Mo Dhùrachd Do'n Tìr

[Fonn / Tune]



Mo dhùrachd do'n tìr
Far éil dùthaich mo shìnnsir,
Tha sùil agam gu'n till mi
'S cha tréig mi chaoidh a' bharail sin;
Mo dhùrachd do'n tìr.

Is mise tha gu brònach
Bho'n dh'fhàg mi Eilean Leòdhais,
An tìr 's an robh mi eòlach
Nuair thogadh òg 'nam bhalach mi;
Mo dhùrachd do'n tìr.

'S e dh'òrduich Dia nan gràs dhuinn
An talamh bhi 'ga àiteach,
Is daoine bhi a' fàs ann
'S ar saibhlean làn de aran ann.
Mo dhùrachd do'n tìr.

Nam faighinn-sa mo dhùrachd,
Gu'm pillinn gu sgìr Uige;
'S ann innte tha na fiùrain
Bhiodh calm' air chùl nam marannan.
Mo dhùrachd do'n tìr.

Mi dùnadh leis an dàn seo,
'S mo shoraidh leis na càirdean
A' sgapadh feadh gach àite
'S nach pill gu bràth gu'n dachaidhean.
Mo dhùrachd do'n tìr.