Mo Ribhinn Coibhneil


[Fonn / Tune]



Nan robh mise 's mo ribhinn choibhneil
Anns a' choill' far an goir an smeòrach,
Eòin air gheugan 's iad seinn le aoibhneas,
'Sa ghrian a' soillseadh gu boillsgeach bòidheach.


Tha do ghruaidhean cho dearg 's an caorann;
Mar ite faoilinn do mhuineal bhòidheach;
Dà shùil mhìogach a mhealladh mìltean,
'S do chùl snìomhain mar it' an lòin-dubh.

Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi àicheadh,
Ainnir àluinn an leadain bhòidhich;
Gaol nach caochail 's air nach tig fàilinn
Ach gus an càirichear leo fo'n fhòid mi.

Soiridh slàn leis an ribhinn mhàlda,
Ge b'e àite 'sam bi i còmhnaidh,
'S e mo dhùrachd gu'm bi i sàbhailt'
'S gach sonas 's àgh bhi aic' fhad 's is beò i.