Mórag
[Fonn / Tune]
'S tu, Mhòrag rinn mo bhuaireadh,
O chunnaic mi Diluain thu;
Tha m' aigne leat a' gluasad,
'S cha tàmh e mur bi buaidh leis,
Mur gèill thu bidh mi truagh dheth.
[Sèisd:]
'S i luaidh mo chagair, Mòrag,
Mo ghaol sa mhadainn Mòrag
Gum b' ait leam agam Mòrag,
'S gur taitneach leam a còmhradh.
Do shaighdean rinn mo leònadh,
'S iad chuir mi uile a h-òrdugh;
Cha bhi mi tuille 'n sòlas
Mur fàiltich thu le pòg mi,
'S do làmh a' gealladh còir ort.
Ge h-ioma té a chì mi,
Cha téid iad uile 'm prìs riut;
'S tu Bhenus measg nam mìltean,
'S e t-eugas thug mo chlì bhuam,
'S a dh'fhàg an diugh gun lì mi.
Nuair bhios mi ann a m'aonar,
'Nam chadal anns an t-seòmar,
Thig t-ìomhaigh làn de bhòidhchead;
An-sin dùisgidh mi le sòlas,
An dùil gu bheil sinn còmhla.
Gun till an t-uisge ri slèibhtean;
Bidh sneachda dubh air gheugan
Mun caochail air mo ghaol dhut.
'S tu m' annsachd 's mo dheò-ghrèine,
'S cha trèig mi mo chèill thu.
'S tu reul am measg nan òg-bhan,
Do mhaise rinn mo leònadh;
Do ghruaidh dh'fhàg fann na ròsan,
Do dheud dh'fhàg glas na neòinein,
'S cha lèir dhomh samhla d' bhòidhchead.
Gur tric mi air mo ghluasad
'N àm cuimhneach air na h-uairean
Bha mis' is tus' a' cluaineas
'S a' ruith le ceuman luatha,
'S nach till iad tuilleadh nuadh dhomh.
Chuala tu mar tha mi,
Gu bheil mo chridhe 'n gràdh dhut;
Nis cuimhnich air do nàdur,
A's tionndaidh ann am blàs rium,
'S na fàg a-chaoidh am thràill mi.