Moladh Locha Chaim
[Fonn / Tune]
Ged nach bàrd mi air son òran,
Ag cur còmhla mar a b'fheàrr leam,
Nì mi dichioll aig an àm seo,
Ged tha mi car fann 's a' Ghàidhlig.
[Séisd:]
O gur toigh leam, e gur toigh leam,
O gur toigh leam féin an t-àite;
'S e Loch Cam a thogadh m'inntinn,
Agus gleanntan Clann an Tòisich.
Bho leabhar na cuimhne nì mi sgrìobhadh,
Mu'n Loch Cam a nì mi innseadh;
Mu'n Loch Cam a nì mi sgrìobhadh,
Ged nach ann le brìgh na bàrdachd.
'N àm d'an ghréin' a bhi ag éiridh,
B'e mo spéis a bhith 'san àite,
'G éisdeachd langanaich nam féidh,
'S iad 'nan treud dol chum an t-sàile.
Eileanan a-mach bho'n chladach
Tha cur maise air an àit';
Far an neadaich eòin na mara,
'S iad cho snasmhor snàmh le 'n àl.
Bidh na smeòraich air na craobhan,
Seinn cho sunndach maduinn òirghil;
Agus àrd a' seòladh air a' chladach,
Ge b'e cò a chì an dùthaich,
Chaidh a crùnadh an àm bhòidhche;
Bidh e toileach tighinn duinn,
'S fuireachd dlùth do'n lochan bhòidheach.
'S iomadh caochladh thig air dùthaich,
Tha sin dùblaicht' anns a' cheàrn seo,
Tha Loch Cam an diugh 'na h-onar,
Bho'n a rin na daoin' a fàgail.
Ma bhios duin' air bith a feòraich
Cò rinn stròicean do na Gàidhlig,
Innseadh dhuibh gur e ach Dòmhnull
Dòmhnullach a spliceadh Ghàidhlig.
Seo mo shoraidh do ur n-ionnsaidh,
Ge b'e dùthaich anns an tàmh sibh;
Gu ma buan a bhios ur saoghal,
'S tilleadh dlùth ruinn mar a b'àbhaist.