Moch An-Diugh A Rinn Mi Gluasad
[Fonn / Tune]
Faill ù hill ò hillinn is ó,
Faill ù hill ò ò hó ro éileadh.
Is moch an diugh a rinn mi gluasad,
Faill ù hill ó hó ro éileadh,
Faill ù hill hillinn is ó,
Faill ù hill ó hó ro éileadh.
Dhìrich mi mach a' bheinn ghruamach,
Shuidh mi air cnoc a' fhraoich uaine,
Chìr mi mo cheann, dh'fhàg mi ghruag ann,
Dh'fhàg mi falt mo chinn 'na dhuail ann.
Sùil dh'an dug mi air mo ghualainn
Chunnacas ri tighinn na h-uaislean,
Le fleasgaichean air an cruachan,
Le 'n gunnaichean air an guaillean.
Eala cha tig slàn o'r luaidhe
Na chearc-fhraoich o thaobh nan cruachan,
Earba bheag a' chorrchinn ghuanaich.
Sùil dh'an tug mi air mo ghualainn
Chunnacas ri tighinn na h-uaislean,
Coltas Raghnaill agus Ruairi.
Is math tha fios 'am d'e chum bhuam thu --
Tainead mo chrodh-laoigh air buailidh.
Cha robh bó dhubh na bó ruadh ann
Na té idir air 'n téid buarach.
Is math tha fios 'am dé chum bhuam thu --
Té eile aig baile 'gad bhuannachd.
Mas i ise 's truime buaile,
Mise 's cairdich dha na h-uaislean
A chunnaig na chì na chuala
Na chuir a' saoghal air uachdar.