi fuireach còmhla riut,
'S mi tarruing air na ròpain,
'S a' chòrcach air mo léine.

Air a' mheadhon oidhche,
Ged b'ann am bàrr a chroinn e,
Bhi 'cuimhneachadh do chaoimhneis,
Gu'n d'thug e roinn de m'chéill uam.

Nuair rachadh i do'n bhuaile,
A bhleoghann a' chruidh ghuailinn,
'S e 'n ceòl is binne chualas,
A duanagan 'gan éisdeachd.

Cha b'e meud do stòrais
A chuir mi féin an tòir ort,
Ach caileag laghach, bhòidheach,
Bhi còmhla rium ag éirigh.

Ma tha sinn gann de stòras,
Chan eil sinn gann de'n òige;
'S a chaoidh cha dìobair lòn sinn,
Ma bhios sinn beò le chéile.