Mo Chridhe Trom, Cha Chàirich Mi
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hi ri ù agus ò,
Mo chridhe trom, cha chàirich mi,
Cha taobh na caileagan mi
O'n sheòl mi-fhìn 'nam mharaiche.
'S mithich dhomh teannadh ris an dàn,
O'n tha mi m'thàmh 's gun char agam;
Mar a dh'éirich dhomh 's mi òg,
Nuair bha mi gòrach, amaideach.
Dh'fhalbh mi 'n aois mu dhà bhliadhn' diag,
Gun robh mi cian air allaban;
A' falbh air luing o thìr gu tìr,
Gun d'rinn mi-fhìn an t-aran dhaibh.
Bha mi 'n còmhnaidh air a' mhuir,
A' falbh le luchd is balaiste;
B' inntinneach an obair i
Bhi ruith le luing nan crannagan.
Bha mi 'n Ceap an Dòchais thall,
Gur fhad o làimh am fearann sin;
Còrr is lethchiad mìle "league";
Gun robh mi-fhìn air m'aineol ann.
Chuir mi seachad a' Mhuir Ruadh,
Gur fhada shuas a chaidh mi;
'S thug mi a' ghrian orm o thuath
Le "Sally" Ruadh dh'Amairiga.
Oidhche dhuinn 's a' Bhàgh an Iar,
Gun laigh i taobh an fhasgaidh dhuinn;
'S mur biodh a' ghaoth air tighinn mu'n cuairt,
Gur h-ann 's a' chuan a chaidlimead.
Dh'éibh an caiptean riunn gu h-àrd,
"Islichibh an canabhas";
'S gun tuirt am "mate", 'se tighinn a-nuas,
"A rìgh gur truagh mar chaillear sinn."
Dh'eibh e 'n "top-sail" thoirt a-bhàn,
'S a h-aodach-àrd a theannachadh;
'S gum b'fheudar dhomh-sa a dhol suas,
Ged b'uamhasach an sealladh e.
Bha mi tuath is bha mi deas,
Is greis am measg nan caileagan;
Greis aig "Bonaparte" am prìosan,
Tha mi sgìth 'nam thaisdealach.
Bha mi seal an arm an Rìgh,
A' giùlan phìc is dhagaichean;
Seal eile còmhla ri na Frangaich
Ann an camp air ghearasdan.
'S dh'éirich mi gu moch Di-Dòmhnaich,
"Breeze" mór o'n ear oirre;
Chunna mi 'n "cutter"'s e fo sheòl,
'S gun tàinig bròn 'ga m'aindheoin orm.
Gur e mise tha gu tùirseach,
Anns an Dùn 's gun char agam;
Tha mo leannan 's an tigh-chiùil,
'S fear 's a' chùil 'ga mealladh orm.
Cha téid mi nis a bhuain an eòrna,
Chan eil feòir no talamh leam;
Tha mo thaigh gun chlach, gun stéidh,
'S gu dé 'm feum 's an leannanachd?
Choisinn mi airgiod gu leòir,
Ged fhuair mi móran allabain;
Na dh'fhòghnadh fad mo shaoghail bhuain,
A dh'aindheoin fuachd na gaillionn dhomh.
Nis o'n tha mi 'n seo 's an Dùn,
'S gun mo dhùil ri carachadh;
Cuiridh mi "reef" 'n a cuid siùil,
'S mo chùlthaobh ris na marannan.