Mo Ghaol-sa Màiri
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Hò rò, nach robh thu agam,
Hò rò, nach robh thu agam;
'S truagh a Rìgh nach thu bha agam,
Air an luing is càch 'nan cadal.
O gur e mo ghaol-sa Màiri,
Bean na céille, gnùis na nàire;
Beul a's binne o'n tig an gàire,
'S toigh leam fhìn thu: thug mi gràdh dhut.
'S e mo ghaol a' mhaighdeann chiatach,
'S ann 'nad cheann a dh'fhàs an riaghailt;
Nuair théid mi fhathast 'gad iarraidh,
Pòsaidh sinn mu cheann na bliadhna.
'S e mo ghaol a' mhaighdeann bhanda,
'S aotrom do cheum air chabhsair;
Nuair a théid thu do'n sgoil-dannsa,
'S leat an t-urram air na th'ann dhiubh.
Dhèanainn searbhantas mar sgalag,
Do dhuin-uasal no fear-fearainn;
Oirnn cha bhiodh dìth an arain,
O, cha bhithinn beò 's tu falamh.