'S Mithich Duinn Eirigh, Mo Nighean Donn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
'S mo nighean donn,
Bheir mi ó ro bha hó
'S mithich duinn éirigh,
Mo nighean donn.


'S misde dhomhs' bhith dol dhachaigh;
Tha mi fad air mo chéilidh.

'S misde dhomhsa bhith gluasad
Seachad buaile na spréidheadh.

Bheir mi m'aghaidh air Muile
Ged a's duilich leam-fhéin e.

Ged a's duilich an-diugh e
Bu ro-dhuilich an-dé e.

A Dhòmhnaill 'ic Lachlainn bhon Bhràighe
Chuirinn fàilte roimh cheud ort.

Bu tu com an duin' uasail
Làmh chruaidh air chùl feuma.

Bu tu 'n companach botuil,
Cha bhiodh sprochd ort mu dheidhinn.

Bu tu 'n companach buideil
Nuair chuirte mu dheidhinn.

Ach ma chaidh do bhàthadh
Bu tu 'n snàmhadair glé mhath.

Dol seachad air Sodha
'S leam bu bhòidheach fo bréid i.

'S tric a shnàmhadh tu 'n linne
Eadar Canaigh 'us Sléite.

'S gura fad tha mi 'n Scalpaigh
Fon nach cleachdar leam Beurla.

'S mór gu'm b'fheàrr a bhith 'm Mòrair
Fon 'm bi òganaich ghleusda.

Fon am bi na fir dhonna
Tighinn an coinneimh a chéile.

Fon am bi na mnathan òga
Thig Di-dòmhnaich 'nan éideadh.