Moladh a' Chùil
[Séisd:]
'S toigh leam, ho ro hù,
Bhith 's a' Chùl a' fuireach,
Measg nan daoine còire
Le mo dheoin o'n uiridh.
'S toigh leam, ho ro hù,
Bhith 's a' Chùl a' fuireach.
'S toigh leam a bhith 's t-samhradh
Direach mu chuid alltaibh,
Sòbhrach agus neòinean
Pailt gu leòr 's gach tulaich.
Fear a théid air chuairt ann,
Gheibh e móran suairceis
Measg nan sàr dhaoin'-uaisle
Nach bi'n gruaim ri duine.
Chì e obair Nàduir
A nì feum d'a chàileachd,
Measan milis, tlàth, is
Coille 's àille duilleach.
Grian ag éirigh boillsgeil,
'S a' dealradh mar dhaoimean,
Sgaoileas ceò na h-oidhche
Thar gach roinn is mullach.
Fàileadh gaolach, cùbhraidh
Feadh nan glac 's nan stùcan,
Eòin a' seinn gu sùrdail,
'S bòidheach leam an culaidh.
Bidh lon-dubh ri òran
Anns a' mhaduinn cheòthar,
'S guileag aig an smeòraich
Treòrachadh a h-ulaidh.
'S mìorbhuileach an gleusadh
Bhios aig eòin nan speuran,
'S gur e bhith 'gan éisdeachd
Dh'fhògras éislean buileach.
Tuathanaich an aonaich,
'S leotha crodh is caoirich,
Pailteas bìdh is aodaich
Aig gach aon is chumail.
Fàsaidh fiar as t-samhradh,
Fàsaidh coirce 's eòrna,
'S nuair a thig an geamhradh
Cha bhi gann dhiubh duine.
Fear a th'air an ìosal
Ann an trioblaid inntinn,
Dearbh, ma nì e dìreadh,
Falbhaidh mhìghean uile.
Gheibh e ùrach' slàinte
Feadh nam beanntan àrda,
'S anns na tighean tàmha
Gheibh e fàilt' is furan.
Gheibh e òrain Ghàidhlig
Anns gach comunn càirdeil,
'S bidh gach àilleachd nàduir
Iomadh là 'ga chumail.