Mo Ghille Dubh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Mo thruaigh mi 's mar tha mi 'n diugh,
Mo thruaigh mi 's gur muladach;
'S e 'n gaol a thug mi 'n ghille dhubh,
A rinn an-diugh mo leònadh.


Gu'n tug mi spéis do'n àrmunn
Am bothan beag na h-àiridh,
'Se cuimhneachadh an dràsd'air
A dh'fhàg mi dubhach, brònach.

Mur faigh mi e mar chéile,
Nì tuireadh 's bròn mo léireadh,
'S gun ni 'san t-saoghal nì feum dhomh
As eugais gaol an òigeir.

Ged tha mi 'nis gu cràiteach
'S a' caoidh o'n rinn thu m'fhàgail,
Gur tric a bha mi làmh riut,
'S mo chridhe 'snàmh an sòlas.

O, thug mi gràdh nach caochail
Do dh'òigear an fhuilt chraobhaich;
'Sa nis mur dean mi fhaotainn,
Gur neoni 'n saoghal dhomhsa.

Gur tric a bha sinn mùirneach,
Ged tha mi 'n dràsd' gu tùrsach;
'S ma 's e 's gu'n tug e cùl rium
'San ùir bidh m'àite-còmhnuidh.