E Ho Ro Mo Mhaighdean Lurach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
E horo mo mhaighdean lurach
Dha'n tug mi mo ghaol cho buileach;
'S e dh'fhàg m'inntinn fo mhulad
Nach fhaod mi fuireach 'nad chòir.


'S na biodh dùil agad, a Mhàiri,
Gur ann gad mhealladh a tha mi;
'S docha leam thu na mo mhàthair
Ged is i rinn m'àrach òg.

N' biodh dùil agad a' ghruagaich,
Gur e 'n t-òr a rinn mo bhuaireadh;
Ach a ruadh bha 'nad ghruaidhean,
B'fhèarr leam e na buaile bhò.

'S tu mo chadal, 's tu mo dhùsgadh,
Anns a' mhaduinn mo chairt-iùil thu;
'S ann ort leagainn-sa mo chùrsa
Nuair as dùmh'l a bhios an ceò.

Ged a bhiodh tu 'na do bhanntraich,
'S iomadh fear eile an geall ort,
'S ged a bhiodh claidheamh anns gach làimh aig',
Rachainn-sa gun tàing 'nad chòir.

Ged a tha mise muigh an dràsda
Air long mhór nan crannan àrda;
Tillidh mi thugad, a Mhàiri,
Bidh tus' a ghràidh, agam pòsd'.

Bi mi smuaineachadh gach uair ort
Ged b'ann a-muigh air a' chuain;
Leis a' mheud 's a thug mi luaidh dhut
Cha dual dhomh bhi fada beò.

Bi mi smuaineachadh gach àm ort
Ged b'ann a dol dha'n chrann mi;
Leis a' mheud 's a bha mo gheall ort
Cha'n aithnich mi ceann a' ròp.

Ach na faighinn toil do chàirdean
Toil d'athair 'us do mhàthair,
Gu'n toirinn dhutsa fàinne
Dhe'n a chuid a's fhèarr dhe'n òr.

Théid sinn dha'n a' mhuilean-shàbhaidh,
As a sin gu àite Dhànaidh,
Bho'n fhuair mi eòlas air Màiri,
Tha mi an dràsda air mo dhòigh.

Bidh mi smuaintinn ort 's a' mhaduinn,
Bidh mi bruadar ort na'm chadal;
Cha leig mis' thu, ghaol, as m'aire
Fhad 's bhios mis' air thalamh beò.